[281]

An Sgeilp Leabhraichean

Arctic Living le Robert Jack. Clo-bhuailte le Hodder & Stoughton. 12/6.

Rugadh Robert Jack ann an Glaschu, mac do chlachair. Ged a bha e na bu mheasaile air ball-coise na bha e air sgoileireachd, chaidh e don Oilthigh le ministearalachd na h-Eaglais Albannaich fa-near dha. Ach bhan diogladh anns na casan fhathast, agus an uair a fhuair e cuireadh a dhol amach a dhIceland a theagasg ball-coise do dhòigridh an eilein, cha bu ruith leis ach leum. Agus sin a dhaindeoin ochanaich a mhàthar.

Fhads a bha e ann an Iceland ghabh e ùidh mhór ann an cànan an eilein, agus, gu h-àraidh, ann am beul-aithris an t-sluaigh. Ged a thainig e dhachaidh, cha burrainn dha tarraing Iceland a leigeil dheth, agus thill e ann. An turus sin dhfhuirich e, agus, an ceann greise, chaidh ena oileanach do dhOilthigh Reykjavik. Bha sin ann an 1939. Bha an cogadh air tòiseachadh agus chan fhaigheadh e air falbh ged a dhfhiachadh e.

Be bun a bhann gun do dhionnsaich e Icelandic, agus chaidh a phòsadh mar mhinistear ris an Eaglais Lùtaranaich. An uair a fhuair e coimhthional, cha bann air mórthir Iceland a fhuair e e, ach air Eilean Ghriomasaidh a tha a tuath air aChearcal Deighe, agus a tha air aonaranachadh bhon chòrr den t-saoghal le gaoiths le gaillinn fad leth na bliadhna. Is ann mu na bliadhnaichean a chuir e seachad ann an Griomasaidh a tha a leabhar. Chan eil ach aon leabhar eile mun àite.

Tha Jack asgrìobhadh le peann coibhneil, tuigseach. Tha gaol a chridhe aige air na Griomasaich, ach chan eil sin aciallachadh nach eil e afaicinn nam faoineasan beaga a tha annta mar shluagh.

Chan eil ach trì fichead duine air an eilean, agus tha iad uile atighinn beò air croitearachds air iasgach. Is e am ministear am maighstir-sgoile cuideachd, agus, gu tric is e an dotair. Tha mansa agus fearann aige, agus ged a tha na h-eileanaich math dha, feumaidh e a chuid tuathanachais fhéin a dheanamh, agus àite a ghabhailnam measg mar fhear aca fhéin. Cha robh sin furasda, an toiseach, do dhfhear a thogadh ann an Glaschu, ach bha ena chuideachadh dha gun do phòs e caileag Icelandach a thug dha eòlas air an àites air gnathasan an t-sluaigh.

Is e an rud as iongantaiche mun leabhar gum mionnaicheadh sibh, mura robh fios agaibh, gur ann mu aon de na h-eileanan beaga Gaidhealach a tha e. Mu Ghriomasaidh againn fhéins dòcha. Uair an déidh uair, an uair a bhithinnga leughadh, thug e air ais thugam



[282]

cuimhne air làithean anns na Hearadh mar a bha iadnam oige. Gu h-àraidh na h-oidhcheanan céilidh. Tha blas na fìrinne air a h-uile facalan fhìrinn a tha abuileachadh fìor thuigse air an àite air an leughadair.

Chan eil duine air an t-saoghal a chanas gur litreachas mór a tha ann anArctic Living. ”Ach is fhiach ùnnsa sìmplidheachd pùnnd móralachd. Is e tha so leabhar nach leig mise far mo sgeilpe, oir tillidh mi ris an uair a bhios am bailega mo mhùchadh agus a bhios balgam de àile na beatha nàdurraich a dhìth air manam. F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Arctic Living)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page