[167]

Sean Eolas-Luibh

(3) AN SGITHEACH GEAL

Le ALASDAIR MACILLE MHAOIL

ANN an aon seagh tha droch chliù air an sgitheach, oir their cuid gur ann deth a bha air fhigheadh an crùn droighinn a chuireadh mu cheann an t-Slànaighir. Gheibh sinn iomradh air a so ann an iomadh cànain. Thug Dàibhidh MacEalair luaidh air acheart sona laoidh fhéin:

Crùn sgithich an àite crùn rìgh
Mar thailceass mar dhì-meas mór.”

Ann an Caisteal Chaladair a tha fhathastna thogalach dhìonach làidir, mu sheachd mìle deas air Inbhir-narunn gheibh sinn sean chraobh sgitheich afàs shìos san t-seòmar dhubh fo bhunait na h-aitribh sin. Bha ciad thriath Chaladair fo iomacheist ach càite a suidhicheadh e an daingneachd a bha e an dùil a thogail. Ann an aisling chomhairlicheadh dhà luchd òir a chur air beathach asail, agus an caisteal a stéidheachadh far an stadadh abhrùid. Rinn e sin agus mu dheireadh, sgìth le a h-eallach, laigh i fo phreas sgitheich. Thog am morair an ciad thùr leis aphreasna theis meadhon. Ged tha iomadh linn bhon uair sin tha an sean bhun ri fhaicinn fhathast.

Agus cha do rinn na bàird dìochuimhne airPreas na sgeachag”:

Mìos bog nan ùbhlan breac-mheallach,
Gu peurach, plumbach, sgeachagach,
Aluisreadh sìos le dearcagaibh,
Cìr-mheallach, beachach, gròiseideach.”

titleSean Eòlas-Luibh (An Sgitheach Geal)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Alasdair Mac’Ille Mhaoil in Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page