[205]


Looking Back, ”le Diùc Chataibh.
Clo-bhuailteOdhams Press, Ltd.25/-

Tha Diùc Chataibh suas ri tri ficheads a deich, agus chunnaic e sianar air Cathair Rìoghail Bhreatainnna . Mar sin, tha an leabhar so làn le eachdraidh agus le gliocas, agus tha e atoirt dhuinn seallaidh air duine a tha iongantach ann fhéin. Fear a chunnaic cogadh ann an ceàrnan iomallach an t-saoghail agus a chanadhcaraidri feadhainn leithid Ramsay Macdonald agus Churchill.

Tha an leabhar atoirt iomraidh air eachdraidh an Teaghlaich Chataich, agus chan eil teagamh nach robh buill den teaghlach sin mór agus iomraiteachnan . Ach tha feadhainn a chuireadh teagamh ann an cuid de na tha an Diùc ag ràdha mu na rinn a dhaoine as leth na Gaidhealtachd. Chan eil eachdraidh balbh fhathast mu na làithean anns an deachaidh droch dhìol a dheanamh air na mìltean ann an Cataibh ri linn an tuath a chur far an fhearainn. Achs gann gun



[285]

sùilicheamaid air ball den teaghlach na rudan -chneasda sin a thoirt gu solus an lathan diugh.

Tha móran de dheachdraidh na Pàrlamaid Bhreatannaich bho chionn leth-cheud bliadhna an so, oir bha an Diùc an dlùth cheangal ri móran de na bha adol. Ach chan e an eachdraidh sin brìgh an leabhair idir. Tha na rudan as gasda a tha ann mu làithean òga an Diùc fhéinan uair a chaidh e suas ann amballooncòmhla ri Rolls, na tursan a bha e asealg ann an coilltean uaignidh Afraca, agus rudan mar sin. Is ann anns na cùnntasan sin a chì sinn brìgh agus spiorad fear de fhìor dhaoine móra na h-Albann. F. McD.

[Sanasan]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Looking Back)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page