[366]

Sean Choille Albainn

Le ALASDAIR I. MACILLEMHAOIL

Aig àm buain mònach is tric a thig ris cròicean móra de chraobhan a bha taisgte fon riasg fad iomadh linn. Chan eil sinna iongnadh sam bith air Tìr Mór, far a bheil craobhan is coilltean ri faighinn an diugh. Ach gu their sinn mun chùis, nuair a chì sinn a leithid sin san Eilean FhadaLeódhuss Na Hearadh, sìos gu ruige Ceann Bharraidhagus sin an teis-meadhon na mòintich fharsaing, far nach do dhfhàs craobh, is dòcha, o chionn ceudan bliadhna.

Mar as trice is i abheith, am beag a than éis dith, a thig am fianuis air taobh an iar na dùthcha, ach am meadhon tìre, am Peairt, Earraghaidheal, is Inbhirnis, gheibhear darach is giuthas, bunan garbha a bha air an gleidheadh o chian fo chòmhdach tiugh an réisg. Gu dearbh fhéin be sin an deagh chonnadh, oir tha iad fhathast cho làn ròiseid is brìghs ged a bann an a chinn iad air abhlàr.

Bhiteadh uaireigin acur gu feum, an àite coinnle, slisnich den t-seòrsa so, agus ri an leus dheanadh bean-an-tighe calanas agheamhraidh.

Nuair a bhatar acladhach Loch Dabhach Phùir, faisg air baile Inbhirnis, aig an àm san robh iad adeanamh an cladh-abhainn ris an canar anCaledonian Canal, fhuaradh sgonn daraich a bha mu dheich troighean fichead mun cuairt. Bha e dubh le aois thar tomhais, achna mheadhon bha e làidir, fallain gun bheud.

Tha freumhan tomadach mar so gu minig ri faighinn air feadh na Gaidhealtachd, agus a réir beachd dhaoine fiosracha tha sona dhearbhadh gu robh coille dhùmhail acòmhdach ceann-a- tuath Albainn san t-sean aimsir.

Tha teisteas eile againn mun chùis. Nuair a chuir na Ròmanaich achuid mhór de Bhreatainn fon casan, thug iadCaledoniamar ainm air an dùthaich, tuath air Cluaidhs an Abhainn Dubh, an aon cheàrn de Bhreatainn nach deach aca air a cheannsachadh. Their sgoilearan gu bheil bun an fhacail sincaldaciallachadh coille.

Bitheadh sin ceart no ceàrr, tha comharra nas sònraichte againn gun do chinn achoille so ceudan bliadhna air ais, aguss e sin gu bheil cuid dith beò fhathast. Gheibhear thalls abhos craobhan aosmhora, giuthas garbh is darach le freumhan dòideach, greimeachadh gu teann air na creagan loma, liath. Sheas iad sin ri mór-ghailleann iomadh geamhraidh, agus tha an cinn fhathast uabhrach air an t-sliabh. Tha feadhainn dhiubh rim faicinn ann an coilltean Ràta Mhurchais, cuid anns aGhleann Mhór, Srath Spé, Coille Dhubh Raineach, agus beagan air taobh a deas Loch Carran.

Bha iomadh seòrsa craobh afàs sachoilledarach sna srathaibh ìosal, feàrn an cois nan aibhnichean, giuthas agus beith air na h-àrdaibh. Bha i air leth dlùth ann am Bàideanach, Sliabh Ghranna, agus anns gach gleann a bha snìomh troimhn gharbhlaich, tuath is deas, eadar Raineach is Gleann Comhann an ear gu ruige Bràigh Mhàrr agus tuath gu Srath Ghlais.



[367]

[Mapa]
Sean Choille Albainn
(am map air a tharraing le Alasdair I. Mac Ille Mhaoil)



[368]

Ach chaidh achoille rìomhach so a sgrios, agus sin gu h-àraidh fo làmhan dhaoine borba. A réir eachdraidh loisgeadh móran dith nuair a bhuail na Lochlannaich asteach air taobh siar Albainn (800-1100 A.D. ). Be sin an dòigh a ghabh iad gus an ruaig a chur air na fògarraich a gheibheadh greis tèaruinteachd fo a sgàil. Tha beul-aithris aluaidh air nighean Rìgh Lochlainn a chuir as don choille a bha còmhdach Innse Ghall aig an àm sin. Maille ri sin, gheàrr na coimhich craobhan gun àireamh gus togail nan long-fada a bha cho ainmeilnan linn fhéin. Ach nuair a thàinig Somhairle Mór Mac Gille Bhrìghde, Tighearna nan Eilean, gu inbhe, chuir e casg air sgathadh -mhillteach nan craobh.

Air Tìr Mór, eadar-dhealaichte o sin, cha tainig clos air an droch obair. Chuir Alasdair Mór, Mac an Rìgh, noFaol Bhàideanachmar theirte ris, coillteannan smàl thalls abhos, gu sgiùrrsadh a chur orrasan a bha cogadhna aghaidh.

Tha e eadhon air innse gun rinn an rìgh fhéin, Raibeart Brus, an dearbh chleas so ann an Inbhir Aora, is e atoirt ionnsaigh an aghaidh a dhearg nàmhaid, an Cuimeanach.

Agus achuid a dhfhàg na fàloisg chuireadh as dha air dòighean eile. Nuair a rìoghaich Ban-righ Ealasaid ann an Sasuinn bha móran fiodha air a chosg co-cheangailte ri obair-iaruinn, oir cha robh gual fhathast air a chleachdadh anns an dòigh so. Chaidh móran talaimh a lomadh mar so, agus béiginn lagh ùr a chur air chois ri bacadh obraichean iaruinn ann an cuid a cheàrnaidh de Shasuinn. ’S e thàinig as a so gun ghluais luchd obair an iaruinn tuath gu coilltean na Gaidhealtachd, agus shuidhich iad an cuid fuirneis is an teallaich làimh ris achonnadh. Agus le sin thainig an tuilleadh truaillidh air coilltean ar dùthcha. Aig acheart àm bha daoine air bheag sùim acur teine riù gus fuadach a chur air droch dhaoine, agus air béistean mosach, mar am madadh-allaidh, a bha fhathast acùiltearachd sna h-ionadan fàsail.

Achs ann an déidh Bliadhna Theàrlaich a thainig an call bu mhotha air achoille. Aig an àm sin chaill cuid de na h-uachdarain Gaidhealach còir air am fearann a chionns gun do sheas iad air taobh aphrionnsa. Chaidh na h-oighreachdan sin a chur fo ùghdarras an riaghaltas, agus reiceadh am fiodh a bha fàs anns na srathan ri marsantan Sasunnach. Cha be sin a mhàin, ach thòisich na morairean a bha dìleas don chrùn areic an fhiodha air am fearann fhéin. Dhfhàgadh an talamh lom, fuaraidh far an robh uaireigin coille allailna làn mhaise. Oir ged a bhathas agearradh nan craobh cha robh guth air ùr-churnan àite.

Gun a dhol nas fhaide air ais na abhliadhna 1848 tha iomradh air a bhith losgadh chraobh-giuthas, darach, agus beith, gus àite ionaltradh chaorach a dheasachadh.

Nuair a shuidhicheadh na muilnean cotain air aGhalltachd san ochdamh linn deug, ghearradh tuilleadhs achòir de bheith gu iteachan a dheanamh.

Ach nach math gu bheil taobh eile air an sgeul bhrònach so? Bha uachdarain geur-chuiseach ann, a chunaicna thràth gu robh an tìr ionnass gus a bhith air a bearradh, agus thòisich iad air togail chraobhan ùra air talamh fàs. Gu dearbh, bha sin feumail dhuinne,



[369]

SEAN CHOILLE ALBAINN

[Dealbh]
Sean ChraobhanGleann Lòchaidh

gu h-àraidh ri àm cogaidh nuair nach robh e furasda fiodh a thoirt thar cuain.

An diugh tha cur nan craobh an urra ri riaghaltas na dùthcha, agus chì sinn, air fad is leud na tìre, an obair shnasail luachmhor thatar adèanamh fo stiùireadh Comunn Ughdarrais nan Coilltean.

titleSeann Choille Albainn
writersAlexander J. MacMillan
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Alasdair I. MacIlleMhaoil in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page