[362]

Fein-Cheasnachadh Air Ni Nuadh Agus Sean
Le DOMHNALL MOIREASDAN

MISE: do bheachd air an sgeulachd ghoirid a sgrìobh Fionnlagh MacDhòmhnaill ann an Gairm an Earraich?

MI-FHIN: Thog rud a cheann innte nach eil nàdurrach anns achànain againne.

MISE: Ghàidhlig a thair “sex”?

MI-FHIN: Chan eil dad a dhfhios agam, agus cha dona an comharra air ar litreachas.

MISE: Achs cinnteach gu bheil thu airson rud ùr fhaicinn an Gàidhlig?
S nach eil thug iarraidh facail ùra maròrraisionnsachadh?

MI-FHIN: Ma thig oglaidheachd no gòmadh orm chan eagal nach aithne dhomh dìobhairt.

MISE: An ann ag ràdh nach do thuit balach Gaidhealach a riamh le nighinn a tha thu? —nach robh duine dìolain riamh aig an robh Gàidhlig?

MI-FHIN: Sin facal eile nach eil againn— “statistics” —ach mas e sin tha dhìth ort gheibh thu do leòir dheth.

MISE: ’S cinnteach gum faodar cìochan nan clann-nighean fhiachainn, co-dhiùbh?

MI-FHIN: Ma dhfhaodas chan ann eadar an Tòimhseachan-tarsainn agus Sgeilp nan Leabhraichean.

MISE: Ciamar eile dhinnseadh tu seanchas den t-seòrsa?

MI-FHIN: “Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal.” No bheil am mac-meanmna agad cho marbh ri do chogais?

MISE: Cha chuireadh an rud air a bheil thu bruidhinn smuain ort ann am Beurla: ciamar a tha thu cur eadar-dhealachadh eadar an chànain?

MI-FHIN: Tha cainnt mo mhàthar ro-fhaisg air mo chridhe.

MISE: mu dheidhinn duine a dhionnsaich aGhàidhlig?

MI-FHIN: Ma tha aige ri bhithga h-eadar-theangachadh mas tuig e i, cha chuir e umhail sam bith air a leithid so.

MISE: Dhòladh tusa ann am Beurla rud a thachdadh tu ann an Gàidhlig?

MI-FHIN: Cha sluig mi Gàidhlig den t-seòrsa-sa gun a cagnadh, ’s tha sin afàgail droch bhlasnam bheul, ach chan eil mi cho furasda mo thachdadh. Tha minam chù cho mórs gun sgeith me rud mas dean e cron orm, ged a liacradh tu “sex” air le dòrdaig-mhóir.

MISE: Eil àit idir a réisd do leithid so anns aGhàidhlig?

MI-FHIN: Ma tha chan ann ann an leabhar a tha gu bhith Air Beulaibh Na Cloinne.

MISE: shaoil na sgoilearan agad dheth?



[363]

MI-FHIN: Chan fhaciad fhathast e, agus chan eil fhios agam am faic.

MISE: Nach eil Shakespeare aca, ma-tha?

MI-FHIN: Tha, achs ann air a bhriogadh.

MISE: mu dheidhinn aBhìobuill?

Mi-FHIN: Chan eil duinega leughadh le cloinn nach fheum a bhith air fhaicill. Tha Biobull Sgoile ann cuideachd.

MISE: , bhalaich, so an rud a reiceas Gairm.

MI-FHIN: Bfheàrr leam e dhol air a cheann-dìreach far an deach a shinnsearachd na dhol air a thòin a Pheyton Place.

MISE: Och, tha thu sean-fhasanta? Fuirich gus am bi thu cho eòlach air sgeulachdan Gàidhlig den t-seòrsa-sas a tha thu air na h-òrain-ghaoils chan e blas a bhiosnad bheul ach ceòlnad chluais. Nach eil fhios agad gum feum aGhàidhlig cuspairean ùra mas cùm i ceann an amail ri cànainean eile.

MI-FHIN: Rinn sinn achùis as an aonais chun a so. Ach ma tha Crìochan Ura dhìth ort, tha raointean farsaing afeitheamh ort.

MISE: Fosglamaid na geatachan, ma-thà, ’s rachamaid an gréim.
Càit an tòisich sinn?

MI-FHIN: Chan e càit an tòisich sinn ach càit an stad sinn. Ciamar a fhreagradh, “Fireannaich aFalbh Le Chéileanns an ath àireamh?

[Sanas]

titleFéin-Cheasnachadh Air Ni Nuadh Agus Sean
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Dòmhnall Moireasdan in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page