An Sgeilp Leabhraichean
Scottish Costume,1550-1850, le Stuart Maxwell agus Robin Hutchison.
(Adam & Charles Black, Lunnainn. 12/6. )
Tha caochlaideachd nàdur an duine air a dearbhadh leis an aodach a tha e a’ cleachdadh, is cha b’ ann an diugh no an dé a thòisich na boireannaich, agus na fir, a’ leantainn fasanan coimheach. Tha itean bòidheach air na h-eòin tha fad as, agus bha sin gu h-àraidh fìor ann an Albainn nuair a theich cùirt an rìgh as an dùthaich is a chaidh i gu ruige Lunnainn nan cleòc. Lean na maithean, is an ceann ùine na mithean, iomadach fasan neònach ann an aodach, mar a rinn iad an dòighean eile: tha sinn eòlach gu leòir air an duine a tha a’ smaoineachadh nach fhiach an rud ris an robh e cleachdte aig an tigh; nach eil feum no loinn air an rud nach tig bhàrr Galltachd.
Ach tha an leabhar so a’ dearbhadh gun lean na Gaidheil, fad linntean, ris na seann nòsan, agus gu robh iad, gu h-àraidh roimh ’n ochdamh linn deug, comasach air na seann nòsan sin atharrachadh a rèir gnè an ealain fhéin—agus b’ e sin comas a chailleadh an ìre mhóir an déidh an ama sin, agus nach do bhuannaicheadh leinn fhathast as ùr. Mar eisimpleir, tha ùghdair an leabhair so a’ gabhail nam bràisdichean cruinne, gu tric air an deanamh de airgead, a bha cumanta aig na Gaidheil fada roimh 1550 Bha a’ bhràisde uair air a cleachdadh gus earasaid nam ban a cheangal, ach an uair a chaidh an earasaid á fasan, bha i air a cleachdadh leis na fir gu breacan an fhéilidh a cheangal air a’ ghualainn. Chan eil na h-ùghdair so a’ smaoineachadh gur h-e seann chleachdadh a bha an so idir. Anuas troimh na linntean bha loinn ’ga chur air na bràisdichean so le iomadh seòrsa gràbhalaidh; bha beathaichean agus duilleach cumanta an obair-ghréis na seachdamh linne deug, ach anns an ath linn chan fhaicte orra, an cumantas, ach duilleach is srianagan gun loinn. Gu ruig 1700, cuideachd, bha loinn shònraichte air an obair-ghréis a bha ’ga cleachdadh leis na Gaidheil air dagachan is biodagan, agus bha lannan an cuid chlaidheamh iomraiteach.
Mar a bha a’ Ghaidhealtachd a’ fàs na bu Ghallda thainig iomadh seòrsa truaillidh air ealain nan Gaidheal, agus air an cuid fasanan. Tha sinn gu tric a’ dìochuimhneachadh so, is sinn a’ smaoineachadh gur h-i a’ Bheurla a choisinn dhuinn na tighean geala is an t-airgead ullamh. Ach nam biodh eòlas is cuimhne na b’ fheàrr againn air na Gaidheil nuair a bha iad an treun an neirt, cha bhiodh sinn idir cho buidheach air an sprùilleach a cheannaich sinn le ar còir-bhreith fhìn.
Ach chan eil an sin ach seanchas eile. Saoilidh mi gu bheil ùghdair an leabhair ghrinn so car de ’n aon bheachd, a’ caoidh mar a chaidh fasanan Albanach a mheasgachadh le fasanan Sasunnach. Tha
deagh chunntas aca ’ga thoirt dhuinn air na fasanan sin, ann an aodach, ann an usgairean is an leugan, agus ann an airm-cogaidh. Tha iad a’ tarraing an eòlais bho leabhraichean, bho làmh-sgrìobhainnean, bho dheilbh agus bho shnaidheadh de gach seòrsa, agus tha deilbh aca ’gam foillseachadh gu pailt, gus mìneachadh agus dearbhadh na tha aca ri ràdh.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Scottish Costume, 1550-1850) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |