Eilean Mhalta
Le CALUM MACGILLEATHAIN (AN CONAN)
IS e ‘Malta beag blàth an Domhain’ a chanas na h-Eadailtich ris an eilean so. Chan eil e fada bhuapa agus bidh móran aca a’ dèanamh àite-samhraidhean dheth agus a’ cur seachad an làithean saora ann. Tha an Eadailtis aig cuid de na Maltaich, mar a tha a’ Bheurla, ach chan ann aig a’ mhór-roinn a tha iad sin ach aig fuidheall a thog iad, cuid mar chànan cluaise agus cuid á sgoil. Tha a’ mhór-chuid de’n t-sluagh gun oilean no oideas sgoile, agus gun eòlas leughaidh no sgrìobhaidh. Sluagh gun litir, mar a dh’ fhaodas sinn a ràdh. Chan eil maith dhòmhsa dhol a leagail coire sin air dream seach dream. Chanainn gu bheil e nàr duinne mar Breatannaich iadsan a bhith mar a thà iad sa’ cheum sin; agus chanainn gu bheil e pailt cho nàr do Eaglais na Ròimhe, oir is ann leithe-se a tha neart an t-sluaigh dhùthchasaich. Tha mi an dòchas nach fàgar ro fhada tuilleadh iad gun leasachadh follaiseach sa’ chùis so. Cha bu chòir gum fàgadh. Ach co aige tha fhios nach eil daoine ann a shaoileas gur h-ann aineolach is còir do na mithean a bhith! Leth na bochdainn.
Tha cànan aca dhaibh fhéin, a’ Mhaltais, cainnt Semiteach agus Arabach agus a thuilleadh air sin measgan maith innte de chànain eile. Tha cuimhne agam air a’ chiad bhus san do shiubhail mi san Eilean. Stad sinn aig bad an cois an rothaid, agus chaidh bean àrd, dhubh agus i caran fearail, cnàmhach, feitheach amach agus clann bheag air a cùram. Is e “Imsidh” a thuirt i riutha san dol amach, agus sin facal Arabach air an robh sinne èolach gu leòir ameasg nan Arab, araon san Eipheid agus an Iarag. Tha e ciallachadh “amach á so”. Cha chuireadh tu umhail oirre an Cairo no am Baghdad.
Bho linn Napoleon tha an t-eilean le Breatainn a thug bho na Frangaich e, agus gun e fada aig na Frangaich iad fhéin. Tha e againn air thàilibh treubhantas ar luchd-mara foAdmiral Nelson. Rinn na seòladairean a’ chùis air na saighdearan!
Ach tha fìor sheann eachdraidh, araon sgrìobhta agus anns na clachan, air an Eilean so. Tha togalaichean ann cho sean agus gum buin iad do Linn na Cloiche, an uair nach robh lorg aig daoine air feumalachd an iaruinn ann. Tha e ’na chùis iongnaidh cho mór agus cho grinn, snasail agus eadhon iomlan agus a bha an t-snaigheadaireachd agus a’ chlachaireachd a bha aca. Cha dèanadh “an Goban saor” na b’ fheàrr! Buinidh sin do innleachdan na h-Airde ’n Ear agus na h-Eipheid, nithean a bhuineas fhathast do iongantais an t-saoghail againn agus na Pioramaidean ’nan seasamh gu buan. Matà, ràinig an cuid eòlais air saoirsneachd chlach is togail theampuill is cheallan Alba. Tha aon àite an Arcaibh is Maeshowe aca air, agus tha e soilleir gun tainig eòlas nam fear a thog an uaigh mhór sin as an Airde ’n Ear cuideachd. Bha aon rud mór ’nam fàbhar am Malta, tha clachan an àite furasda an làimhseachadh is an gearradh, clachan aoil. Sin clach a chruaidhicheas ris a’ ghréin is ris an aèr, agus clach bhòidheach gun amharus. Tha Malta am meadhon a’ chuain air an tug na Ròmanaich “am Muir Meadhoin” agus bha “am Muir astigh” air leis. Is ann air còrsan na mara sin a thòisich móran de’n nì ris an canar Sìbhealtachd Eòrpach, agus uairean eile an t-Sìbhealtachd
Iarach; agus bha Malta an àite maith airson a chuid de gach meur de’n t-Sìbhealtachd a lorg. Agus thainig iomadh dìleab oirre dheth.
Dh’ fhàg na Pheinich no na Cartagaich an lorg air an Eilean, agus seòrsachan eile romhpa. Chunnaic mise sgoilear Eabhra a bha làidir de’n bheachd gur h-ann bho “Phein” no “Phen” a thainig an rud ris an canadh na Gaidheil “an Fhéinn”. Ach an uair a chuir mi sin air beulaibh sgoileir eile thuirt e“naturaliter pueriliter”. Tha a chuile sgoilear a’ faotainn solus ’na sholus fhéin! Coma leat, bha na Pheinich ann agus b’ iad fhéin na seòid ’nan latha mór, fada féin. Tha mi creidsinn gu robh iad eòlach air gach cùil is ceall air oitir Bhreatainn is Eireann. Bha iad eòlach air a’ Bhaltaig agus air Lochlainn. Cha rachainn an urras duit nach iad a rinn comharran de na h-Eileanan is Carraigean a tha air an ainmeachadh air Mìcheal, agus bha eadhon a’ charraig air a bheil an Caisteal an Dun-éideann air a h-aon aca! “Tigh-soluis làth’ iad do’n bhàt’ nì seòladh”.
Ghabhadh leabhar a sgrìobhadh air na h-àiteachan sin uile. B’ e Mìcheal an t-Ard-aingeal agus bha e, gu h-àraid, os cionn cùraman na marachd. Agus cuimhnicheamaid nach ann aig na h-Eabhraich amhàin a bha lorg air Mìcheal. Bha e aig na Semetich eile, agus gu seachd àraid aig muinntir Thìr is Shìdoin, maraichean ainmeil a’ Chuain astigh, a rinn am marsantachd a sgaoileadh fad is farsaing. Is iad eilthirich á crìochan Thìr a rinn colonaidh an Ceann tuath Afraca agus Cartag ’na cathair aca. Chunnaic mi làraichean na cathrach sin, leis, agus ged nach eil ann ach cianalas na fàsalachd a nis, is ann aca fhéin a bha an t-sùil a lorgadh càit am faigheadh maraichean caladh!
An uair a bhithinn-sa sa’ sgoil bha Eachdraidh Bhreatainn againn a’ tòiseachadh le teachd nan Ròmanach! Agus airson na bha roimhe sin ann dé a bha againn ach dealbh seann Bhreatannach a’ deanamh culaidh-iasgaich dha fhéin de stoc craoibhe, agus gun dad uime ach craicionn ainmhidh! (Ach an uair a nochd na Saxonaich bha ‘bonaidean is brògan’ orra!) Gun tà, bha na Gaidheil ’nan sluagh mór, buadhach fada roimhe sin, agus iad mion-eòlach air na Pheinich, fada mun do chuir an Ròimh roimpe cur as doibh taobh air thaobh. Gu bòidheach, dh’ fhairtlich a’ Ghaidhealtachd oirre. Ach bhris is mhill iad Cartag agus a cuid mórachd. Gu tur.
Dh’ fhàg na Ròmanaich an lorg air Malta, nì nach iongnadh. Agus an uair a roinneadh an Impireachd eadar Siar is Sear is ann aig an taobh Shearach a bha Malta, agus b’ e sin an taobh Greugach. Tha làraichean móra am Malta a dh’ fhàg na Ròmanaich agus feadhainn a dh’ fhàg na Greugaich.
Fad nan ceudan bliadhna an deaghaidh sin bha Malta aig Ridirean Eòin. Bha Eilean Ròid aca air tùs, ach chaill iad e. Ghléidh iad Malta. Is e bha annta-san seòrsa de fheachd no arm Crìosdail. Bha na Sarasanaich a’ bristeadh ballachan fo dheas na Crìosdachd. Choisinn na Sarasanaich ceann tuath Afraca, an Spàinn agus cuibhrionn mhór de’n Ear-Eòrpa. Bha bailtean fearainn am Malta aig gach rìoghachd san Eòrpa fa leth. Is ann de shliochd nan Uaislean a bha na h-oighreachan a bha orra, agus an uair a thigeadh deireadh air tighleach aca chuireadh an rìoghachd aca uachdaran ùr anunn. Chan eil e neònach, mar sin, ged a bhiodh an luchd-àitich an diugh breac
[Dealbh]
Am port mór—Marina agus Valetta
de gach treubh is fine. Chì sibh ’nam measg daoine cho dorch ri Arab agus daoine cho soilleir ri Lochlannach; ach is e am bunadh sean ruighinn as treise san àireamh, daoine beaga, dorcha agus iad beothail agus gu math cruaidh. Chan eil an t-Eilean mór, agus chanainn gu robh mu 300,000 duine ann ri linn a’ Chogaidh. Chan eil an t-Eilean ach mu 18 mìle air fhaid agus 9 no 10 no còrr air leud( ’ga ghabhail thar a chéile). Meud an Eilein Duibh againn! Cionnas a tha iad beò? Tha móran aca beó air an fhìor bheagan. Ach is e pòsadh òg is tighleach mór an àbhaist aca. Tha mi an dùil nach fairtlicheadh oirnn tighleach le fichead ceann cloinne a lorg ann, agus tha tighlichean air deugachadh lìonmhor. Cha ghléidh an t-Eilean iad, agus tha iad sgapte air feadh an t-saoghail eadar bailtean a’ Chuain astigh is Amaireaga. Tha feadhanin aca air na soithichean móra ’nan seòladairean feumail. Agus tha meall an Astràilia agus an tìrean eile.
So an t-Eilean air an do rinn an soitheach aig an Abstol Pòl long-bhriste. Is e Melita a bha aca an uair sin air Malta. Tha mi an dùil gum faca mi far an robh an “de fhairge a’ coinneachadh”. Tha sin aig beul Bàgh Phòil. Is e Pòl an t-ainm as cumanta air balach am Malta. Fhuair Pòl iad ’nan sluagh còir, coibhneil. Tha iad mar sin fhathast. Chan eil a dhìth orra.
Tha tobraichean de fhìor-uisge san Eilean agus is dòcha gu bheil na h-uisgeachan a tha annta a’ sruthadh á beanntan àrda tìr-mór na h-Eòrpa, mu thuath orra. Agus, mar a thuirt am Maoraiche am Baile an Todhair, “Tha tuilleadh ann”.
title | Eilean Mhalta |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Calum MacGilleathain in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |