[109]

A Afraca gu Inbhirnis
Le MONTROS.

BU mhath leam, an toiseach, fiachainn ri beagan innse dhuibh mu na daoine dubha a thagainn mar sgalagans mar ghrìobhan ann an Rhodesia.

Le bhithbruidhinn ris na càirdean ann an Alba, tha mi afaicinn nach eil iad idir atuigsinn cho fadair aiss a tha na daoine dubha sin taca ri muinntir na Roinn Eòrpa.

Ann an Alba, tha sibh eòlach air duine dubh no dhà a thig anall don Oilthigh. Ach chan eil achuid as motha agaibh atuigsinn gu bheil an fheadhainn a tha aruigheachd Alba air an taghadh as na mìltean ann an Afraca mar ghillean sònraichte agus tuigseach thar chàich. Chan eil agam ach an fhìrinn an uair a dhìnnseas mi dhuibh gur h-ann mar chloinn a tha achuid as motha dhiùbh.

S iomadh madainn Luainmi air éirigh leis aghréin, ’s briagha fionnar anna bhios mi den bheachd, ’s mi acur umam mo chuid aodaich, nach cuir dad sam bith far mo dhòghach mi. Ach so mar a thachras.

Brùchdaidh mi amach as an tighs mi afeadaireachd. Bithidh mina mo chabhaig adol a dhionnsaigh an t-sabhail far a bheil leth-cheud a tha ag obair air an fhearann afeitheamh rium gus òrdanan an latha fhaotainn. Ach a bhios aig oisinn an tighe ach draibhear na làraidhe acasadaich gus a bhith cinnteach nach téid mi seachad air gun fhaicinn.

“ ’ tha ceàrr?” canaidh mi, “A bheil am fuachd agad?”

Chan eil. Ach faic an gearradh a thair mo bhathais, a rinn Nyampanza an raoir.”

An robh sibh asabaid?”

O cha robh. Cha do rinn e ach mo bhualadh anns an dol seachad le maide mór a bhana làimh.”

Bithidh làn fhiosam gur e na breùgan a thaige, oir chuala mi na drumaichean adol fad na h-oidhche an uair a bha iad adannsa agus ag òl Kaffir Beer a bhios iad adeanamh dhoibh fhéinna ghalanan. Bithidh fiosam cuideachd gu robh achuid as motha acais an draibhearnam measgair an daoraich.

Coisich matà,” canaidh mi, “tha na gillean eile afeitheamh rium.”

Fiach gun cuir sibh plastar air aghearradh agam,” their esan.

Tillidh mi air ais don tigh gus am plastar fhaighinn. Thig mi amach le ungaidh-leigheis is deagh phìos plastair dha, is cuiridh mi air a cheann iad. Tòisichidh mi air coiseachd a dhionnsaigh an t-sabhail a rithist.

Airur socair mionaid, Inkosi (sin an t-ainm a thaca air maighistir) feumaidh sibh not a thoirt dhomh air iasad airson a phostadh a dhionnsaigh mo mhàthar.”

Càite a bheil an not a fhuair thu Di-Sathuirne airson an aon rud?” their mise gun mo cheum a tharraing.

Chaidh a goid as mo phòcaid.”

A bheil thu ag ìnnse dhòmhsa nach robh thu air an daoraich an



[110]

raoir, oir mur a do chosg thu an not air an leann, chaidh a goid an uair a bha thu fo mhisg.”

O, Baba, Baba (sin a bhios aca rin athair) “nach sibh a tha eòlach oirnnair na gillean!”

Tha gu dearbh. Ach, co-dhiùbh, greas ort leis an làraidh, oir tha sinn adol a thogail abhuntàta.”

Cumaidh mi orm, ’s mi an dùil gu bheil egam leantainn. Bheir sinn amach na pocannans na bascaideans na toimhsean, ’s cuiridh mi an tractor chun an achaidh. Bithidh na gillean eile air streap suas air an làraidh, deiseil gu falbh . . . .

Ach càite am bheil an draibhear a nise?

Bithidh esan air tilleadh a dhionnsaigh an tighe far a bheil e a rithist acasadaich air taobh amuigh na h-uinneige afiachainn ri aire mo mhnatha fhaotainn airson not eile fhaighinn aisde-se.

Bithidh sinn a nise air leth-uair a chall leis an duine sin, ’s cha bhi mo shùnnd cho maths a bhà e.

Theid miga iarraidh. Agus an uair a gheibh mi es a chàineas mi e, canaidh e gu bheil e tìnn co-dhiùbhs nach urrainn dha a dhol a dhobair. Bheir mi deagh sgailc dha, ’s tòisichidh mi air, ach falbhaidh ena dheann don làraidhs théid iad a dhionnsaigh an achaidh mu dheireadh thall.

S fheudar an uair sin a bhith afalbh don bhàthaich, oir tha galair ùmh air den chrodh. Bfheudar dhomh penicillin a chur oirre an raoir, agus, mar a tha fios agaibh, feumar am bainne aice a chumail air leth. Bu chòir fios a bhith aig an sgalaig air sin, ach ged a chuir mina chuimhne an raoir e, tha làn fhiosam nach cuimhnich e.

Sin dìreach mar a bhitheas. Agus is fheudar dhomh na deich galain bhainne a thoirt do na mucan!

Bithidh fios agaibh a nise an sùnnd anns am bi mi atilleadh dhachaidh airson mo bhracaisd. Ach chan eil air ach falbh as deidh luchd oibreach abhuntàta.

An uair a ruigeas mi an t-achadh cha bhi duine beò ann, ged a bhios coltas gun do thòisich iad ceart gu leòir. Bithidh an tractors an làraidhnan seasamh ri taobh a chéiles na h-einseanan aca acrònan ri chéile.

Ann an cóig mionaidean cluinnidh mi na gillean atilleadh, agàireachdaichs iad ann an deagh shùrd. Agus a bhios air an toiseach ach an draibhear, ’s maigheach aigena làimh.

Bithidh mise a nise feargach buileach riutha airson an obair fhàgail. Ach, co-dhiùbh, tòisichidh fear aca ri innse dhomh mar a ruith draibhear na làraidh. Thòisich a h-uile fear aca aruith, ach besan a rug air amhaighich le a dhà làimh fhéin!

Théid mi as a dhéidh gus leasan a thoirt dha. Ach bithidh esan fichead slat uam. A h-uile ceum a bheir misega ionnsaigh, bheir esan ceum air falbh. Tha fios aige-san, agus agamsa, nach h-urrainn dhomh breith air, agus cha tig ena mo chòir gus an ath an uair a bhios mfhearg air fuarachadh.

Sin mar a tha iomadh latha air an tuathanachas agamsa ann an Rhodesia.



[111]

[Dealbh]
Diùc Mhontròis

Sin mar a bha bha sud, agus, an uair a thill mi dhachaidh gu mo dhìnneir, chaidh mi thairis air amhadainn a bhagam do mo bhean.

Tha iad afàs nas miosa a h-uile ,” arsa mise.

Tha iad mar a bha iad riamh,” ars ise, “Tha trì bliadhna on bha turus againn do dhAlba, agus tha làn thìde agad cuairt eile a ghabhail far nach fhaic thu aodann dubh. Chunnaic mise sin bho chionn mìos na dhà, agus, ged nach do dhinnis mi dhut, tha ticeadan agam airson aMhòid am bliadhna.”

Agus sin dìreach mar a thainig mise gu Mòd Inbhirnis!

titleA Afraca gu Inbhirnis
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Diùc Mhontròis in Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page