[126]

An Clo Mor

LE RUAIRIDH CAIMBEUL

( “Tha seachd-bliadhna-fichead a nis on chaidhAn Clò Móra sgrìobhadh an toiseach mar cho-dheuchainn co-cheangailte ri Mòd na bliadhna sin (1930). Tha, mar sin, seachd-bliadhna-fichead ri chur ri àireamh bhliadhnaichean sam bith anns achuspair a leanas. ”)

Tha rùn orm cinn-sgrìobhaidh a ghabhail le beachdachadh air achuspair fo na cinn a leanas:—

(1) Smeuradh nan caorach, no mar theirear ann an àitean, smiùradh nan caorach.
(2) Rùsgadh nan caorach, no faing-an-rùsgaidh.
(3) Nigheadh agus dath na clòimhe.
(4) Cireadh agus Càrdadh.
(5) Snìomh.
(6) Deilbh an t-snàth agus figheadh an aodaich.
(7) Luadh.

I. Chan eil a leithid a rud agus smiùradh air a chleachdadh an àite sam bith an diugh, a chionn, le Achd lagha, feumaidh caoraich a bhith air an tumadh ann an stuth-glanaidh, uair sabhliadhna. Feumaidh, a thuilleadh air sin, am maor-sìthe as fhaisg a làimh, sgrìobhadh fhaotainn gun deach an tumadh so a choimhlionadh gu h-òrdail agus gu rèidh anns gach baile. Anns an t-sean bha gach teaghlach asònrachadh oidhche àraidh gu smiùradh nan caorach. Be an oidhchfhada geamhraidh a bha air a cleachdadh an còmhnaidh airson na h-oibreach so, agus bhiodh na h-uiread de bharailtean tearra air an òrduchadh do gach baile agus tuath, mu sheachdain roimh àm an smiùraidh. Bhiodh prais mhór, ris an cante aphrais thearra, air a cumail gu daonnan anns gach dachaidh, agus an uair nach biodh feum di bhiodh i air a cumail air a beul fòipe an cùil air choreigin mun tigh. Dhfheumadh an teàrr a bhith aig tigheadachd shònraichte, agus be ola éisg mar bu trice, a bha air a cleachdadh gu a tanachadh. Bu trang a bhiodh buill an teaghlaich fad an latha ri cruinneachadh nan caorach don t-sabhal, ri deasachadh fuirm smiùraidh agus ri socrachadh na prais-thearra gu goireas an luchd smiùraidh. ’S e fìor obair sgìth a bhann do neach a bhith fadoidhche le dhruim crom atearradh, agus bu mhaith an obair caora a chur seachad fa chomhair gach leth-uair an uaireadair, a chionn gu robh caoraich trom agus làidir aig an àm so den bhliadhna. Is cuimhne leinn an toileachadh agus an t-urram mór a bhiodh ann dhuinn cothrom fhaotainn gu breith air na caoraich agus an cur thar an casan mar bhiodh feum; agus saoilidh mi le amharc air ais nach do chuir mi oidhche riamh seachad ann an làithean mòige na bu toilichte na oidhche smiùraidh. ’S ann an sin a bhiodh na sgeulachdan co-cheangailte ri muir is tìr agus cha bhiodh fear nan rann idir air dheireadh, am feadh a bha mise balbh agus bodhar do gach eile air thalamh agus mo shùilean mar gum biodh iad air an glaodhadh ris na nithean a bha mu mchomhair. Bha gach caora air a cur air a druim le gach fear, eadar a ghlùinean, agus strìoch air a deanamh anns achlòimh leis an òrdaig, o bhun an earbuill a



[127]

dhionnsaigh na h-amhach. Mar so bha strìoch an déidh strìoch air an dèanamh, mu thrì òirlich o chéile agus air an liosraigeadh le bhith tumadh na corraige anns an teàrr. Tha e air aideachadh gu saor, an diugh, nach eil an tumadh idir cho math don chlòimh ris an t-seann dòigh, ach ged a dhfhaodas sin a bhith mar sin, cha ghabh an smiùradh a thoirt air ais ged bu mhath leinn e. An déidh an smiùraidh bha na caoraich saor o thuilleadh dragha, co-dhiùbh a thaobh na clòimhe, gu meadhon an ath-shamhraidh, an uair a bhiodh na caoraich air an rùsgadh.

II. Bha faing-an-rùsgaidhna fhìor mór anns gach baile agus na feòraicheadh neach dhìom an bu sgìthe bhithinn ann alàithean mo chinneisan uair nach cuireadh dìreadh is teàrnadh nan uchdach cus orm, cha bhiodh e duilich dhomh a ràdh gum be sin fainge. Tha cuimhne mhath agam ruith on sgoil gu tric air na fainge. Ach nach bfhiach e an t-saothair! Tha mi asmaoineachadh, da rìreadh, gun deanainn na bu trice e a rìs, nam bu rud es gum faighinn mòige air ais aon uair eile:—

Bha mi uair a bha mi eòlach
Air gach lòn a bhair an fhirich,
An uair a bha mi òg is eutrom
Ri cuairteachadh an spréidh mun innis,
Béibhinn siubhal feadh chòinich
S dìreadh leòideangan tilleadh (Le Pàdruig Caimbeul.)

A thaobh muinntir amhonaidh a bhith fàgail abhaile aig càinealachadh an latha bhiodh na caoraich gu cumanta anns an fhaing aig tràth nòin agus mu leth-uair-an-uaireadair an déidh sin bhiodh a chaoraich féin ceangailte aig gach fear air an réidhlean ghuirm ri taobh na fainge, agus cha chluinnte ach fuaim nan deimhisean agusthoir dhomh spearrach!” “Cuir luthag air an sin! “ an comharra cluaisetha oirre?” “ ’S e caora fhuadain a tha soagus mar sin air aghaidh. Be pàirt de na comharraidhean cluaise anns abhaile san do rugadh mise iad so: —beum, bàrr, slisinn, toll, crabhcan, miaolan, agus sulag; agus bha bodach ainmeil san dùthaich a bhiodh afalbh o fhaing gu faing, agus bha e air a ràdh nach robh comharra cluaise anns an dùthaich nach baithne dha, agus be sin mu chóig mìle ged nach sgrìobhadhs nach leughadh e smid.

Aig ciaradh an fheasgair thigeadh cairtean air tòir na clòimhe, bha an fhaing seachad, chluinnte mèilich nan uan a chaidh iomrall air na màthraichean air achùl, agus dheanamaid ar rathad dhachaidh gu dubhach sgìth amiannachadh gu mórnar cridhe gum bitheadh faing eile ann an -arna-mhàireach.

III. Théid, a nis, brath a ghabhail air achiad mhath a bhios ann, gus achlòimh a nigheadh. Cha be sin gun sunnd, an bhiodh na boireannaich lem fillidhean mun glùinean agus casruisgte abogadh na clòimhe len casan ann an tubaichean móra ri taobh na h-aibhne, achlann bheag ri màgaran san fheur ghorm mun cuairt agus na gillean beaga ri deanamh leum-leog le bhith tilgeadh leacan cloiche don linne. Nuair a bha achlòimh tioram bha i air a cur seachad ann am pocannan san t-sabhal gu àm achalaineis, agus be



[128]

sin fad agheamhraidhàm an t-sneachda agus an reothaidhan uair nach gabhadh cus de dhoibre fearainn a chur air aghaidh. ’S e cìreadh na clòimhe ciad thòiseachadh achalaineis agus, gu dearbh, be sin obair a bha ag iarraidh foidhidinn gu leòir, ged a bha aon mhaith oirre agus be sin nach robh cus sgil air iarraidh agus gum faodadh beag agus mór, sean agus òg, làmh a chur innte.

Nach tric a chuidich sinn ar seana-mhathair chaomh, ise a bu toidhichs a bu chùramaich umainn, an uair a bhiodh sinnnar suidhe an tac an teine agus teas na grìosaiche ri figheadh brat sgeilmeil de bhreacan Mairi Uisdein air ar luirgne lomnochdanns an obair mhàirnealaich fhadalaich so.

S e dath na clòimhe obair a thanochdadh amach eirmiseachd agus gnìomhachas na muinntir on tàinig sinn, agus is duilich aideachadh nach eil boireannaich an latha so idir cho ealanta ann an oibreachadh nan dathan speisealta a chunnaic sinn an uair a bha sinn òg. Tha dathan bùtha cho goireasach agus cho farasda an cleachdadh an diughs nach ruig neach a leas a bhuadhan nàdurra a chur an céill ach ann an tomhas ro bheag. Bha, mar sin, ar sinnsearan cus na bu ghéire agus na bu tùrailenam breithneachadh air nithean nàdurra na tha muinntir an diugh. Bha iad afaotainn teagaisg o luibhean na machrach, o aghaidh achuain, o aodann na speur, o thorrann nan eas, agus o shéideadh nan gaothan, a bhatoirt dhaibh mór eòlais agus gliocas a bha barraichte, a thaobh nan suidhichidhean sin, an coimeas ruinne.

Bha móran lusan air an cleachdadh ceudan bliadhna air ais gu dath aodaichean is clòimh agus ni an àireamh aca beag sinnnar sealladh féin a diugh nuair a bheachdaicheas sinn cho beags as aithne dhuinn eadhon de dhainmean nan luibheannar cainnt fhìn. Tha mór thoileachadh agamsacur sìos an so ainmean nan luibhean a bhithinn acluinntinnnam bhalach agus an fheum gus an robh iad air an cur, no co-dhiùbh na dathan a bha air fhaotainn uapa.

(1) Dath Dubh: —seilisdear, feàrna, grainnseag, preas nan àirneag, agus copag.
(2) Gorm: —braoileagan (dearc an fhraoich, curra-mhiag, lus nan cearc) agus an droman.
(3) Donn: —Crotal, duileasg, agus duilleag bhàite.
(4) Crò-dheirge: —Corcur agus crotal geal.
(5) Uaine: —Conas, ràmh-dhroighionn, fraoch agus bealaidh.
(6) Or-ubhal: —Beàrnan-brìghde, buaghallan-buidhe, agus preasnan-smeur.
(7) Purpur: —Feòras, lus na feàrnaich, crotal còinich, biolaire, agus cairmeal (carra-meille).
(8) Dearg: —Crotal nan creag, leanartach (braonan fraoich, cairt-làir, leamhnach) agus rùdh (ruamh).
(9) Buidhe: —Craobh-ubhal, uinnsean, leamhan, roid, raineach, Achlasan-Chaluim-Chille (eala-bhuidhe).

Bha lusan sònraichte air an cleachdadh gu bhithg almadh no acairteadh na clòimhe agus biad sin an cumantas, achairt-làir, achairt-leamhna agus achopagach. Bha féill mhór air an rùdh o chionn trì-fichead bliadhnas a deich air ais, mar luibh a dheanadh dath



[129]

brèagha dearg. Tha an lus so afàs ann am fearainn mhachrach agus tha i ro fheumail gu ceangal na gainmhich agus gu a cumail o bhith air a séideadh bho àite gu àite le gaoith. Air an aobhar so tha e -laghail a bhith buain freumhaichean na luis so an diugh. Tha sinn atuigsinn gu robh i anabarrach pailt air machraichean Bheinn-a- Fadhla aig aon àm agus gur h-ann an so a chuireadh achiad chasg orra-san a bha cleachdadh an rùdh gu dath nan clòithean.

IV. ’S e an ath cheum an déidh cìreadh agus dath na clòimhe an càrdadh. Bha na peàrdan, no mar theirear riutha an corràit, na rolagan, air an deanamh leis achàird. Be sin bhòrd fhiodha mu throidh air fhad agus ochd òirlich air leud, agus fiaclan caola iarainn agus dlùth ri chéile air gach bòrd. Bha làmh chruinn fhiodha air gach gu feum na càrdaidh agus bha na rolagan air an dealbhadh agus air an cumadh gu grinn le bhith suathadh agus asgrìobadh na clòimhe eadar an chàrd. Bha iad an sin air an curnan tòrr ann am basgaid no an ciste gu feum na mnatha-snìomh.

V. ’S e achuibhle shnìomh mìr àirneis cho eireachdail agus cho feumails a bha ri fhaicinn ann an tigh sam bith agus chan eil ena iongantas idir i a bhith gu tric air a h-ainmeachadhbean-an-tighe,” agus nach bion-mholta maiseach a bhith faicinn fìor bhean tighe ri toirt srann aighearach air achuibhill agus crònan aigeannach a h-òrain fhéin ri cumail tìde ri astar amhaide-siubhails an dealgain. Ciod e nach tugamaid air an sin fhaotainn air ais anns am biodh anighean

[Dealbh]



[130]

s a màthair ri calanas, an t-seann-bhean aig achìreadh, fear an tighe air abheairt, nàbaidh an ath-dhoruis ri lìonadh nan iteachain car treise, agus sinnenar suidhe ann an tac an teine, ri deanamh chroisean le bioran maide anns an luathaidh, no ri cunntadh nan corrag leisan òrdag, an sgealbag, an gunna fada, nic an t-sagairt, meur bheag an airgid.” A bheil air thalamh a bheir uiread de dhfhagaisgeachd dhuinn air làithean ar n-òige, ri bhithg amharc troimh shùilean ar cuimhne air Mórag ar piuthar ri càrdadh ris abhalla-tharsainn don starsnaich, ar seana-mhathair air an robh ar gaol agus ar déidh, gu socrach agus gu foidhidneach ri cìreadh ris aghealbhan, ar màthair, mar thubhairt sinn a cheana, ri toirt achiùil a bu bhinne chuala sinn a riamh á deil agus siubhal na cuibhill agus an spàl aig fear na beairte agabhail a turuis air aiss air aghaidh cho luaths gur gann a leanadh an t-sùilged a bu sgiobalta biorach san àm sin ia h-astar. ’S gasda is cuimhne leinn gach pàirt den chuibhill. Be na h-eich an mhaide a bhanan seasamh on mhionach agus bha deil na cuibhillna laighe ann an eag am bàrr nan each. Bha maide caol mu throidh gu leth air fad, ceangailte le éill chraicinn, ri ceann na deile agus ris achasachan. Be so am maide-siubhailno mar theirear an cuid de na h-eileanan, —an t-amadan. Bha casan na mnatha-snìomh ag oibreachadh achasachain sìos is suas, bha so ri toirt tarraing air amhaide-shiubhail agus ri cur mun cuairt na deile. A dhionnsaigh na làimhe clìthe bha na maighdeanannan seasamh mu throidh a dhàirde agus mu throidh o chéile. Ceangailte eatorra agus troimh chluais gach maighdinn bha an dealgan, an t-seic, am piurne agus an rathan. Mar bha an toinneamh ri dol anns an t-snàth bha e ruith troimh shùil na seic agus ri sìor lìonadh air an dealgan. Bha bann de shnàth clòimhe ri ceangal réim na cuibhill ris an rathan agus mar sin ri cur mun cuairt an dealgain. Ghabhadh am bann so a bhith air a theannachadh no air a lasachadh le tionndadh na h-iuchrach no na cìche aig làimh chlì na cuibhill. Chan eil e idir furasda cuibhle-shnìomh a cheannach an diugh, a chionn tha an tuairnearachd, mar tha móran de cheirde dhùthchasachail eile, air dol á fasan, agus tha cuimhne againn a bhith faicinn cuibhlichean snìomh air an òrduchadh á Lochlainn o chionn còrr is leth-cheud bliadhna air ais, le gainnead thuairnearan anns an dùthaich so. Ann a bhith afàgail achinn so faodar a ràdh gu robh dhòigh ann gu bhith tachrais an t-snàth thar aphiurne agus be sin ceirsle dheanamh deth, no a chur air achrois-iarna, ach co-dhiùbh, ’s e ceirslean a dhfheumadh a bhith air an cleachdadh ann a bhith deilbh an t-snàth.

VI. ’S ann anns an t-sabhal a bha an deilbh air a dèanamh daonnan a chionn bha fad balla an t-sabhail air iarraidh gu ceartas a thoirt don chùis. Bha na h-uiread de chnagan air an stobadh don bhalla a réir fad achlò agus na ceirslean air an cur ann an soithichean beaga air an làr gu an cumail o bhith rìghleadh air an làr agus ri dol mu chasan an fhir a bha ri deilbh. An uair a bha an snàth-deilbhe ullamh bha e gun dàil air a thoirt a dhionnsaigh na beairte gu bhith air a chur mu chrann, agus be sin, a chur air agharmain shnàth. Bha agharman so air cùl na beairte, air an taobh a bfhaide air falbh on fhigheadair. Bha ina laighe an taobh amuigh de na puist air chnaig ris an cante na h-urracagan. Bha aon neach ri tionndadh achroinn, neach eile



[131]

ri cumail an rathaill agus an treas neachna shuidhe air an làr, a bhuinn an tac amhaide tharsainn, acumail an t-snàtha teann no flagach, mar dhiarradh fear achroinn. Be beartachadh an t-snàth obair a bu draghaile a bha co-cheangailte ris abhreabadaireachd a chionn bha gu daonnan oidhchega chosd ris an obair so. Be an snàth a chur troimh na h-iomarulan (iomadh-dhrulan) a bu duilghe air fad, agus is tric a chunnaic sinn deagh fhoidhidinn an fhigheadair air fheuchainn gu goirt ann a bhith cur gach snàthainn fa-leth ann an sùil fa-leth de na h-iomaruill. Aon uairs gu robh so seachad bha an snàth no an dlùth air a chur troimhn t-slinn agus air a cheangal le lothainnean ris agharmain aodaich, agus bha altga thogail air an t-snàth agus an fhigheadaireachd ri tòiseachadh. Bu mhór ar tlachd aig amannan a bhith leantainn astar na spàil an uair a bhiodh bodach na beairte an deagh fhonn. Ged a bann abualadh san t-sabhal a bhithinn dhaithnichinn ro mhaith le srann na spàil gum bitheadh aphìob acur nan toit dith am pluic mathar. An uair a bhiodh e aig fìor shunnd mar sos e aon làmh ma seach a bhiodh anns abheairt mheadhoin agus làmh mu seach eile aglacadhs atilgeadh na spàil, aguss iomadh réis aodaich san uair-a- thìde, a tharraingeadh an crann-teannaich mun gharmain uchd. Bhithinn-sa gu tric air mo chumail trang alìonadh nan iteachain. Bha na h-iteachain aig an àm sin air an deanamh de luirgne-thoisich chaorach. Cha deanadh luirg-dheiridh feum sam bith a chionn cha robh iad cruinn gu leòir an cnàimh agus chan fhanadh iad air gob na h-aisil agus cha mhotha a thionndaidheadh iad air gathan na spàil. Tha sinn atuigsinn gu bheil iad sin air an reic mar ghoireasan eile an diugh, anns na bùithtean. Mum fàg sinn abheart-fhigheadh faodar ainmeachadh gum be na h-eàrraidh am mìr mu dheireadh den aodach anns abheairt, agus gum be na fuidheagan, an earrann den dlùth nach gabhadh fhigheadh. Bha iad mu chóig òirlich dheug a dhfhad; air an gearradh sìos mun tuiteadh an t-aodach sabheairt, agus air an toirt air ais dhà-san no dhì-se dam buineadh an clò. An uair a thigeadh an neach sin a phàidheadh achlò be tuarasdal abhreabadair, gròt no ceithir sgillinn an t-slat-dhùbailtslat ochd troidhean a dhfhadagus mar sin chì sinn gu robhgoirt an ceannachaig fear na beairte air a h-uile sgillinn a bha e faotainn. Is cuimhne leam gum bitheadh móran den luchd-déiligidh aig mathair atoirt beagan a bharrachd seachad air aphàidheadh àbhaiseach, gu sònraichte a chionns gu robh iad airson nochdadh am buidheachais don fhigheadair a thaobh cho dlùth agus cho daingeanns a bha an t-aodach air fhigheadh. Be mìr-geàrr a bainm don tabhartas so aguss tric asmaoineachadh on sin mi air brìgh an ainm so, cuin a thòisich an cleachdadh an toiseach agus an robh e, mar chleachdadh, cumanta an ceàrnaidhean eile den dùthaich. Co-dhiùbh be sliasaid muilt air dheagh thiormachadh is chruadhachadh a bu trice chunnaic mi riamh san achlais aig muinntir ceann-a- deas abhaile gu sònraichte, agus bu mhotha gu mór a dheanamaidne a thoileachas, mar chloinn ris a mhìr-geàrr, na dheanamaid ris abheagan thasdain a thuiteadh a dhionnsaigh abhodaich.

VII. Bidh mi aco-dhunadh na h-oidhirp so le beagan fhocail a chur sìos muLuadh a Chlò.” Be luadh-chas a bha ann an Leódhus



[132]

[Sanas]



[133]

o chionn deich agus trì fichead bliadhna air ais achs e luadh-làmh a bha ann an Uibhist. Be luadh-chas a bu chabhagaiche agus a baighearaiche na luadh-làmh agus saoilidh mi nach burrainn luadh-làmh a bhith, gu bràth, cho math ri luadh-chas, a chionn gur h-e achas as làidire na làmh. Binntinneach a bhiodh seisear no ochdnar de mhnathan-luaidhenan suidhe air an làr air aon chlàr, ceathrar air gach ceann den chléith-luaidhe agus an clò no pàirt den chlò eatorra gu bhithga bhruthadh agusga thaosnadh anull agus anall le an casan. Bhitheadh an t-òran luaidh acumail siubhail ri astar nan casan. Bhitheadh gach cas dheas air gach taobh ag oibreachadh còmhla agus a rìs gach cas chlìochd casan deas agus ochd casan clì, ma seach. Bu bhrèagha an t-òrdugh, bu phongail an t-astar, bu cheanalta achuideachd agus bu bhinn agus aighearach an ceòl. Chan eil aobhar móran leudachaidh a dheanamh mun chùis. Tha e mar fhasan a bhith adeanamhLuadhgu tric aig cruinnichidhean Gaidhealach ann am móran àitean agus tha an cleachdadh gasda sinna mheadhon air a bhith acumail air chuimhne briathran agus focail a dhfhaodadh, air mhodh eile, a dhol a dhìth. Cha dean mise mar sin ach beagan a ràdh mu bhriathran nach eil air an cleachdadh aig na luaidh sin a dhainmicheadh. Bha an t-aodach air a chur am bogadh ann an uisge siabuinn an latha roimh an luadh agus be so a bhithga chur don chumlaig. Bha e gu tric air fhàgail sachumlaig gun cruinnicheadh na mnathan-luaidh. An sin bha e air fhàsgadh agus air a chur air a chléith-luaidhe. Aig deireadh gach òrain chluinninn gu tric de na mnathan-luaidhe ag éigheach ri càch. “ thair mo chuibhbean?” Bha so aciallachadh e an gille a chaidh a thilgeadh orm anns an òran a chaidh seachad?” No, “Smaoinichibh air aghille a thugadh dhomh, etc.” Gu trics ann le làn spòrs a bha acheisd air a cur. Be luaidh an bu mhotha spòrs agus àbhachdais; be sud na gàireachdaich agus nan leannan. Bhiodh na leannain a baimlisgiche gu tric air an toirt seachadgu sònraichte an gille crùbachairson fearas-chuideachd agus fealla-dhà. Am fac no am faic sinn gu bràth nigheanan bu chridheiles a bu laghaiche na mnathan-luaidhe? Chan fhacs cha burrainn sin a bhith. As déidh an luaidh bha an clò air a chur air choinneil agus air a thoirt don loch no don abhainn a chum an t-ùdhradh a thoirt ass a thiormachadh. Biad so dhà de na h-òrain luaidh a chuala sinn nach deach fhathasd a chur gu h-iomlan an clo:—

Bhi-liù-a- ra--a
Gur mo chruinneag bhòidheach
Bhi-liù-a- ra--a

A nighean bhuidhe tha saghleann
Na fir an geall do phòsadh
Bhi-liù etc.

A nighean bhuidhe tha fon bhruthaich
Mac Cumhais an tòir ort
Bhi-liù etc.

Gur binn tha na na cuthagan
Sabhruthaich sam bi neòinean
Bhi-liù etc.



[134]

(2) Bhi liù ho, Oró mo chuachag Bhi liù ho

Cha bfhada bhiodh mo leannan tighinn á Beannaibh aChuailein
Bhi--liù etc.

S nuair a thigeadh è dhachaidhs nach fhaireadh an gruaim air
Bhi--lìù etc.

Tha mo cheist air aghille thug an linne mu thuath air Bhi-ri-liu etc.

Fuil abhric air do léine fuil an fhéidh air do ghualainn Bhi-ri-liu etc.

Struagh nach robh mi le mo leannan ann an lagan beag uaigneach
Bhi-ri-liu etc.

Fo dhubhar na coille far an goireadh achuachag. Bhi-ri-liu etc.

Tha ena thoileachadh mór don ùghdar so a sgrìobhadh. Tha e asaoilsinn mar gum bitheadh móran làithean air an cur ri aois le bhith toirt gu cuimhne pàirt de na briathran a tha air an cur sìos an so. Biad briathran athar, agus a mhàthar: bu ghlan an teanga agus bu ghnèidheil an dùrachd agus biad nach tugadh beum air càch le briathran neo-gheamnuidh sam bith. Tha mi duilich nach eil mo bhriathransa idir cho taitneach na cho blasda na idir cho tarbhachs a burrainn iadsan an dèanamh.

Bi micuimhneachadh achòmhlain
Shiùbhleadh còmhla rium gu minic.

Ach bho chian do thriall na làithean,
Sgap an t-àl air feadh na cruinne.

Tha cuid an talla nan treun diubh
Nach fhaicear fon ghréin so tuilleadh.

Na fir sin nach diùltadh éirigh
Anns an t-sreup nuair chuirte thuig iad.

Nise chaochail làithean mòige,
S thainig neòil nach robh mi sireadh.

Tha mo chiabhagan air liathadh
S dhfhàilnich bliadhnachan mo chinneis.

Cha teid mi abhsaidh air réidhlean
Aig fangadh treudan a chruinnich.

(Le PADRUIG CAIMBEUL.)

titleAn Clo Mór
writersDerek Campbell
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Ruairidh Caimbeul in Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page