Na Sgoilean Gaidhlig
Le SEUMAS MACTHOMAIS
(2)
GED bu mhór an obair a rinneadh air feadh na Gaidhealtachd leis gach oidhirp air an tug mi iomradh anns an àireamh mu dheireadh bha móran de na Gaidheil fhathast nach d’ fhuair a riamh cothrom leughadh no sgrìobhadh ionnsachadh, gu sònraichte an sluagh a bha fuireachd ann an ceàrnaidhean iomallach. Is ann air a’ mhór shluagh a bha aghaidh gach saothrach gu ruige so. Ach bha, agus tha gus an là an diugh, cròileagain de Ghaidheil thall ’s a bhos, sgapte air feadh nan Garbh Chrìoch agus nan Eilean. Chan fhaodte iad so a dhìochuimhneachadh gu buileach. So an dearbh fheadhainn a bha aig Comunn Nan Sgoilean Gàidhlig an Dun Eideann anns an amharc nuair a chuireadh air chois e anns a’ bhliadhna 1811.
B’ e àrd rùn a’ Chomuinn-sa gum biodh sean is òg, ge be àite anns a’ Ghaidhealtachd anns a robh iad, comasach an Fhìrinn a leughadh ’nan cànain fhéin, an cànain a thuigeadh iad. Is e eòlas na Fìrinne bhith aig an t-sluagh a bha iad ag iarraidh, agus bha làn fhios aca nis nach robh dòigh eile ann gu bhith a’ faighinn na sochair so gus am biodh comas aca na Sgriobturan a leughadh iad fhéin ’nan cainnt fhéin. Air an aobhar sin chuir an Comunn rompa, cho fad ’s a bha e ’nan comas, gum biodh sgoil Ghàidhlig anns gach clachan far a robh feum oirre. Ach bha an fheum farsaing, an t-airgead gann, agus an ùine dol seachad.
An àite sgoilean maireannach a thogail, nì nach gabhadh dèanamh air aithghearr agus a chosgadh móran, b’ e an co-dhunadh gus an tàinig iad maighstir-sgoile a chur airson bliadhna gu leth na dà bhliadhna do bhaile na do sgìre far a robh iarraidh air. Bha muinntir an àite fo fhiachan tigh sgoile a thogail. Cha robh so ’na uallach trom orra, oir bha na tighean mar bu trice suarach gu leòir agus mì-ghoireasach mar an ceudna—tighean beaga tughaidh air bheagan àirneis ’s gun móran blàiths na soluis. Ach far a robh déidh mhór air an tuilleadh eòlais cha robh ionndrain air sochairean eile. Bha an déidh an cuid a bhailtean soilleir gu leòir. Ann an sgoil Phabail, aon de’n chiad chóig a thogadh anns a’ bhliadhna 1811, bha àireamh nan oileanach cho mór ’s nach cumadh an tigh sgoile ach dà thrian diubh. Bha an còrr air na tobhtaichean na air an corra-cnàmh mu’n dorus. Bha an sgoil-sa ’ga fosgladh ri solus coinnle sa’ Gheamhradh aig seachd uairean sa’ mhadainn, bha i dùinte eadar deich is aon uair deug, bha i sàs a rìs gu ceithir uairean feasgar, agus o chóig gu deich na dà uair dheug. Bha an sgoil oidhche airson nan inbheach nach b’ urrainn frithealadh troimh an là, agus bha sgoil air an t-Sàbaid airson neach sam bith nach robh saor fad na seachdaineach. B’ e am pàidheadh a bha aig an Aonghas MacLeòid a bha air ceann na sgoile-sa a là ’s a dh’ oidhche £12 sa ’bhliadhna.
Ged nach robh na tighean sgoile ro ghoireasach, agus ged nach robh leabhraichean leughaidh glé fhreagarrach na pailt aig toiseach
tòisich is mór an t-adhartas a rinneadh ann a leughadh na Fìrinn an ùine nach robh fada. Tha ministear Sgìre nan Loch a’ toirt an iomraidh a leanas air aon sgoil: “Tha na pàrantan agus a’ chlann ag ionnsachadh leughaidh anns an aon chlas, agus tha balaich nach eil ach sia bliadhna a’ leughadh a’ Bhìobuill gu coimhlionta. Tha an Leabhar Cheist aca air an teangaidh a thuilleadh air leth cheud salm.” Agus tha e ’g ràdh an àite eile, “Tha an t-adhartas a tha na sgoilearan a’ deanamh ann an leughadh ’na chùis iongnaidh.”
Bha an Tiomnadh Nuadh air eadar-theangachadh fada mus do thòisich Comunn Nan Sgoilean Gàidhlig, agus bha am Bìobull gu léir deiseil anns a’ bhliadhna 1801. Is e an Fhìrinn a bhith aca ’nan cainnt fhéin meadhon a bha sònraichte feumail agus éifeachdach gu bhith ’g oileanachadh nan Gaidheal, agus meadhon a dh’fhàg Gàidhlig fhallain air am bilean fad iomadh linn.
Sgaoil obair a’ Chomuinn-sa fad is farsaing air Tir-mór agus air feadh eileanan a’ chuain fad nam bliadhnachan, agus faodar a ràdh gu cinnteach gun do dh’ fhàg an sluagh am beannachd aca. Thòisich iad le cóig sgoilean beaga; an ceann bliadhna bha fichead aca, deich anns na h-Eileanan agus deich air Tir-mór. An ceann beagan bhliadhnachan bha comuinn a’ cuideachadh leotha an Glaschu, an Obar Dheadhain, an Dun Dé, an Inbhirnis, am Peart, an Lunnainn ’s am bailtean eile an Sasuinn. Bha dà fhichead sgoil ’s a’ ceithir deug air an cùram anns a’ bhliadhna 1819, agus bha 3,261 sgoilear ag ionnsachadh Gàidhlig annta. Bha sgoilean Gàidhlig air am fosgladh an Dun Eideann, an Obar Dheadhain, an Dun Dé agus am bailtean eile far a robh àireamh mhath de luchd Gàidhlige. Anns a’ bhliadhna 1828 bha ceithir fichead sgoil ’s a cóig fo an riaghladh, dà fhichead ’s a h-ochd air Tir-mór agus seachd deug ar fhichead anns na h-Eileanan.
Bha an sluagh cho riaraichte leis an obair a bha an luchd teagaisg a’ dèanamh ’s gur e sgoilean Chrìosd a theireadh iad ris na sgoilean aca. So teisteanas a dh’ fhàg fear ceasnachaidh, “Tha bhur sgoilean a’ sgaoileadh solus an eòlais anns gach clachan is gleann anns a bheil iad.” Agus a rìs, “Their sinn gu bheil obair chumhachdach an Spioraid a’ sìor sgaoileadh troimh shaothair nan daoine iriosal a tha teagasg anns na sgoilean agaibh. Is iad na sgoilean agaibh gun teagamh am meadhon as buadhmhoire a tha againn idir gu bhith toirt eòlais a’ Chreidimh Chrìosdail do’n t-sluagh.”
Ged a bha còmhnadh airgid a’ tighinn as gach ceàrnaidh bliadhna an déidh bliadhna cha robh e comasach coinneachadh ri feum gach àite a bha ’g iarraidh sgoil, eadhon ged a bhiodh luchd teagaisg na bu lìonmhor na bhà iad. Chan e amhàin gu robh feum air sgoilean an àiteachan anns nach robh sgoil a riamh ach bha feum air ath-thilleadh a dh’ ionnsaigh clachain anns a robh sgoil aca roimhe mar a bha gach ginealach ùr ag éirigh suas. Gun teagamh cha robh an obair a’ sgur cho luath ’s a thogadh an sgoil a h-imrich á baile. Bha e ’na chleachdadh aig cuid co-dhiùbh a bhith cruinneachadh gach seachdain gu bhith dol seachad a rìs air na nithean a dh’ ionnsaich iad.
Cha robh na sgoilean fosgailte fad na bliadhna idir. Aig àm cura is àm buain bha iad uile dùinte. Ach bha iad a’ dol fad ochd mìosan, o mheadhon an Og Mhìos gu meadhon na Sultaine, agus o thoiseach na
Samhna gu toiseach a’ Ghibline. Bha oileanaich o shia bliadhna gu trì fichead bliadhna ’s a deich a’ frithealadh, a’ chlann aig amannan a’ teagasg nam pàrantan.
Bha Comunn Ghlaschu de’n bheachd ged a bha e iomchuidh Gàidhlig a theagasg anns na sgoilean aca gu robh e ceart agus feumail Beurla a theagasg annta mar an ceudna, agus an déidh beagan bhliadhnachan bha Beurla, sgrìobhadh is cunntas ’gan teagasg a thuilleadh air Gàidhlig. Lean Comunn Inbhirnis an eisimpleir cheudna.
Thàinig an t-àm anns nach robh e comasach do Chomunn Dhun Eideann an obair ionmholta a leantainn na b’ fhaide a thaobh meud na cosgais agus gainne an teachd-a- steach. Ach ré nam bliadhnachan a bha iad an sàs fhuair 90,000 sean is òg eòlas leughaidh anns a’ Ghàidhlig.
Rinn Comunn Nam Ban (L.H. A.) saothair nach bu bheag o mheadhon an naoidhimh linn deug ann a bhith suidheachadh sgoilean an àiteachan iomallach anns a’ Ghaidhealtachd far a robh Gàidhlig air a teagasg le oileanaich òga aig a robh sùil ris a’ mhinistrealachd a thoirt amach. Mur a robh iad so eòlach air teagasg bha iad dìcheallach, cùramach, agus lean buaidh mhath an oidhirpean.
An déidh Achd an Fhòghluim anns a’ bhliadhna 1872 bha cuid de luchd teagaisg aig nach robh Gàidhlig iad fhéin a’ bacadh Gàidhlig a bhith air a labhairt idir anns na sgoilean aca, agus dh’ fhàg sin barrachd air aon ghinealach gun chomas Gàidhlig a leughadh fad am beatha ach na fhuair an cothrom anns an sgoil Shàbaid.
Chan eil bacadh air a’ Ghàidhlig a theagasg anns na sgoilean Gaidhealach o chionn dà fhichead bliadhna air ais, ’s ann a tha lagh na Rìoghachd ag agradh gum bi i faighinn àite dligheach ameasg chuspairean eile. Ach cuin a bhios a’ Ghàidhlig air a teagasg do’n chloinn o’n chiad là a théid iad do’n sgoil, agus cuin a bhios iad air an teagasg ann an cainnt na dachaidh aca? Sin dà nì a tha fhathast a dhìth oirnn.
[Sanas]
title | Na Sgoilean Gàidhlig (2) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Seumas MacThómais in Gairm 23 %p |
parent text | Gairm 23 |