Ceol Na Pioba
(2) GILLEASBUIG MACNEILL
Le FIONNLAGH MACNEILL
MAR a dh’fhaodadh sibh a thuigsinn bho a ainm, ’s ann á Eilean Bharraidh a thainig sinnsearan Ghilleasbuig MhicNèill, oir ’s ann as an eilean sin a dh’fhalbh a shean-seanair. ’S ann á Giogha a bha athair, agus ged rugadh Gilleasbuig fhéin ann an Glaschu, bha e glé òg nuair chaidh e a dh’fhuireach còmhla ri sheanair agus ri sheanamhair ann an Giogha. An déidh dha bliadhna no dhà a chur seachad ann an Giogha, chaidh a thoirt gu baile beag do’n ainm An Rubha (Rhu) ann an siorrachd Dhun Bhreatainn, agus is ann an sin, agus a rithist ann a Helensburgh a chaidh oileanachadh.
Nuair a dh’fhàg e an sgoil, is ann ann am bùth leabhraichean a fhuair e obair an toiseach, agus bha e ag obair anns a’ bhùth sin troimh ’n gheamhradh mhór ann an 1895, nuair bha Loch Laomuinn reòdhta bho cheann gu ceann fad deich seachdainean. Tha cuimhne aige air a’ gheamhradh sin cho math ’s ged b’ann an dé a bhiodh ann.
Chaidh Gilleasbuig an déidh sin do ’n t-seirbheis aig Sir Uilleam Orr-Ewing ann an Caisteal Aird nan Capull, agus is ann an sin a thainig am feadan ’na lùib an toiseach, nuair thainig fear Iain MacLeòid
[Ceòl]
[Ceòl]
amach á Leòdhus a dh’obair ann an Rhu. Is ann aig Iain a chuala Gilleasbuig a’ phìob an toiseach, agus is e a’ chiad phort is cuimhne leis fear do ’m b’ainm “An Nighean Dubh.” Aig an àm so cuideachd bha pìobaire math ag obair aig Sir Uilleam—Ruairidh Friseal á Baile Eóghainn an Siorrachd Rois, agus aon oidhche, air dhà am balach òg Gilleasbuig fhaicinn ’na shuidhe ’ga éisdeachd a’ cluich, dh’fhoighnich e dha am bu chaomh leis a’ phìob ionnsachadh. Cha do dh’iarr Gilleasbuig an dara cuireadh. Thuirt e gum b’eadh, agus mar sin thòisich e air an fheadan.
Tha e coltach gur h-e fìor fhear-teagaisge math a bh’ann an Ruairidh, ach co-dhiùbh bha Gilleasbuig ’ga fhaicinn fhéin glé fhortanach, oir cha robh fear-teagaisge eile ann na b’fhaisg dha na dà mhìle dheug, far an robh Murchadh MacLeòid a’ fuireach ann an Renton. A thuilleadh air an deagh ionnsachadh a fhuair e bho Ruairidh, bha e cuideachd a’ cluinntinn pìobairean math a’ cluich aig na co-fharpaisean a bhiodh ’gan cumail anns na làithean sin ann an Renton, an Alexandria agus ann an Helensburgh. Ann an 1897 dh’fhiach Gilleasbuig fhéin air a’ cho-fharpais ann a Helensburgh, agus fhuair e an dara duais, a’ deanamh a’ chúis le sin air a mhaighstir, Ruairidh Friseal, a fhuair an treas duais!
Ach ’s ann an uair sin, nuair bha e a’ deanamh ainm dha fhéin mar phìobaire, a bhuail an trioblaid e. Bha e ag obair ’na ghàirnealair ann a Shandon aig an àm, agus ann an aon oidhche, cha mhór, chaill e a fhradharc gu tur, ri linn buille a fhuair e an cùl a chinn nuair bha e ’na bhalach òg. B’fheudar dha an obair a bha aige fhàgail agus a thighinn a Ghlaschu chun a’ bhùth-oibre a bha air Sràid a’ Chaisteil airson nan daoine dall, agus dh’oibrich e an sin gus an tug an t-sean aois air stad. Rinn e cuideachd a dhachaidh ann an Glaschu; phòs e agus thog e teaghlach ann, agus tha e a nis air dà fhichead bliadhna a chur seachad anns a’ bhaile sin.
Bha e an toiseach ’na rùn a’ phìob a leigeil seachad nuair a chaill e a fhradharc, agus gu dearbh có chuireadh umhail air ged bhiodh e air sin a dhèanamh? Ach bha a mhiann air a’ phìob cho mór agus gu robh e eu-comasach dha sin a choimhlionadh, agus mus do sguir e bho dheireadh a chluich, bha e air iomadh bonn òir agus airgid a chosnadh. Thòisich e an sin ag ionnsachadh còmhlan de bhalaich òga ann an Glaschu, agus tha e air iomadh pìobaire math a chur a chosnadh nan duaisean bho ’n uair sin, gu h-àraidh Tómas Pearston, agus mac a bhràthar fhéin, Seumas MacNèill, dithis a tha an diugh, a thuilleadh air a bhith ’nam pìobairean math, le chéile air ceann Colaisde na Pìobaireachd ann an Glaschu. Is e Gilleasbuig fhéin ceann-suidhe na Colaisde.
Thainig an tuilleadh aimlisg air Gilleasbuig ann an 1941, nuair chaidh a ruith sìos le carbad ann an Glaschu. Bha e fortanach a bheatha a thoirt as, ach bhris e a ghàirdean agus a chas, agus chuir sin stad buileach air a chluich; ged bhios e a’ deanamh beagan teagaisg fhathast, chan urrainn dha am feadan a làimhseachadh mar as còir dha.
Ach chan e ’phìob a mhàin a chluicheas Gilleasbuig. Tha e cuideachd fìor mhath air an fhiodhall, inneal a dh’ionnsaich e ’na
bhalach òg ann an Rhu, agus a chluich e iomadh uair aig dannsan ann an Glaschu.
Foighnich dha dé a bheachd air pìobaireachd agus pìobairean an latha ’n diugh, agus canaidh e gu saoil e gu bheil móran a bharrachd a’ cluich air pìob an diugh na bha ann nuair is cuimhne leis-san, agus, ged nach eil an ceòl-mór dad nas fheàrr na bha e uaireigin, gu bheil barrachd sgeadachaidh air a’ cheòl-bheag.
Tha mac aig Gilleasbuig ann an Canada a bhios e a’ tadhal glé thric, agus gu dearbh ’s ann direach nuair bha e air Toronto a ruighinn aon uair a chaidh an dealbh so a tha againn dheth a thogail. ’S ann do nighean a dh’aithnicheadh e fhéin ann am Montreal, Verna Leith, a rinn Gilleasbuig am port so nuair a phòs i, agus is e fìor phort tharrainneach a th’ann. Chan eil e a h-uile uair riaraichte idir le ceòl na pìoba mar a thà e, agus mar sin bidh e a’ fiachainn ri rudeigin ùr, neo-àbhaisteach a chur ann am port. ’S e rud math a tha sin, oir ’s fheàirrde ceòl, mar nì sam bith eile, ùrachadh uair no uaireigin. Co-dhiùbh, chaidh aige gu cinnteach air sin a dheanamh anns a’ phort so. Chan e port furasd a chluich a th’ann idir, ach is math is fhiach do’n phìobaire a bhith strì ris, ma tha meuran air comasach air a’ cheòl a tha gun teagamh anns a’ phort a thoirt as.
[Sanasan]
title | Ceòl na Pìoba (Gilleasbuig MacNèill) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacNèill in Gairm 22 %p |
parent text | Gairm 22 |