Claigeann Mhic Ghilleathain
Le NIALL MACGHILLESHEATHANAICH
THA ann an sgeilp creige an Gleanngàrasdail an ceann a tuath eilean Dhiùra claigeann aon de Chloinn Ghilleathain a mharbhadh ann an còmhraig fhuiltich eadar an cinne sin agus na Caimbeulaich. Còmhla ris a’ Chlaigeann anns an sgeilp tha cnàimh gàirdein, no sléisde—cha chuimhne leam aig an àm—agus cnàimh slinnein as an tugadh slis leis a’ chlaidheamh. Tha e coltach gun tugadh am buille bàis do’n laoch so le claidheamh no le tuaigh, oir tha an claigeann ach beag sgoilte ’na dhà leth.
Bha an là ciùin grianach agus na Leathanaich ’gan cluich féin air an dail réidh bhòidhich is cuid a’ snàmh anns a’ mhuir ghuirm. A leigeil ris cho beag a bha dùil aca gu robh an nàmhaid cho faisg orra chuir iad an cuid arm an taice ri cloich mhóir ris an can sinn gus an latha diugh “Clach nan Arm.”
Bha na Caimbeulaich ri feall fholach orra bho Aird-tracaig, cnoc mór creagach os ceann a’ ghlinne, agus an uair a chunnaic iad an suidheachadh anns an robh na Leathanaich theirinn iad gu seòlta, sàmhach ri bruthach, ’gam falach féin ameasg nan creag. Fhuair iad eadar na Leathanaich is an cuid arm agus thòisich am mort ’s am marbhadh. Cha robh dòigh aig na Leathanaich thruagha air iad féin a dhìon agus tha an sgeul air a h-aithris nach d’ fhuair beò as an àr so ach fear do am b’ ainm Mac a’ Phì. Shnàmh e chun an taoibh eile de’n chamus agus mar fhìrinneachadh, air an aithris their iad gus an latha diugh Rubha Mhic a’ Phì ris an àite san deach e air tìr, agus Uamh Mhic a’ Phì ris an uaimh anns an d’ fholaich se e féin gus an deach an cunnart seachad. Ciod a thug Mac a’ Phì gu bhith anns a’ chuideachd chan fhios duinn mur robh e air turus càirdeil á Colbhasa, no ’na ghille casfhliuch aig aon de mhaithean Chloinn Ghilleathain.
Aig an àm air am bheil mi ag iomradh bha na Caimbeulaich an seilbh air ceann deas an Eilein. Bhiodh e coltach gun deach sin a thoirt dhaibh le Iarla Earraghaidheal air dhà uachdranachd nan Innse Deis a ghabhail os làimh an uair a thugadh ceannsal nan crìochan sin bho Dhòmhnallaich nan Eilean. Bhiodh sin ri linn Righ Seumas a Ceithir, ach bha iarmad de na Dòmhnallaich an Ile fad iomadh bliadhna an déidh sin mar tha dearbhadh againn air Blàr Tràigh Ghruinneard, eadar na Dòmhnallaich is Lachann Mór MacGhilleathain Dhubhaird, anns a’ bhliadhna 1598.
A rèir eachdraidh bha Clann Ghilleathain ’nan uachdarain air an Eilean gu h-iomlan aig aon àm. Tha daoine beachdail an eachdraidh is am beul-aithris ag innseadh gum b’ e mac do Ailean nan Sop a thog Caisteal Arois an Gleanngàrasdail. Cha ruig mi a leas a ràdh nach eil ri fhaicinn an diugh ach làrach na lùchairt sin. Tha e air a ràdh gu bheil an Caisteal sin nas sine na an Caisteal de’n aon ainm am Muile.
Tha tobar aig bonn na creige air an do thogadh an Caisteal ris an canadh na seann daoine Tobar na h-Ighne Doille, ach ge be có ì chan eil beul-aithris ag innseadh dhuinn. Faodaidh mi a ràdh san dol seachad gur ann mar bheagan shlat bho’n chreig so a tha am bothan
anns an d’ àraicheadh Dòmhnall MacEacharna, am bàrd, agus a chuir e air mhaireann mar a leanas:
Am bothan beag an sgàth na creig’
San d’ fhuair mi m’ àrach òg,
Sa’ ghleannan uaine ’n cluinnear fuaim
Is gàirich a’ chuain mhòir, etc.
Tha ainmean àitean a’ toirt dearbhaidh a cheart cho cinnteach ri eachdraidh air tachartasan is daoine nan linntean a dh’ fhalbh. Aig Ceann Mìn na Beinne Brice tha againn Leapaichean ’ic Ailein agus ciod an codhunadh gus an tig sinn ach gum b’ e sud roghainn mhic Ailein nan Sop gu cluain an déidh a bhith a’ sealg fhiadh no thorc-nimhe. Tha Slochd an Tuirc faisg air.
Mu sheachd bliadhna air ais is mi aig an t-seann dachaidh a’ cur seachad làithean saora le mo mhàthar fhuair mi cuireadh bho’n uachdaran, a bha daonnan coibhneil rium, mi a dhol leis féin agus a chuid aoighean air turus cuain gu Coire Bhreacain. Cha bu ruith ach leum leam. Bha anns a’ chuideachd duine iomraiteach do am b’ ainm Garstang agus e air tilleadh bho Ur nan Caldéach far an robh e a’ cladhach ’s a’ bùrach anns na seann làraichean. Bha e mar tha gach coigreach eile a théid an taobh ud, an geall air Coire Bhreacain fhaicinn.
An uair a ràinig sinn beul a’ Choire bha a’ mhuir cho fèathail ri luba nan gèadh. Is math a bha fios aig Dòmhnall, an sgiobair, air sin, oir nam biodh e air atharrach cha rachadh e idir ann.
Chan eil a’ Chuairteag, no a’ Chailleach mar their sinn anns na h-eileanan ud, ’na boil is ’na h-uamhas ach ri sruth lìonaidh agus b’ e duine gun eòlas, gun tuigse a dh’ fheuchadh ri dol am fagus dhi aig àirde lìonaidh an reothairt. A leigeil fhaicinn do’n duine ghasda far am bi a’ Chailleach a’ dol ’na gleus chaidh sinn air tìr aig Port an Tiobairt agus dhìrich sinn suas ri Maol nan Damh. Fhuair Garstang bho’n àirde sin, mu ochd ceud troidh, sealladh math air Sgarba is Eilleacha Naoimh, agus le gloinne-amhairc, air Muile is I Chaluim Cille mu ochd deug mìle bhuainn.
Smaointich mi fhéin gun innsinn do’n duin-uasal mu’n Chlaigeann is sinn mu thrì mìle gu leth bho Ghleanngàrasdail. Dh’ éisd e rium gu faireachail agus aig ceann mo sgeòil thubhairt e rium, “Ciod an ùine bho thachair sin?” Rinn mi suas cunntas aithghearr agus fhreagair mi gum biodh thairis air trì cheud bliadhna. “O,” ars esan, “nan robh e trì mìle bliadhna ghabhainn ùidh ann.” “Thusa ’s do Chlaigeann, a Nèill,” thuirt mi rium fhéin. “Chan eil e ach mar an là dé do’n duine so!”
Cha do lùghdaich a fhreagairt mo mheas air an duine is fios agam gu robh e ainmeil air feadh an t-saoghail gu léir. B’ ann an déidh làimh a dh’ fhiosraich mi gun do chladhaich e leac an dùthaich nan Hiteach an Iudéa agus an déidh a sgrìobadh ’s a glanadh ciod an dealbh a bha snaighte air an lic ach pìobaire. Rinn an duine fiosrach, Garstang, amach gun deach an dealbh a shnaigheadh air an lic mu mhìle bliadhna roimh bhreith Chrìosd. Saoil an deanadh rannsachadh air eachdraidh soilleir dhuinn gum b’ ann bho threubh Iùbail a thàinig Clann Mhic Criomain?
title | Claigeann Mhic Ghilleathain |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Niall MacGhilleSheathanaich in Gairm 23 %p |
parent text | Gairm 23 |