Na Cleibh-Ghiomach a Chaidh air Chall
Le ALASDAIR MACUILLEIM
IS toigh leam giomaich; gu dearbh bu toigh leam iad fad mo bheatha, ach nach iad tha daor anns na bùthan? Air an aobhar sin shònraich mise gum fiachainn r’an glacadh nuair a rachainn gus na h-eileanan air mo làithean-saora. Mar sin, cheannaich mi dà chliabh an déidh dhomh sanas fhaicinn anns an Obanach. Is mise a bha toilichte nuair a ràinig iad. Bha iad brèagha, eadhon ged a bha fàileadh neònach creosote a’ tighinn bhuapa a bha a’ sgaoileadh troimh an tigh. Bha mise coma co-dhiùbh. Bha mi a’ smaoineachadh air a’ bhiadh a bhiodh againn, agus a bharrachd air sin, an spòrs!
Dh’fhuirich na cléibh agus am fàileadh far an robh iad a dh’aindeoin mo chéile bhochd. Mu dheireadh thainig an là airson ullachadh. Is mise bha trang a’ cur“luggage rack”air mo charbaid-ola agus na cléibh air a mhullach. Bha mi uair no dhà, no eadhon trì, ’gan ceangal le ròpan, ach mu dheireadh bha a h-uile nì deiseil airson an là màireach. A nis, chan eil an garaids agam ro àrd, ach mheas mi a àirde agus àirde mo charbaid leis na cléibh air a mullach. “Nì e a’ chùis” arsa mise. Mo thruaigh! nach mì bha fada ceàrr. Air mo thobhtaichean móra, dh’iomain mi a’ charbaid asteach do ’n gharaids. Chuala mi fuaim agus ann am prioba na sùla bha an“rack”agus na cléibh air an ùrlar.
Thòisich mi a rithist, agus mu dheireadh bha na h-uile nì aig àird mhóir, mu uair sa’ mhadainn. B’e cosdas na saothair fallus mo bhathais, dha no trì mhallachdan agus dha no trì sgrìoban air mo dheagh charbaid. Co-dhiùbh chaidh mi ’nam shuain an oidhche ud.
Thàinig an là, is bha sinn a’ falbh le carbaid làn threallaich: sinn fhìn, mo dhà chù mhór agus na cléibh. Chaidh a h-uile nì air adhart mar bu mhiann leinn, a dh’aindeoin iomadach sùil a bhith ag amharc air a leithid so de shealladh—carbaid làn, le coin mhóra astigh agus cléibh air a mullach. Rinn sinn stad airson biadh aig tigh-òsda beag, agus an déidh biadh meadhoin-latha, thainig sinn amach agus bha easbuig no cuideigin de’n t-seòrsa sin a’ coimhead air a’ charbaid. “Bha mi a’ smaoineachadh air gu dé bha anns na nithean sin” ars esan, a’ ciallachadh nan cléibh. “An e tighean a th’annta airson bhur coin?” Thug mi sùil air na cléibh bheaga, agus air na coin mhóra Labrador nach rachadh asteach do’n charbaid fhéin ach air éiginn gun ghuth air na cléibh. “Feumaidh gur e amadan a th’ ann,” arsa mise rium fhìn.
Lean sinn oirnn. Bha còmhradh fada agam ri fear an aiseig, agus sinn a’ dol thairis air, mu iasgach nan giomach, agus an déidh sin bha mi cinnteach gum biodh cléibh làn agam a h-uile là.
Mu dheireadh ràinig sinn an t-àite anns a robh sinn gu fuireach. Bha duine òg an sin aig a robh cliù nach bu bheag mar iasgair, agus chaidh mi do’n tigh aige gus a chomhairle fhaotainn. So far an deachaidh mi am mearachd. Sheall e air na cléibh, a’ crathadh a chinn, agus an sin gheàrr e ròp an sud ’s an so, agus chuir e sgadan grod annta a thug mi fad an rathaid bho m’ dhachaidh, agus a b’ aobhar do ’n fhàileadh a bha a’ tighinn bho dheireadh na carbaid. “Tha sin ceart
a nis,” ars esan. “Tha mise glé eòlach air na h-àiteachan anns a bheil na giomaich. Theid sinn amach.” Chaidh sinn amach da-rìreadh, ach bha mo charaid ann am bàta eile le feadhainn anns a robh e a’ cur móran a bharrachd sùim. Lean sinn air a chùlaibh leis na cléibh, agus bha dùil agam gum b’ ann a dh’Eilean Thule a bha esan a’ dol an là ud. Mu dheireadh ghlaodh e, “Leig sìos an so iad.” Sheall mi mun cuairt, agus bha sinn a nis, nam bu mhath mo bharail, ann an teis-meadhon a’ chuain. “Bheil thu cinnteach gur e so an t-àite as fheàrr?” dh’éigh mise. “O ’s e” ars esan. “Gheibh sinn iad a rithist gu furasda; ’s ann agamsa tha fios.” “Is ann agad fhéin is còir fios a bhith,” arsa mise ’s mi tilgeil nan cliabh amach. Chan fhaca mi tuilleadh iad, bha iad caillte anns an doimhne—.
Co-dhiùbh thug geamair dhomh cléibh eile agus fhuair mi giomaich gu leòir an sin, ach bha mi ag iasgach ’nam aonar.
Ach is e so cuspair mo sgeòil. Ma bhios duine air sgrìob do na h-eileanan a siar, agus ma thachras e air cléibh a tha ag iarraidh sealbhadair, tha mi ’n dòchas gun cuir e fios thugam gun dàil.
( ’S e ionnsachadh a rinn an Lighiche MacUilleim air a’ Ghàidhlig, agus ma thog e ceàrd an iasgaich cho luath ’s a thog e a’ Ghàidhlig, chan eagal do’n phrais aige. —FIR-DEASACHAIDH.)
title | Na Cléibh-Ghiomach a Chaidh air Chall |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Alasdair MacUilleim in Gairm 22 %p |
parent text | Gairm 22 |