Creach Mhor Na Pairce, 1887
Le DOMHNALL DOMHNALLACH (GIOSLA)
CHA robh ach dà sgìre ann an Eilean Leódhuis an toiseach— Sgìre na h-Uidhe agus Sgìre Bharbhais. Bha am fearann ris an can sinne Na Lochan ceangailte ri Sgìre na h-Uidhe, agus cha robh móran sluaigh a’ tàmh ann, gu h-àraid air taobh a deas Loch Eireasord. Anns a’ phàirt sin ris an can sinne an diugh A’ Phàirc bha frìth-sheilg air a cumail air leth le luchd-faire airson spòrs do’n cheann-feadhna agus a chàirdean. Ann an seann leabhar tha mi a’ leughadh gu robh na féidh anns a’ Bheinn Mhóir (Oiserval) cho reamhar agus gu robh dà earball air na daimh. Ann an làithean Chlann ’Ic Leòid bha e air a cheadachadh do mhuinntir Uige a bhith a’ dol às t-samhradh leis an spréidh aca do’n Phàirc, agus tha an geàrraidh fhathast air a chomharrachadh amach ris an abrar Airigh Dhòmhnaill Chàim. Is ann a so a bha e ’ga fhalach fhéin nuair a bha na Tàilich ’ga lorg ann an Uig thall.
Nuair a fhuair Clann Choinnich gréim air Leódhus ann an 1610, is ann aig ceann Loch Shìphuirt a chuir iad suas a’ chiad chaisteal, agus is ann bho ainm an àite so a ghabh Cailean, a’ chiad Iarla, an tiotal aige. Thog iad gàrradh àrd eadar Loch Sìphort agus Loch Eireasord airson cumail na féidh astigh anns a’ Phàirc agus na meirlich amuigh, ris an abrar gus an là an diugh “Gàrradh an Tighearna.” Anns a’ bhliadhna 1716 chan eil a’ pàidheadh màl anns a’ Phàirc ach aon fhear, Alasdair MacCoinnich, ann an Tàbost, a bha càirdeach do’n Uachdaran, ach mu 1800 bha daoine air a dhol a thigheadas ann an Sìldinis, Isginn, Stìomrabhagh, Leumrabhagh, agus Orasaidh, rud nach biodh air a cheadachadh anns na làithean a dh’ aom. Tha mi a’ leughadh gun deach a’ Phàirc gu léir a leigeil amach air mhàil aig toiseach na naodhamh linn deug do fhear Lachlann MacFhionghuin á Corraidh anns an Eilean Sgitheanach, agus as déidh sin ri Dòmhnall Stiùbhart agus a bhràithrean á Peairt sìos gus a’ bhliadhna 1842. Chaidh a’ Phàirc as déidh sin a chumail suas mar thaca-chaorach, le atharrachadh thuathanach sìos gus a’ bhliadhna 1883, nuair a leig Pàdruig Mór Sellar seachad i. Troimh na bliadhnachan chaidh na daoine a bha còmhnaidh anns na bailtean a dh’ ainmich mi a sgiùrsadh do bhailtean eile no null air a’ chuan mhór gu Ameireaga. Chaidh a’ chuid mhór aca a chur air fearann ann an Crosabost, agus feadhainn eile aca gu Tunga agus Tolasta fo Thuath. Nuair a ruith cùmhnant a’ mhàil amach ann an 1883, chaidh a’ Phàirc a chur suas a rithist mar thaca-chaorach ach cha d’ fhuaireadh fios-freagairt oirre, agus chaidh i an uairsin a cur suas mar frìth-sheilge agus ghabh duine-uasal á Sasuinn i air mhàil, agus chaidh tigh mór grinn a thogail aig Isginn.
Bha bailtean nan Lochan cho bochd ’s air droch ghréidheadh aig an àm so, agus bha na coitearan air fàs nas lìonmhoire agus bha gearain is éigheach mhór anns an sgìre airson tuilleadh fearainn agus ag iarraidh lùghdachadh air na màil a bha iad a’ pàidheadh. Nuair a chaidh Coimisean nan Croitearan a chur air chois bha gnothaichean na b’ fheàrr, ach cha do dh’ éisd Lady Matheson ris an athchuinge a chuir
muinntir nan Loch thuice ag iarraidh pìosan fearainn agus talamh geamhrachaidh anns a’ Phàirc anns na bliadhnachan 1881 agus 1883, agus dh’ aobharaich so droch bhith eadar iad fhéin agus muinntir a’ Chaisteil. Bu docha leotha féidh na daoine bochd leis an acras gun airgead gun fhearann gun dachaidhean.
Bha aig an àm so ’na mhaighstir-sgoile ann am Bailailein fear Dòmhnall MacRath—duine a bha glé eudmhor air taobh luchd-sireadh an fhearainn, oir bha truas mhór aige ri staid muinntir Leódhuis, agus gu h-àraid ri muinntir nan Loch. Bhiodh móran dhaoine a’ cruinneachadh gu tigh-sgoile Bhailailein, a’ cnuasachadh agus a’ bruidhinn ’nam measg fhéin mu dheighinn laghan an fhearainn, agus tha mi cinnteach gum biodh Mgr. MacRath ’gan cuideachadh cho math ’s a b’ aithne dha. Bha an t-Urramach Dòmhnall MacCaluim, ministear Cheòis, air an taobh cuideachd. Bha e mar chleachdadh aca bhith tòiseachadh nan coinneamhan le bhith seinn rann no dhà bho shailm, agus as déidh sin dheidheadh ùrnuigh a chur suas ann an Gàidhlig ghlan choimhlionta ag iarraidh beannachd Dhé air na cuspairean air a robh a’ choinneamh bu bhith beachdachadh. Dh’ éigheadh cuideigin gu robh e ’na thìde an cruinneachadh a sgrùdadh agus an uair sin dheidheadh dusan de na daoine taghte ’nam measg, agus ma bha duine a làthair air a robh amharus gu robh e meadh-bhlàth no air taobh a’ Chaisteil, chaidh a chur an làimh, agus a thogail air cheann ’s air chasan le mór éigheach “Mach leis,” agus dheidheadh a sheotadh amach air an dorus.
Chaidh so air adhart gus a’ bhliadhna 1887, agus bha h-uile seòrsa musg agus gunna air am faighist gréim ’ga thoirt gu h-uaigneach gu tigh-sgoile Bhailailein, as gach ceàrnaidh de Leódhus. Tràth aon mhadainn Di-màirt ann an ciad mhìos a’ gheamhraidh chaidh adharc a shéideadh anns a h-uile baile air Na Lochan, agus amach as gach baile ghluais feachd beag no mór, fireann agus boireann, a’ dèanamh air Bailailein, feadhainn aca le pìobaire air an ceann. Is ann an sud a bha an àrmailt neònach de shluagh acrach piullach, nach fhacar a riamh a leithid ann an Leódhus, nuair a chruinnich iad gu léir, gu àireamh 1,100, aig Bailailein. Rinn iad air a’ Phàirc, sgaoil iad amach ’nan aon sreath, fada bho chéile, a h-uile duine geur air marbhadh na féidh. Chaidh a’ bhean-uasal Platt amach a bhruidhinn agus a reusonachadh riutha, ach cha chanadh iad dad rithe ach“No English, No English, my Lady, ”agus ghabh iad seachad oirre gu cridhe na frìthe, agus nuair a chaidh an Siamarlan far an robh iad chan fhaigheadh e càil ri ràdh ach “An ainm a Dhia a bheil an caoch oirbh gu léir?”
Air oidhche Dhi-màirt chàmpaich iad ann an àite fasgach ann an teis-meadhon na frìthe, ach air Di-ciadain dh’ atharraich iad e gu Airigh Dhòmhnaill Chàim, far an do dh’ fhuirich iad gus an do sgiùrs an t-uisge is an gailleann dhachaidh iad. Chaidh móran sgrios si marbhaidh a dheanamh air féidh anns an dà là sin—thuirt iad fhéin gun do mharbh iad dà cheud co-dhiùbh, ach a rèir na chunntadh de chraicinn bha barrachd air an àireamh sin air cur as dhaibh.
Is e so an inneas a rinn fear a bha làthair air cruth a’ chàmp, “Beachd-smuainich air pàiliun mhór ceud slat a dh’ fhad ceithir-thimcheall, fosgailt air taobh an fhasgaidh, air a thogail le cabair agus
air a chòmhdachadh le seann pìosan siùil airson dìon bho’n uisge. Fada mus do rainig sinn an càmp chunnacas solus nan teinntean, agus chualas fuaim ceòil agus aighearachd tighinn thugainn air an osaig laig a bh’ ann. Bha anns a’ phàiliun aig an àm so còrr air ceud pearsa, agus bha cóig teinntean a’ losgadh gu deàlrach boillsgeach mu choinneimh a’ chàmp. Bha an oidhche ciùin, blàth, agus freagarrach do mhuinntir sgrios na féidh, agus os cionn an teine mór a bha anns a’ mheadhon bha damh slàn air fheannadh a’ ròstadh, agus mu chuairt air deich slat air falbh bha teine mór eile air a robh fiadh mór eile ’ga chòcaireachd, agus air teine mór faisg air an fhear so bha coire ainnidh mór anns a robh fiadh eile air a ghearradh ’na bhloighidean a’ bruich—rud ris an can iad anns a’ Bheurla“Irish stew. ”Air cùlaibh agus faisg air na teinntean bha na fir a bha marbhadh na féidh ’nan sìneadh air seidean fraoich no ’nan suidhe air leacan agus air cnapan creige, ann an trusganan de iomadh dath, air chor nach fhacas a leithid bho làithean Prionnsa Theàrlaich— ’s ann a bha mi ’gan samhlachadh ris na fìor sheann Chaledonians a bha tàmh anns na coilltean mus dàinig na Ròmanaich a riamh do Alba. Bha feadhainn aca ag ith ’s ag òl agus feadhainn a’ cumail connadh air na teinntean, agus feadhainn eile a’ seinn òrain, gu h-àraid òrain Dhonnchaidh Bhàin nan Oran, mar a bha “Chunna mi ’n damh donn ’s na h-éildean.” Nuair a thigeadh coigreach chun a’ chàmp cha robh bacadh sam bith ’ga chur air, ach is ann a bha iad airson craobh-sgaoileadh na h-aobhair airson na ghabh iad an dòigh so airson gun éisdeadh an luchd-riaghlaidh ri ’n tagraibh, agus gheibheadh iad tairgse chridheil gréim bìdh a ghabhail agus iad fhéin a gharadh. Shuidh mi fhéin air clach mhór rèidh faisg air aon de na teinntean agus fhuair mi mo chuid de na nithean math a bha dol—is ann agamsa a bha feum air. “Gu dé tha dol a thachairt dhuibh as déidh obair an latha an diugh?” arsa fear a bha san éisdeachd. “Thagh ar n-athraichean a’ Phàirc os cionn àite eile air na Lochan far am bu mhiann le ar n-Athair atà air Nèamh gum biodh ar còmhnaidhean againn, ach a nis tha sinn ’nar tràillean agus am fearann a bhuineas dhuinne leis a’ cheartas air a chur fo fhéidh agus chaorach. A bheil duine sam bith ’na chéill a’ smuaineachadh gu leig an rìoghachd le sgìre gu h-iomlan bàsachadh leis a’ ghoirt airson gu bheil uachdaran an sud ’s an so lìonadh na glinn ’s na beannaibh le caoraich agus féidh?” Sheas bodach mór, le cheann liath rùisgte, le dhruim ri fear de na teinntean, agus thog e suas a làmhan agus thòisich e air ùrnuigh, ’s abair ùrnuigh—sud far a robh a’ Ghàidhlig bhrèagha, choimhlionta, a’ guidhe air Dia an Athair, Dia am Mac, gum beannaicheadh iad an cuirm sìthne a chòrd cho math riutha uile, agus an obair fheumail, dhiadhaidh anns an robh iad an sàs, agus gu robh e an dòchas gun togtar eaglais bhrèagha air an làrach so air an robh an càmp, mar chuimhneachan air creach mhór na féidh.”
Thill fear a’ phaipeir-naidheachd agus Dòmhnall MacRath gu tigh-sgoile Bhailailein, fada air a’ mhadainn, agus cha robh iad fada an sin nuair a chualas gnogadh chruaidh air an daras, agus as déidh sin nochd fear asteach le aodann cho bàn ris an liathaig, agus crith air leis an eagal, agus na fiaclan aige a’ snagadaich. Dh’ innis e gu robh e tighinn dhachaidh le ceann cabrach féidh air a ghualainn, agus gun
[Sanas]
dainig buidheann choigreach as a dhéidh, ach mu dheireadh gum b’ éiginn dha stad. Thilg e sìos ceann an fhéidh, agus chinntich e beul a’ ghunna air a’ chiad fhear a b’ fhaisge, agus có bha sud ach“Superintendent”nam maor-sìth á Steòrnabhagh, agus a nis bha cionta mhór ’na aghaidh, agus gu dé a dhèanadh e?
Chomhairlich iad dhà a dhol ’ga fhalach fhéin gus an gabhadh an ùpraid so seachad. Cha d’ rinn e so, ach bha urad de dh’ eagal air is chaidh e dìreach chun a’ Chaisteil, agus dh’ innis e ainmeannan a h-uile duine a bha an ceann nan coinneamhan agus a shuidhich creach na féidh anns a’ Phàirc. Anns na h-aon bliadhna deug a bha iad a’ cruinneachadh agus a’ cur air chois dòighean agus innleachdan airson gun tugadh luchd-riaghlaidh na Rìoghachd aire do an éiginn agus am feumalachd, b’ e so an aon duine a bhrath orra.
Rinn paipearan-naidheachd air feadh na rìoghachd móran de sgrìobhadh mu dheighinn creach na féidh anns a’ Phàirc ann an Leódhus agus chuir iad luchd-ceasnachaidh chun an eilein ach am faigheadh iad amach an fhìrinn. Rinn na sgrìobhadairean eachdraidh mhór mu dheighinn staid nan tighean, agus mar a bha muinntir nan Lochan leis a’ ghoirt agus le tinneasan, agus le dìth airgid, agus roimh cheann na mìosa bha £4 ,000 air a chruinneachadh airsonDestitution FundLeódhuis. Chan urrainn dhòmhsa chreidsinn gu robh “mac na Loch” a’ bàsachadh leis a’ ghoirt fhad ’s a bha iasg ris a’ chladach!
Bha an Siorram Friseal agus an“Superintendent”Gòrdanach a’ dol le carbaid troimh an fhrìthe agus thachair orra còmhail dhaoine, a’ chuid mhór aca ’nan coitearan, agus feadhainn aca le àrmachd. Dh’ iarr an Siorram orra tilleadh gu modhail chun nan dachaidhean aca, ach cha toireadh iad feart air, agus b’ éiginn dha “Achd an Tuaireapais” a leughadh do’n phrasgan, agus dh’ innis e dhaibh an cunnart anns an robh iad nan gabhadh iad air adhart leis an dol-amach a bh’ aca. Cha robh an Lagh aig fois, chaidh ceannardan na creiche a chur an sàs, agus an togail gu Dùn-éideann. Chaidh am fiachainn anns an Ard-chùirt, agus chaidh fear-lagha calma, sgilear, ris an canadh iad Mgr. Shaw, a thaghadh airson bruidhinn air an taobh, is gu dearbh ’s ann dha fhéin a b’ aithne sin a dhèanamh. A nis bha sgeul na mì-riarachaidh agus staid muinntir Leódhuis air a dhol fad agus farsaing. Chaidh buidheann dhaoine á Dùn-éideann a mhionnachadh gu toirt amach binn anns a’ chùirt, ach a dh’ aindeoin dìcheall luchd-lagha a’ Chrùin, agus am fianuis a thug am brathadair dhaibh, rinn Mgr. Shaw òraid, as déidh argumaid sgaiteach, a chuir dreach calg-dhìreach air a’ chùis, agus thug anjuryamach binn gu robh iad “Neo-chiontach.”
Chaidh an leigeil ma sgaoil, agus an uair a fhuair an sluagh a bha feitheamh amuigh gréim air Dòmhnall MacRath agus a chompanaich, chaidh an togail gu h-àrd air guaillean nam braisichean tapaidh sìos an t-Sràid Aird agus a h-uile fear ag éigheach “Sìos leis an aintighearnas.” Chaidh iad anull do Ghlaschu, far a robh na Gaidheil a’ feitheamh orra, agus ann an Seòmraichean móra Waterloo chaidh cuirm iongantach a chur fa an comhair, agus rinn Dòmhnall MacRath an òraid a b’fhileanta a rinn e riamh, agus dhùisg e aigne nan Gaidheal gu dìlseachd agus gràdh do’n dachaidhean. Is e “Bailailein” a chanaist ris bho’n uair sin.
title | Creach Mhór Na Pàirce, 1887 |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Dòmhnall Dòmhnallach in Gairm 23 %p |
parent text | Gairm 23 |