[301]

Ag altramas Gairm
Le NA FIR-DEASCHAIDH

Anndra MacIain agus Anndra Dick chlò-bhualadairag ullachadh achlò airson Gairm.

THA e duilich dhuinne uaireannan a chreidsinn gu bheil Gairm an aois a tha e! Gu bheil an t-seachdaimh bliadhna atòiseachadh, agus gu bheil suas ri ochd bliadhna bhon a choinnich sinn airson cupa coifi (no rud-eigin!) agus a chuir sinn romhainn ràitheachan Gàidhlig a chur air bonn. Aig Sealbh tha fios an seòrsa ràitheachain a bhanar beachd. Cha be so e co-dhiùbh. Ghabh an Gairm air am bheil sibh eòlach an diugh a chumadh fhéin troimh na mìosan agus troimh na bliadhnachan. Bha an làn leinn ann an iomadh dòigh. Bha feum air leabhar ùr aig an àm. Bha sinn cho bras agus gun tug sinn geallaidhean nach bu chòir dhuinn a thoirt, ach bhon a thugadh iad bfheudar an cumail. Bha sinn fortanach gun dfhuair sinn grunnan math de shanasan-reic, oir is iad na sanasan-reic a tha acumail ràitheachain no mìosachain sam bith adol. Bha sinn fortanach thar tomhais gun dfhuair sinn cuideachadh airgid bho bhuidhnean Gaidhealach de gach seòrsa, agus bho Ghaidheil anns gach àite. Ach, os cionn gach eile, bha sinn fortanach gun do lorg sinn càirdean anns gach ceàrnaidh a bha deònach ultaichean de Ghairm a reic dhuinn. Tha móran aca singar cuideachadh fhathast, agus tha sinnnan comain.

Nan robh fios againn, anuair a thòisich sinn, air an obair a bha romhainn cha robh eagal dearg ar beatha air leigeil leinn an coileach a chur air a spiris. Oir tha an obair uaireannan marbhteach.



[302]

[Dealbh]
So far a bheil an obair atòiseachadhann an oifis Gairm aig 227Bath Street. Gu h-àrd, chì sibh Fionnlagh MacDhòmhnaill, Dòmhnall MacIlleathain, agus Raibeart MacFhearghuis abeachdachadh air na sanasan-reic, agus acùnntas fiach an toir iad asteach airgead gu leòir.

[Dealbh]
Ann an so shuas chì sibh Anndra Learmonth (an clò-bhualadair) còmhla ri Ruaraidh MacThómais. Tha iad le chéile abeachdachadh air inneal ùr a bhios a dhaithghearr acur dealbhan ioma-dhathach ann an Gairm. Tha Uilleam Wilson atearraideachadh ochd duilleagan oir tha an ràitheachan air a chlò-bhualadh ochd duilleagan aig an aon àm.



[303]

[Dealbh]
Tha rudeigin ceàrr! Agus tha Ruaraidh MacThómais ann an Sruighlea acomharrachadh mearachd do fhear den luchd oibreach aig Mgr. LearmonthAlasdair Innes.

[Dealbh]
So agaibh Murdag NicCoinnich a bhios asgrìobhadh airson nam ban. Is e an cidsin gnothaich bhoireannach, agus tha Murdag acur an céill gu bheil i cho math aig achòcaireachds a tha i aig an sgrìobhadh.



[304]

Tha an ath Ghairm atòiseachadh anuair a tha am fear mu dheireadh ullamh! Bithidh sinn an còmhnaidh acur fheasgar seachad còmhla acur Gairm ri chéileacur nan dealbhs nan sanasan-reicnan àitean dligheach, astrì gu bàrdachd, dealbhan agus sgialachdan a chumail as leth-oir a chéile. Mar is trice bithidh an duilleag mu dheireadh ullamh aig uairsamhadainn, agus, anuairsin, le toit ri taobh an teine, bithidh sinn abeachdachadh air na rudan a bu mhath leinn anns an ath àireamh.

[Dealbh]
Iain A. MacDhomhnaill

Be Iain A. MacDhòmhnaill fear den chiad fheadhainn a thug làmh-chuideachaidh dhuinn. Tha cuimhne aige fhathast air na feasgair fhada a chuir e seachad asgrìobhadh litrichean agus apostadh pharsalan de Ghairm aig 9Cromwell Street. Bann bhoauctioneera fhuair sinn iasad den oifis sin agus cha bu rud ùr sam bith dhuinn a bhith astigh còmhla ri seann dhreasairean, seann leapannan agus seann àirneis de gach seòrsa anuair a bhiodh an t-auctioneer trang. Tha ùidh aig Iain ann an Gairm fhathast; tha leasan Gàidhlig aige anns a h-uile àireamh bho thòisich sinn. Gu -fhortanach tha sinn air sealladh a chall air Rhona Sykes, abhana-Sgiathanach a chaidh air tòir nan sanasan-reic dhuinn an toiseach.

Cha robh sinn fada adol anuair a thuig sinn gu robh sinn na bfheàrr air bàrdachd is sgialachdan na bha air cùnntasan a chumail! Mar a rinn -math, thainig fear-cuideachaidh anuair a bha feum airDòmhnall MacIlleathain á Barraidh. Is eaccountanta tha ann an Dòmhnall Iain, agus tha e còmhla rinn fhathast, daonnan agearain mu airgead ach daonnan acumail nan leabhraichean ceart.

Bha Calum Ceanadach greis alorg shanasan-reic dhuinn cuideachd, ach anuair a dhfhalbh esan cha robh fios againn càite an tionndamaid. Gun fhios gun fhàth a nochd ach Raibeart MacFhearghuis. Cha robh fios againn e no as da, ach nam fàgadh e sinn a nise cha bhiodh fios againn a dheanamaid as aonais.

Agus sinne! Tha sinn cho eòlach air a chéile a nise agus a bha dithis riamh. Bithidh sinn agearains acnàmhan, ach chan eil dad romhainn ach Gairm a chumail adol. Bithidh sinn adol amach air a chéile gu dubh mu rudan an dràsdas a rithist, ach, an còmhnaidh, thig rudeigin a bheir gàire oirnn an uair a chuimhnicheas sinn cho òg, brass a bha sinn ochd bliadhna air ais.

titleAg altramas Gairm
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page