Air An Spiris
AIR taobh duilleig 238 chì sibh iomradh air “Crìochan Ura”. Tha an leabhar so a’ toirt mór thoileachaidh dhuinne, oir tha e a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ deanamh rud a gheall sinn an luair a thainig a’ chiad Ghairm amach bho chionn sia bliadhna.
Thuirt sin anuairsin gu robh e fodhainn leabhraichean Gàidhlig eile—a thuilleadh air Gairm fhéin—a thoirt amach mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dhuinn. Cha do dhìochuimhnich sinn an gealladh sin.
An uair a chunnaic sinn gu robh an làn leinn, chaidh sinn far an robh ar caraid, Iain A. MacDhòmhnaill, agus dh’ iarr sinn air làmh-chuideachaidh a thoirt dhuinn le leabhar. Chuir sinn dà chùmhnant air. Thuirt sinn ris gur h-e bha dhìth oirnn leabhar eireachdail, inntinn-thogaileach, a dheanadh leabhar sgoile agus, aig a’ cheart àm, a chòrdadh ris na seanairean! Tha sinn an dùil gu bheil an leabhar sin againn a nise. Agus le cuideachadh bho’n Hans Weber Trust tha e ’nar comas a chur anns na bùthan aig prìs a tha ciallach airson leabhar sgoile.
Carson a thòisich sinn le leabhar sgoile?
Thòisich a chionn ’s gu bheil sinn an dùil gu bheil feum air leabhar, ann an spiorad an là ’n diugh, a dhùisgeas ùidh na h-òigridh agus a sheulaicheas dhaibh gu bheil a’ chànan a tha iad ag ionnsachadh beò, ùrail, agus làn chomasach air déiligeadh ri cuspairean na ginealaich so. Bha sinn cuideachd an dùil gu bheil móran de ar luchd leughaidh fhéin eis am bu mhath taghadh de na sgrìobhaidhean á Gairm a thasgadh fo’n aon chòmhdach. Tha an leabhar so cus nas tighe na Gairm, ach suidhidh e gu snog ri taobh Gairm air an sgeilp leabhraichean.
So toiseach tòiseachaidh. Ma chòrdas “Crìochan Ura” ribh, bheir sinn dhuibh tuilleadh. Leabhraichean sgialachd, agus leabhraichean bàrdachd. Ach bithidh sin a réir mar a cheannaicheas agus mar a leughas sibh am fear so!
title | Air An Spiris |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Gairm 23 %p |
parent text | Gairm 23 |