[279]

Sean Eolas-Luibh

(4) AN DARACH

Le ALASDAIR MACILLE MHAOIL

“ ’S chuala mi mar shean-fhacal,
Mun darach, gur fiodh còrr e,
S gur geinn dheth fhéinga theannachadh
A spealtadh ena òrdaibh.”

THA cunntas air an darach glé thràth ann an eachdraidh achinne-daonna. Bha spéis mhór aig na h-Iùdhaich don chraoibh, agus tha i air a h-ainmeachadh san Sgriobtuir co-cheangailte ri tachartasan sònraichte.

Bha na Gaidheil, cuideachd, acur urraim air an darach, agus chanadh iadRìgh na Coilleris. Am beachd nan Lochlannach o shean be craobh-dharaich prìomh-mhàthair sluagh na cruinne. An làimh achìobair bhiodh cuaille daraich, oirna bharail cha shoirbhicheadh spréidh gun darachgan dìon.

Tha fios aig na h-uile mun àite bhaig achraoibh so an creideamh diamhair nan Druidh sna linntean céin, agus fo a sgàil bhatar atiodhlacadh na suinn a thuiteadh sachath.

Tha e air innseadh mu Chumhall, seanair Oisein, gu bheila leaba fo chòs nan clach, am fasgadh an daraig aosda.”

Agus mar theisteas air fad-làithean na craoibhe tha againn an rann neònach so:

Trì aois coin, aois eich,
Trì aois eich, aois duine,
Trì aois duine, aois féidh,
Trì aois féidh, aois fìr-euin,
Trì aois fìr-eun, aois chraobh-daraich.”

titleSean Eòlas-Luibh (An Darach)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Alasdair Mac ’Ille Mhaoil in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page