Mo Shuil ’Ga Leir Is . . . .
Le TORMOD MACLEOID
CHA robh Coinneach buileach amach as an sgoil a’ bhliadhna a chaochail a sheanmhair, ach tha móran a bharrachd de chuimhne aige oirre-se gus an latha ’n diugh na tha aige air a mhàthair a bha beò bliadhnachan as a déidh. Chan eil iongnadh sam bith a sin. Nach do sgioblaich i leatha e ’na sgùird airson fhaighinn bhàrr na cìche mus robh e naoi mìosan a dh’aois, amach as a’ chaparaid teaghlaich a bha mu chreathail, ’s dùil ri tuilleadh gun a bhith fada. ’S nach robh e fhéin cho fada ’na cheann, eadhon aig an aois ud, ’s nach fhaighte a chur air a’ bhotul amuigh na mach, ged nach fhaighear an diugh e, ’s e streap ri thrì fichead, feir a’ bhotul a dheòin no dh’aindeoin.
Ach co-dhiùbh, bho ’n oidhche ud a thug a sheanmhair leatha e cha do chuir Coinneach seachad oidhche an tigh athar gu’n do dh’fhalbh a sheanmhair air a turus deireannach a’ fàgail beàrn ’na chridhe nach do dhùin e, ’s nach dùin fhad ’s a bhios e air an talamh. Cha d’ fhuair fear eile de cho-aoisean air a’ bhaile, ann an earradh ’s ann am beathachadh an togail a fhuair esan bhuaipe. Ach cha b’ e sin idir a chùm cho bunailteach beò air a chuimhne i, ach na nithean neònach a dhìoghlum e ri a glùin, agus na sgeòil thaitneach leis na thàlaidh i e bho thàinig tuigse thuige. Bha ise cho baoghalta ’s gu robh an saoghal sìdhe cho soilleir dhi ris an t-saoghal a bha mun cuairt di, ’s cha robh fuaim no sealladh ri am faicinn no ri ’n cluinntinn nach mìneachadh i dha.
’Nan suidhe mu’n teine air oidhche gheamhraidh, an dorus druidte, ’s a’ ghaoth gu tiamhaidh a’ cìreadh an tughaidh, cha b’ e a’ ghaoth a bh’ ann idir ach còineadh nan dìleachdan a’ lorg na bhuineadh dhaibh: air an ionnaraidh nan tugadh Coinneach an aire do lasraichean an teine troimh ’n uinneig a’ danns ameasg nan lus-na-frainge anns an iodhlainn, ’s e bh’ ann brataichean rìomhach nan sìdhichean ’s iad air an slighe gu cuirm air cùl Airneisteir; agus nan tugadh an cù ràn iargaineach as mu thuiteam na h-oidhche ’s ann a’ faicinn manadh “Maighdeann na Muilne” a bha e—an té nach d’fhuaireadh ’nuair a bhrùchd an abhainn air a’ mhuilinn ’s a chailleadh i fhéin ’s a pàrantan suas ri ceithir fichead bliadhn’ air ais. ’Na suidhe air an stòl bhig mu a coinneamh dh’ éisdeadh Coinneach gu mòr-shùileach, sàmhach ri saobh-chràbhaidh a sheanmhar ’s a chridhe a’ placail ’na chom. Dheoghail e suas gach facal ’s dh’ altrum e iad cho mór ’na chridhe ’s gu bheil iad a nise dha mar mheur d’a cholainn. Eadhon an diugh fhéin ma chì e sgàil dhorch a’ ruith an rathaid a dh’ ionnsaigh a’ chlaidh ’s e manadh giùlan a tha e a’ faicinn, ’s ged a dh’ innseadh tu dha nach eil nì ann ach sgòth a’ fàgail na gealaich ’s a’ ruagadh a faileas gu socair roimhpe, cha tugadh e géill dhuit. ’S i a sheanmhair fhéin a b’ fheàrr fios.
Mar sin troimh ionnsachadh a sheanmhar a bhith daonnan air aire dh’ fhàs Coinneach suas ’na ghealtaire san dorchadas agus le sgàth roimh fhaileas fhéin. ’S e nì glé mhór a bheireadh air a’ chagailt fhàgail bho rachadh an solus feir an adhar mara biodh beag no mór
air a thaobh astigh do’n spiorad ud a tha Burns ag innse dhuinne leis an toireadh neach dùbhlan do’n t-Sàtan fhéin.
Bho chionn oidhche no dhà ’s mi air cluinntinn gu robh e air a bhith Steòrnabhagh thadhail mi stigh aige mu dheich uairean airson naidheachd a’ bhaile mhóir fhaotainn bhuaithe. Fhuair mi e ’na shuidhe ri taobh an teine ’s dath eagalach air, is boinne taige as an dàrna sùil aige mar gum biodh rudeigin air a dhol fòidhpe, no mar gum biodh e air a bhith ’na shuidhe anns a’ ghaoith ’s i tighinn troimh tholl. Bheannaich mi an oidhche dha ’s thuirt mi ris nach robh e coimhead cho beadarrach ’s a b’ àbhaist dha an déidh a thighinn as a’ bhaile mhór.
“Na gabh iongantas,” ars esan, “ach tha mi toilichte d’ fhaicinn, thu fhéin no cuideigin. Tha mi ann an staid nach eil mi tuigsinn.”
“ ’N e càil a thuirt ise riut bho thàinig tu,” arsa mise, “a chuir tuathal mar sin thù? Nach eil làn thìde agad cluas bhodhar a thoirt ga dé chanas iadsan.”
“Cha b’ è buileach” fhreagair e, “ged nach b’ fheàirrde mi a gnùis no a cainnt. Mar a dh’ fhaodas beachd a bhith agad, thàinig mi chon an tighe a’ faireachdainn gu math dòigheil ’s ri slaodadh brod na truisg as mo dhéidh. Cha robh mi air dorus an tallain a dhùnadh nuair a thug ise aon sùil orm, ’s chuir i aghaidh oirre man tàirneanaich ’s cha do labhair i aon fhacal rium a thuigeadh duine ach “Ai ài!” —is sin cho nimh.
“Co-dhiùbh, bha ’m biadh air a’ bhòrd aice ’s e deiseil airson suidhe ris, ach cha robh aon spiolag air a dhol sìos ceart agam nuair a thug i meall de’n aileig orm. Ma thug, cha robh aon “thup” a thigeadh bho m’ amhaich, nach robh an “Ai ài” aice-se ’ga leantainn mar mhac-talla. Theabas mo thacadh a’ fiachainn ri làmh an uachdair fhaighinn air mo shlugan, ach thàinig aon “thup” mhór an uair so a chuir an cù troimh na dorsan, agus a thug aon “Aiii-àii” bhuaipe-se a chuir fùdar fodham-sa. Sheas mi air mo bhonnan: “Aii àii” arsa mise, co mheud mì-thalamh ài ài ài conacag an tigh sholuis eile leis am bodhair thu mi mus traoigh thu? Rug mi air mo bhonaid ’s thug mi ’n t-sitig orm.’
“Ille, éisd ri so. Ri dol suas cliathaich na h-iodhlainne far a bheil an lus-na-frainge air dol ’na coille bha mo sheanmhair beò ’nam inntinn. Nise, chan urrainn dhomh a bhith cinnteach na rinn mi an rud a tha mi deimhinnte a rinn mi, no ’n e tilleadh asteach agus cadal anns an t-séir so. Ach so mar bhà.
“Chùm mi orm sìos an rathad seachad air an drochaid, agus gun fhios gun aire thionndaidh mi asteach rathad na muilne. Bha corran de ghealaich anns an adhar a’ deanamh na slighe geal romham. Ma bha nì sam bith air m’ inntinn a thuilleadh air an drànndan aice-se ’s e có againn a bha ri dol a thoirt a’ mhionaich as an trosg a thug mi dhachaidh.
“Dol dlùth air an àtha amach bho thobhtaichean na muilne shaoil leam gu robh nàdur de chòineal gul a’ tighinn gu mo chluasan os cionn, glugraich an uillt; cha do shaoil mi dad dheth san àm, cha robh m’ inntinn air, ach air dhomh dol timcheall an oisein chuala mi os cionn a’ chneadail “Càite a bheil iad? O càite a bheil iad?” Thàinig mi thugam fhéin le giorag, agus stad mi ann an làrach nam bonn. Le innse na
fìrinn cha b’ urrainn dhomh ’n còrr a dhèanamh, oir fa mo chomhair bha am boireannach òg sin, agus ged a bhitheadh e ’na iongnadh leam tachairt ri té sam bith ann an àite cho uamhraidh mu’n àm ud a dh’ oidhche, ’s e ’n trusgan a bh’ oirre chuir a sgot buileach orm. Bha “polcan” oirre de’n aodach ris an abradh mo sheanmhair “lulac” le spotan dorcha ann, agus an dà ghualainn ’nan stuic g’an adhar mar cluasan measain. Bha còta drògaid—rud ris an abrar“skirt”an diugh—sìos gu leth na coise, le trì sreathan de “bhréidean” a’ dol ’nan suabhlaichean mun cuairt air òirleach bho chéile bho iomall, agus a’ nochdadh fodha, bha bideanan a còta bàn. Bha falt bòidheach donn-bhuidhe a’ casadh mu cluasan ’s mu guaillean ’s e breac le calgan a’ ghràin. Bha reachd innte ri giuram ’s i suathadh a sùilean le dà làimh— “O càite a bheil sibh? Cha do dh’ fhàg sibh a riamh chon a so mi. Carson a dh’ fhalbh sibh? Na faighinn so as mo shùilean dheanainn mo rathad thugaibh.”
“Bha mo chridhe gu sgàineadh ag éisdeachd tiamhaidheachd a gearain, ’s dh’ éibh mi gu àrd “Dùin do shùilean ’s séid do shròin.” Cha robh na facail gu h-iomlan as mo bheul nuair a thàinig uspag de ioma-ghaothach a fhras cuid de na calgan ’na mo shùilean fhéin ’s bha mi gun fhradharc airson car tiota.
“Tapa leibh, O tapa leibh,” thàinig thugam ann an guth làidir, a shìolaidh as gu fann le: “Tha sibh ann an sin, o mo . . .” ’s nuair a fhuair mi léirsinn air aon sùil cha robh sgial oirre. ’S e dubhar nan tobhtaichean a bha fa mo chomhair.”
“Seadh” arsa mi fhéin, “an e sin uile?”
“Chan e buileach” ars esan ann an guth a bha gann bhos cionn anail, chan e buileach. Fhad ’s a bha mi ri suathadh nan calgan as mo shùilean dh’ fhoighnich mi dhi mar so: “Dé chanas iad riut?”
“Seadh,” arsa mise rithis.
“Canaidh,” ars ise— “ISBEIL MARTAINN.”
title | Mo Shùil ’Ga Léir Is . . . . |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Tormod MacLeòid in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |