[205]

Collasa

Le DOMHNALL A. MACNEILL

(Tom Weir)
Gilbeart MacNèill atogail achoirce ann an Cill-Chatain air taobh siar Chollasa.

Collasa, àilleagan nan eileanan an iar! Co-dhiùbh, ’s e sin a bhios na Collasaich ag ràdha, agus tha cho math dhuinn ar pìob fhéin a shéideadh cho math ri eileanaich eile!

Tha an ceart-uair an Collasa ceud agus trì fichead duine, ach ged nach eil an comunn ach beag seach mar a bha e aig aon àm, fhathast tha e sùnndach agus afaotainn toil-inntinn as gach cruinneachadh àraidh a thann.

S e tuathanachas fearainn obair as motha tha san dùthaich a nise, agus thachuid mhór dhe so air a dhèanamh le innealan ùr an lathan diugh. Leis a sin, chan eil na tuathanaich comasach air obair a thoirt do mhóran de na daoine òga, agus feumaidh feadhainn dhiùbh an t-eilean fhàgail cho luaths a dhfhàgas iad an sgoil.

S e aGhàidhlig as deasa leinn ann an Collasa ach feumaidh sinn tacan a thoirt saBheurla san t-samhradh a chumail an luchd tadhail toilichte.

Thionndaich Collasa amach thar nam bliadhnachan a roinn fhéin de luchd marachd, lighichean, maighstirean sgoile agus luchd ceàirde.

Ainmeil ameasg luchd ionnsachaidh bha an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionghuin a shuidh anns achiad chathair Gàidhlige a bhann an Oilthigh Dhun-éidinn. Ameasg oibreachan sònraichte a rinn e tha a h-aon a tha mi asmuainteachadh a bu chòir a bhith air ainmeachadh an so. ’S e sin gun do chruinnich e am fòghlum a rinn comasach dha leabhar fiosraichte a chur ri chéile de na làmh-sgrìobhaidhean a bha



[206]

[Dealbh]
Tom Weir.
Achiad anns an sgoil. Màthair Curstag NicNèillga cur air abhus fo chùram Elsa Jones, abhana-sgoilear.

anns anAdvocates ’ Libraryann an Dun-éideann, agus ann an àiteachan eile ann an Alba.

Chan ann gun dragh mór a rinn e an obair so, chionn bha cuid de na sgrìobhaidhean anns an t-seann Ghàidhlig Eireannaich air a sgrìobhadh eadhon air craicinn chaorach agus bann le solus deàlrach agus le gloinne-sùil làidir a thog e iad.

Air seacaid Gairm chì sibh an sgoil mar a tha i an diugh. Air an làimh chlì tha Catrìona NicNèill; air a cùlaibh Eóghan MacConaill, agus air a chùlaibh-san a charaid, Dàibhidh. Gu -fhortanach thug



[207]

Dàibhidh sùil amach air an uinneig an uair a bha an dealbhga togail. Tha abhana-sgoilear, Elsa Jones, abruidhinn ri Curstag Darach fhads a tha Màiri NicAlasdair dìon asgrìobhadh leis achearraig. Air an cùlaibh-san, Sìne Nic aBhreatanaich agus Eóghan Mac aBhreatanaich, ach tha dithis am falachFionghal NicDhòmhnaill agus Eanruig Mac aBhreatanaich.

Chan eil an dràsda ach aon sgoilear deug anns an sgoil. Ach tha fiughar gun téid an cùnntas suas gun dàil.

Tha iad air an toirt don sgoil ann an carbaid ola.

Tha na rathaideangan tearradh agus tha sinn an dòchas gum bi an obair so réidh ann am bliadhna no dhà. Tha ceithir bàtaichean san t-seachdain bho Thir-mór atadhal agus ged a bhitheas sinn acur diomb air MacBrayne, tha seirbhis nas fheàrr againn na bha againn riamh.

Tha sinn fortanach gu bheil uachdaran math againn a tha daonnan agabhail còir air na daoine. Tha dachaidhean math againn le uisge fuar agus teth, agus tha solas an dealain anns achuid as motha de thighean an eilein.

Tha móran anns an eilean a tha sinn moiteil as: tràighean bòidheach, gàrradh àluinn, agus abaid ainmeil ann an Orasaidh.

Tha sinn duilich mu aon rud. ’S e sin gun deachaidh sgrìobhaidhean an aon bhàird a bhagainn air chall mun dfhuair iad an cur còmhla. Mar sin, ’s fheudar dhuinnann an òrana bhith moladh eileanan eiles chan eil sin ceart idir!

[Dealbh]
(Tom Weir)
Ann an Cill-Chatain. Na tighean ùra le solus an dealain; na seann tigheannam bàthchannan.



[208]

[Dealbh]
(Tom Weir)
Crois ainmeil Orasaidh ri taobh na seann Abaid. So Crois Cheilteach cho brèaghas a tha an Alba.

titleCollasa
writersDonald Archibald MacNeill
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Dòmhnall A. MacNèill in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page