A’ Ghaidhlig An Albainn Nuaidh
Le CALUM IAIN M. MACLEOID.
Oilthigh Dalhousie, an Halifacs, Alba Nuaidh.
’S ANN air a’ chiad là de’n Fhaoilteach, sa’ bhliadhna 1950, a chuireadh air bonn airson na ciad uaireach, an dreuchd ùr ris an abrar, Fear Comhairleach na Gàidhlige, Bòrd Fòghluim na h-Albann Nuaidhe. Tha an dreuchd so fo stiùireadh Luchd-Riaghlaidh na Dùthcha, is feumaidh an duine a tha an sàs san obair a bhith cinnteach nach gabh e gnothach ri“politics, ”taobh seach taobh. Faodaidh e “taghadh” a dhèanamh nuair a thig an t-àm ach an “còrr chan aithne dha,” mar a thuirt am bàrd:—
“An Niseach brùideil,
’S an t-Uigeach aineolach;
An Rubhach cùirteil,
’S an còrr chan aithne dhomh.”
’S gu dé a tha an dreuchd ùr so a’ ciallachadh? ’S iomadh rud sin. Chan eil fad sam bith on a fhuair mi litir o bhoireannach an California a dh’ iarr orm “Urnuigh na Creubhaige” a ghabhail dhi air oidhche àraidh, air an“telephone, ”á Sidni.
’S e cnag na cùise a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh, mar chànain, ameasg nan inbheach is na cloinne bige. A bharrachd air so, tha e mar dhleasdanas do’n Fhear Comhairleach, Pìobaireachd, (is Ceòl-Mór), Dannsaichean Gaidhealach, is cleasan Gaidhealach, a chumail fo aire an t-sluaigh gach là mar a thig, is feumaidh am Fear Comhairleach a
bhith deiseil air breith a thoirt seachad air na h-iomairtean sin aig na Geamaichean is aig na Féistean-Chiùil nuair a thig an t-àm.
Seallamaid car tacain, matà, air staid na Gàidhlige an sgoilean-là na h-Albann Nuaidhe. Thòisich na Gàidheil, an Albainn Nuaidh, ri tagradh a dhèanamh airson na Gàidhlige a bhith air a teagasg cho fada air ais ris a’ bhliadhna 1879. Aig an àm so bha Iain A. Mac GilleMhoire ’na bhall Pàrlamaide an Halifacs, o siorramachd Bhictoria an Eilean Cheap Breatainn. Bha an Luchd-Riaghlaidh dìreach air tì airgead a thoirt seachad do na maighstirean-sgoile a theagaisgeadh Fraingeis. Ghabh Iain an caothach nuair a chuala e mar a bha cùisean, is thog e a ghuth gu làidir, foghainnteach a thaobh còire dlighich nan Gaidheal, a’ Ghàidhlig a bhith air a teagasg mar an ceudna. So agaibh an òraid Ghàidhlig a thug e seachad an Tigh na Pàrlamaide, an Halifacs: —
“Fhir-Labhairt agus a Dhaoine Uaisle, Urramaich,
Air dhomh a bhith a’ toirt fainear gu bheil oidheirpean móra air an cur air chois, agus mór-aonta air a thabhairt dhaibh le pàirt de mhuinntir Chanada, airson tuilleadh pàidhidh a bhith air a thabhairt do mhaighstirean-sgoile a theagasgas do’n chloinn Fhrangaich cainnt nam Frangach. Ach tha mise de’n bharail gu bheil a’ Ghàidhlig urramach cho prìseil ’s cho fiachail ’s gum bu chòir dhi a bhith air a teagasg sna sgoilean cho math ri cainnt sam bith eile, oir gu fìrinneach, ’s i a’ Ghàidhlig cainnt as sine agus as fheàrr a tha an diugh san t-saoghal.
Tha dùil aig luchd-labhairt na Beurla gu bheil an cainnt fhéin nas dlighiche air urram na a’ Ghàidhlig; ach tha iadsan gòrach; agus tha mise cinnteach nach fhaighear an diugh aon duine a bhreithnicheas a’ Bheurla gu ceart, ach an duine sin aig a bheil a’ Ghàidhlig. ’S i a’ chiad chainnt a bha air an talamh, agus nuair nach bi a’ chainnt sin ann, cha bhi feum air cainnt sam bith eile.
Mar sin, ma bhios ullachadh air a dhèanamh airson na cainnte Frangaich gu cinnteach feumar ullachadh a dhèanamh airson na Gàidhlig. Tha sgoilearan fòghlumaichte san t-seann dùthaich ag innse dhuinn gur h-i a’ Ghàidhlig “Rìgh gach cànain,” gu bheil I beartach, ealanta, binn-fhoclach, briathrach, agus glé mhath airson adhraidh is gach nì math eile.
’S i a’ Ghàidhlig a’ chainnt a bh’ aig Adhamh sa’ Ghàrradh. ’S i a’ chainnt a bh’ aig na bàird ’s na seanchaidh’ sna linntean céine a chaidh seachad. Chan eil anns a’ chainnt Fhrangaich ach plubartaich bhochd, is chan eil pàirt de’n Bheurla móran nas fhèarr. Mar sin, tha mise ag ràdh, “Suas leis a’ Ghàidhlig” anns na sgoilean, agus ma bhios tasdan air fhaotainn airson cainnte phrabaich nam Frangach a chumail suas, biodh deich tasdain air a thoirt seachad airson na Gàidhlig urramaich. An cluinn sibh sin?”
Mo bheannachd aig Iain. Slàn far an ìnnsear e.
Sa’ bhliadhna 1921, bha a’ Ghàidhlig air a teagasg an Sgoil-Shamhraidh nam Maighstirean-Sgoile an Albainn Nuaidh, agus fhuaras seòrsa de chead air a teagasg san sgoil-là far nach eil cànain sam bith eile air a’ chlàr-eagair. Chaidh cùrsaichean-teagaisg a chur ri pàipear is leabhraichean-sgoile Gàidhlig ainmeachadh o’n Chiad Cheum do Cheum 12, (noGrade12), mar a their iad san dùthaich so
Bha so riatanach gu leòir ach cha robh luchd-teagaisg Gàidhlig an uair sin ach mar rionnag san oidhche fhrasaich.
Sa’ bhliadhna 1950, shìn Fear Comhairleach na Gàidhlige ri oileanachadh a thoirt seachad do na maighstirean-sgoile a bha a’ freasdail Sgoil-Shamhraidh na h-Albann Nuaidhe, an Oilthigh Dalhousie, an Halifacs. An diugh tha faisg air dà fhichead ban-sgoilear a choisinn teisteanas-teagaisg an cùrsa na Gàidhlige san Sgoil-Shamhraidh, ach chan eil iad sin uile comasach air a’ Gàidhlig a theagasg o Cheum 1 gu Ceum 12. Thig sin ri tìde, oir gheibh foidhidinn furtachd.
Nuair a tha ban-sgoilear, ( ’s ann ainneamh a tha fir-teagaisg a’ gabhail cùrsa na Gàidhlige), a’ toirt buaidh air sgrùdadh na Gàidhlige, agus a’ dol a theagasg do sgoil far a bheil na pàrantan Gaidhealach, tha i a’ sìneadh ris a’ Ghàidhlig a thoirt do’n chloinn cho luath ’s a gheibh i cead o Fhear-rannsachaidh nan Sgoil, is o Bhòrd na Sgoile. Gu math, is gu ro-mhath, ach ’s e dòrainn na cùise nach eil na ban-sgoilearan a tha an sàs, a’ fuireach, mar is trice, ach aon bhliadhna san sgoil-dùthchail, is an sin tha iad a’ dèanamh breacan-á- baile do chèarnaidh eile, is dòcha an teismeadhon nam Frangach, no nan Gearmailteach. Tha mi air m’ fhàgail an uair sin air na fraighibh fàsa aon uair eile. Bha aiteal-boillsgidh anns an adhar ach thàinig dùbhradh air na neòil, car coltach ris a’ Bhàinean nuair a bha e a muigh a’ giomadaireachd aig na h-Eileanan Flannach. Bha droch thìde ri muir fad seachdaine ach thàinig dèarrsadh-gréine aon mhadainn, is an sin thuirt e ri a sgiobadh, “A bhalachaibh, na leigibh oirbh gu faic sibh i gun fhios nach fhalbh i.”
[Dealbh]
A’ Bhean Uasal Cairistìona Nic Ualraig a’ teagasg Gàidhlig do’n chloinn an Sgoil an Uillt, siorramachd Inbhir-nis, Alba Nuaidh.
[Dealbh]
Fear-Comhairleach na Gàidhlige a’ teagasg Gàidhlig do na ban-sgoilearan an Sgoil-Shamhraidh na h-Albann Nuaidhe, an Oilthigh Dalhousie, Halifacs, Alba Nuaidh.
Coma có-dhiùbh, tha an oidhirp ri blàr is air feadh nan seachd bliadhna a chaidh seachad, bha a’ Ghàidhlig air a teagasg san sgoil-là, an Eilean Cheap Breatainn, anns na cèarnaidhean a leanas: —Sgoil-Ard an Naoimh Pheadair, Sgoil-Ard Mhabou, Mabou an Iar, Dùn-Bheagain, Loch Ainslie a Deas, Dail Stiùbhaird, Borgh a’ Chnuic, is Sgoil an Uillt.
Chan eil dìth sgoilean-oidhche againn airson nan inbheach, fad is farsaing, an Gàidhlig, Pìobaireachd, is Dannsaichean Gaidhealach. Tha gach cròilean diùbh sin air a theagasg le muinntir an àite, is tha iad sin air am pàidheadh le Bòrd Fòghluim nan Inbheach. (75 cents san uair).
Nuair a tha sagart a tha ’na sgoilear Gàidhlig, an Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier, an Antigonish, tha e a’ teagasg na Gàidhlige do na h-oileanaich san aitreabh sin.
Anns a’ “Ghàidheal,” àireamh 10, Vol. LII, leugh sibh, tha mi a’ creidsinn, iomradh air iomairt a tha air chois airson Cathrach Ceiltich a stéidheachadh an Oilthigh Dalhousie. Thig so, ar leam, ma bhios daoine cothromach, breithneachail, air chùl nan ràmh, is tha tìde-mhara leinn oir ’s ann á taobh siar Eilean Leódhuis a thàinig cuideachd a’ Chinn-suidhe a tha a’ riaghladh, ’s a’ stiùireadh cùrsa Oilthigh Dalhousie. Feumar 250,000 dolair a chruinneachadh mun tig an là mór sin gu inbhe.
Tha leabhraichean Beurla gu leòir air an clò-bhualadh an Albainn Nuaidh ach ’s ann tearc a tha na leabhraichean Gàidhlig. Tha earrann Ghàidhlig againn ann am pàipear seachdaineach Antigonish ris an abrar“An Casket, ”is tha earrann sa’ Bheurla chruaidh mu nithean
Gaidhealach ann cuideachd, fo’n ainm, “Highland Echoes, ”le “Calum Bàn.” Ré nan seachd bliadhna a chaidh seachad bha dà leabhar air an clò-bhualadh, (1) “Leasanan Gàidhlig air son Luchd-Tòiseachaidh,” (2) “An t-Eilthireach,” le “Calum Bàn.”
Aig deireadh na bliadhna a chaidh seachad rinneadh clàr de na “Leasanan Gàidhlig air son Luchd-Tòiseachaidh,” (àireamh 1), cuideachd le “Calum Bàn,” is a bhean.
Tha raon fada, farsaing, fosgailte anns na nithean sin sa’ Mhór-Roinn so. Tha toradh is bàrr nan achaidhean pailt, sultmhor. Tha sinn a’ cur ri là fuar ach chan eil gu leòir sgiobaidh againn a bhuaineas ri là teth. Tha sinn ag iasgach chudaigean an dràsda. ’S e là nan nithean beaga a th’ ann, ach tha aon rud cinnteach, cudthromach, an làthair, ’s e sin gu bheil a’ Ghàidhlig is gach nì a tha fuaighte rithe, air a cumail fo chomhair an t-sluaigh. Tha Bòrd an Fhòghluim glan air a cùl, is, mar sin, tha i a’ faighinn, eing air eing, inbhe is urraim nach d’ fhuair i roimhe.
Tuigidh sibh gu bheil Fraingeis, mar chànain, an treun a neirt an Albainn Nuaidh, ach a dh’ aindeoin sin tha, (a) ainmeannan Gàidhlig againn air na sràidean an clachan Pugwash, (ainm Innseanach), an siorramachd Chumberland; (b) Seinnidh na daoine dubha an Sidni na h-òrain Ghàidhlig le sunnd is aighear; (c) tha na clàran-bidhe, an cuid de na tighean-òsda againn air an sgrìobhadh an Gàidhlig; (d) tha ainmeannan Gàidhlig air móran de na tighean-samhraidh, ri còrsa na mara, an Albainn Nuaidh; (e) nuair a bha Rob Mac Gille-Fhaolain a’ strì ri faighinn asteach mar bhall-Pàrlamaide san taghadh mu dheireadh, airson siorramachd Inbhir-nis, chuir e a’ Ghàidhlig is Frangeis gu buille, taobh ri taobh mar so:— “FIACH ROB SAN DRIACHD.” “AVEC BOB COMME DEPUTE AVIENDRA PROSPERITE. ”
Sin agaibh sin, ach nuair a thig ceann-cinnidh á Gaidhealtachd na h-Albann amach do’n chèarnaidh so de’n t-saoghal, a h-uile bliadhna le Beurla spreigearra, ghrinn “Ath an Daimh” air a theangaidh, ’s e their e, “gun robh Gàidhlig aige nuair a bha e ’na mhaothran ach gun chaill e i nuair a dh’ fhàs e suas.” Mo thruaighe is mo chonghlas!
Tha Gàidheil na h-Albann Nuaidhe dùrachdach, dealasach, a thaobh dìleib an athraichean a chumail beò. Mar sin, mar a thuirt Mac Crùislig, “fhad ’s a ghléidheas mise beanntan Eilean Cheap Breatainn, gléidhidh beanntan Eilean Cheap Breatainn mi.”
[Sanas]
title | A’ Ghàidhlig An Albainn Nuaidh |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Calum Iain M. MacLeòid in Gairm 23 %p |
parent text | Gairm 23 |