Ceol Na Pioba
(4) DOMHNALL S. RAMSAY
Le FIONNLAGH MACNEILL
AIR ais a rithist gu Dun-éideann, a dh’ amharc air pìobaire ainmeil eile a bha anns a’ bhaile mhór sin gu bho chionn glé ghoirid—Dòmhnall S. Ramsay. Chan eil feum air roimh-ràdh sam bith mu dheighinn Dhòmhnaill, oir chan eil fada bho bha ainm agus a dhealbh anns a h-uile paipear fad is farsaing, ach ann an dòigh nach biodh glé thoileach leis fhéin agus anns nach biodh farmad aig duine eile ris. Chan eil ach beagan a bharrachd air bliadhna bho chuir balach òg air an robh e an tòir peileir á gunna ann an stamag Dhòmhnaill, agus tha e coltach gur h-e bìdeag de dh’ aran a bha e air itheadh a shàbhail e agus a chùm e gun a bheatha a chall. Bha e glé thinn fad ùine mhóir, ach tha e nis, ’s math leinn a ràdh, cho math ’s a bha e riamh.
’S e duine òg a tha ann an Dòmhnall fhathast, ach tha e air a mheas ’na phìobaire cho math ’s a chluinnear ann an Alba an diugh. Thòisich e air a’ phìob ionnsachadh bho Shandy Forrest, a bha ’na mhàidsear-pìoba air còmhlan-phìobairean ann an Torphichen, baile beag ann an siorrachd Lothian, agus cuideachd bho Iain MacDhòmhnaill á Drochaid Athfhinn, no Avonbridge mar a theirear. Bha e air urad de dh’ adhartas a dheanamh air a’ phìob mus do thòisich an Dara Cogadh Mór agus gu robh e air tòiseachadh ri cosnadh dhuaisean. Cha robh e gu dearbh an uair sin a’ cluich airson duaisean airgid, ach feumar aideachadh gu robh na pìobairean anns na co-fharpaisean
“PIPE MAJOR JOHN KERR-FALLIN. ”
Le Domhnull S. Ramsay
[Ceòl]
sin, no “amateurs” mar a theirear riutha, gu math na b’ fheàrr anns na làithean sin na tha iad an diugh.
Ann sin, mar a thachair do iomadach duine eile, thainig an cogadh air Dòmhnall, agus ann an 1939 dh’ fhalbh e do’n arm. Fad ùin a’ chogaidh, rinn e seirbhis ’na mhàidsear-pìoba leis an deicheamh feachd
[Ceòl]
de’n H.L. I., agus fhuair e eòlas mar sin a bha dol a sheasamh dha a rithist air stiùireadh còmhlain-phìobairean. ’S ann anns an Roinn-Eòrpa a bha e an ùine a bha e air falbh as an rìoghachd so mus do dh’ fhàg e an t-arm ann an 1945.
Airson bliadhna no dhà an déidh sin, bha Dòmhnall a’ strì ri obair eile a bha glé thaitneach, a’ leantainn, mar a rinn i, làithean an airm.
Chunnaic e gu robh Diùc Hamilton ag iarraidh pìobaire dhà fhéin, agus thòisich e ann an seirbhis an Diùc. A bharrachd air na bha aige de phìobaireachd ri dhèanamh, bha e cuideachd an sàs aig an àm so ag ionnsachadh dithis mhac an Diùc air a’ phìob mhóir.
B’ ann ann an 1947, gu tà, a thòisich e anns an obair anns an robh eòlas ceart againn air, nuair a chaidh e air a’ phoilis ann an Dun-éideann. Chaidh e an ceart uair ’na phìobaire, agus ann an dà bhliadhna cha robh duine ann bu mhotha ghabh iongantas na e fhéin nuair a chuir iad e ’na mhàidsear-pìoba air a’ chòmhlan. Ach ma bha so ’na iongantas, cha deach an luchd-riaghlaidh fada ceàrr, oir b’ ann bho’n là sin a thainig còmhlan-phìobairean poilis Dhun-éidinn gu bhith ainmeil agus aithnichte mar aon de na còmhlain a b’ fheàrr a bh’ ann an Alba, ged nach aidich Dòmhnall sin agus ged nach eil e deònach air móran a ràdh mu dheighinn. Cha robh e fada, co-dhiùbh, gus an robh còmhlan Dhòmhnaill a’ strì ri poilis Ghlaschu agus ri còmhlan Shotts agus Dykehead, dà bhuidheann de phìobairean cho ainmeil ’s a bh’ air an t-saoghal, agus bho dheireadh rinn iad an gnothaich nuair a thog iad-fhéin prìomh dhuais an t-saoghail airson pìobaireachd.
Sin agaibh mar a shoirbhich le Dòmhnall agus le còmhlan-phìobairean Dhun-éidinn, ach is dòcha gum b’ e an nì a b’ fheàrr leinne mar Ghaidheil mu’n deighinn, mar a bhiodh iad an còmhnaidh a’ fiachainn ri òrain shunndach Ghàidhlig a chluich air a’ phìob.
’S ann an uair sin a thainig an trioblaid air Dòmhnall ’s e an sàs an ceann a dhleasdanais, agus cha robh duine a chunnaic a dhealbh agus a leugh mu dheighinn an là sin aig an robh dùil gun cluicheadh e a’ phìob cho luath a rithist agus a rinn e.
Sgrìobh e am port so do Jack Kerr, á Fallin. Tha Jack ’na mhàidsear-pìoba air còmhlan-phìobairean Fallin; tha e cuideachd ’na bhritheamh air pìobaireachd, agus tha e air urad a dhèanamh air sgàth na pìoba móire gun do shaoil Dòmhnall gu robh e làn thìde port a sgrìobhadh dha.
Ged fhuair Dòmhnall seachad air a thinneas, cha deach e air ais air a’ phoilis idir, agus dh’ fhalbh e bho chionn ghoirid gu obair luachmhor a chaidh a thabhach air ann an San Francisco. Cha robh e ’na rùn nuair a dh’ fhalbh e fuireach ann an Ameireaga, agus tha sinn an dòchas nach meall iad e cho mór agus nach till e.
[Sanas]
title | Ceòl na Pìoba (Dòmhnall S. Ramsay) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacNèill in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |