[366]


Doctor Goes North,le George Mair. Clo-bhuailte Peter Owen. 21/ -.

Sgrìobh Seòrsa Mair leabhar mun Aird an Iar turus air an tug eDoctor Goes Eastmar ainm. Tha e coltach gun do shoirbhich an leabhar sin thar tomhais, agus, tha sinn acreidsinn gun do rinn e airgead mór don ùghdar. Cha biongnadh ged a dhéanadh, oir ameasg rudan eile, dhinnis Mair mar a chunnaic e maighdean mhara ann am baile Aden.

Chan eil sinn buileach cho cinnteach gun soirbhich cho math leis an fhear so ged a chunnaic Mgr. Mair uile-bheist Loch Nis. Gu -fhortanach cha robh duine còmhla ris, agus, air an dearbh latha ud, nach ann a dhfhàg e achamara aig an tigh! Chan e sin an aon rud a lorg an t-ùghdar so. Lorg e cuideachd 175,000 Albannach aig an robh Gàidhlig, agus tha sin cho math ri uile-bheist Loch Nis latha sam bith.

Tha sinn afàs caran sgìth de leabhraichean a tha adéiligeadh ri Alba, agus ris aGhaidhealtachd gu sònraichte, mar dhùthaich choimhich anns a bheil daoine éibhinn a bheir spòrs do luchd-leughaidh. Tha sin cuideachd afàs caran sgìth de na manaidheans na taibhsean a bhios luchd turuis leithid Mair afaicinn air gach cnoc.

Thòisich cuairt an sgrìobhadair so ann an Dun-éideann, agus rinn e geur sgrùdadh air abhaile sin adùsgadh an àird seann eachdraidh agus, gu tric, adol cas ma-sheach eadar eachdraidh agus beul-aithris. As a sin, chaidh e suas cuairt roimh dhùthaich Rob Ruaidh agus feumar aideachadh gun tug e dealbh eireachdail de lochans de bheanntan Pheairt. Ach eadhon am meadhon na deilbhe sin cha burrainn dha cumail caoiteas seann sgeulachdan oillteil a thugadh dha air gnìomhan fuilteach á eachdraidh na h-Albann.



[379]

[Sanas]

A Peairt suas a dhObar-Dheadhainn. As a sin a dhInbhirnis. Agus a Inbhirnis do na h-Eileanan an Iar. Sin far an do rinn e latha mór dheth.

Tha e duilich a thuigsinn na daoine ris an do thachair e ann an Leódhus agus anns na Hearadh, ach is e an aon cho-dhùnadh chun an urrainn dhuinn tighinn gun do thachair e ri feadhainn a bha abùrd mhagadh air. Ann an Steòrnabhagh, bha crac aige ri Pròsdanach dubh nach itheadh iasg a chaidh a ghlacadh air an t-Sàbaid gus an robh e cinnteach gur e Caitligeach a ghlac e. Bha an t-iasg anuairsin ceart gu leòir, oir cha burrainn an Caitligeach e fhéin a dhamnadh na bu mhòth eadhon leis an t-Sàbaid fhéin a bhriseadh.

Ge be an Leódhusach a bhann, thug e ar caraid air chuairt do na Hearadh, a dhaon ghnothaich gus brot feamann òl ann an Roghadal. A leithid eile de bhrot! Bha am blas aige fìor mhath, oir bha e air a shailleadh le salchar nan eun, agus a réir na te a rinn e, cha robh am brot air a bhith ceart mur a biodh sin mar sin. Ach bha an truinnsear so buileach blasda a chionns gu robh spog giomaich ann a bha air gréim a thoirt á sròn achoin duibh. Obh, obh!

Tha dara leth an leabhair abontainn ri cuairt Mhgr. Mair. Tha an còrr dheth làn de chlàran innsidh a tha adéiligeadh ri eachdraidh, ri Gàidhlig, ri gnathasan, ri dùthaich agus ri sluagh na h-Albann. Tha iad sin mar a tha iad.

Ma tha ginidh buidhe agaibh ri sheachnadh ceannaichibh so, oir, ma tha sibh coltach rinne, bheir e gàire oirbh ged a dhfhaodas an gàire a bhith rud beag searbh an dràsdas a rithist.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Doctor Goes North)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page