[309]

Tuathanachas Ann An Rhodesia
Le MONTROS

THA am fearann aig gach tuathanach ann an Rhodesia cho mór taca ri tuathanachas Albannachgun ghuth idir air croitagus nach eil móran stàth ann a bhith ag innse dhuibh mar a tha sinn ag obair.

Mun do thòisich an cogadh, bha achuid bu mhotha dhinn ag obair fhathast le daimh airson tarraing nan crann agus nan cairtean. Ach, an diugh, is ann letractorsa tha sinn ag obair ged a tha sin atoirt barrachd oibreach á tuathanach fhéin. An uair a bha sinn le daimh, cha drachadh móran ceàrr nach burrainn gille dubh a chur ceart. Ach le draibhearan dubha air natractorsfeumaidh an tuathanach a bhithna dheagh mhecanic, oir eadar an luaths a thanns na crainns gach inneal eile, agus cho malls a tha inntinn nan daoine dubha, chan eil ann ach briseadh eadar moch is anmoch; cha bhi fios aig draibhear gu bheil dad ceàrr gus an stad antractoraige.

Tha e nas fhasa dhuinn a bhith abruidhinn air àrach cruidh far am bheil cùisean anns an dhùthaich nas coltaiche ri chéile. Ged a bhios an tìde acur dragh oirnn, chan ann airson an aon aobhair agus a bhios i acur dragh air tuathanaich air aGhaidhealtachd!

Anns achiad àite, tha an t-ionaltradh ann an Afraca a cheart cho garbh donas a tha e air aGhaidhealtachd, ach ann an Afraca tha e bochd le dìth uisge oir chan eil fras ann fad seachd mìosan! Air aGhaidhealtachd, tha tuilleadhs a chòir de uisges de dhfhuachd acur gu bàs an fheòir.

Matà, anns an àites e beathach a bhios deònach biadh garbh ithe a tha feumail, aguss e rud math a tha ann am beathach a dhfhàsas luath airson bhliadhna agus air an tig stad fàis as déidh sin: aige tha fios nach bi achiad non dàrna geamhradh cruaidh is fada? Ma bhitheas, ’s e am beathach a tha asìor fhàs, ged is mall e, am beathach as fheàrr an ceann ceithir bliadhna.

A bharrachd air sin feumaidh beathach air aGhaidhealtachd a bhith còmhdaichte le fionnadh fada tiugh airson an t-uisge a thilgeil dheth agus a chumail blàth. Ach feumaidh am beathach againne fionnadh goirid agus craicionn freagarrach airson fallus a leigeil dheth. Is fheàrr dath soilleir air an fhionnadh, ach dath dorcha a bhith air achraicionn fhéin.

Bha na beathaichean a fhuaradh bho na daoine dubha afreagairt sin, agus ged a bha iad beags ann uapa agus bho thairbh Bhreatannach a dhfhàs suas achuid as motha de na treudan anns an dùthaich. Tha e cheart cho feumail dhuinne a thaobh profaid a bhith ag obair le crosaichean ged nach bi iad cho trom ris achrodh bhon tàinig iad.



[310]

Anns an leth-chiad bliadhna a dhfhalbh, dhfhàs na treudan uidh air n-uidh nas dlùithe ri treubh Breatannach agus chaill iad dualchas an dùthcha fhéin. Thòisich na tuathanaich ri beachdachadh a burrainn dhaibh a dhèanamh airson an nàdur Afracanach fhéin fhaighinn air ais ann am beathach a bhiodh mall ameudachadh.

Smaoinich mi fhéin anuairsin air achrodh Innseanach a tha aca ann an Texas. Chaidh an crodh sin do dhAmaireaga o chionn ciad bliadhna agus rinn iad obair mhór an sin a thaobh cruth is meudachd. Sgrìobh mi gu fear àrach cruidh den t-seòrsa sin a tha ainmeil ann an Texas agus fhuair mi tarbh is deich aighean bhuaithe. Be sin achiad fheadhainn den t-seòrsa a ràinig Rhodesia agus tha min dòchas gun tig profaid asda. ’S e mo bheachd gum bi am feum as motha annta mar thairbh airson an nàdur cruaidh a thoirt air ais do na treudan marsantachd gun a bhith acall meudachd. Agus, as déidh sin, bidh na tuathanaich airson gineal no dhà eile ationndadh gus na tairbh Bhreatannach.

Tha min dòchas gu bheil mi ceart, oir mur eil, cha bhi mo sporan ach gann.

[Dealbh]
Crodh air tuathanachas Mhontrois

titleTuathanachas Ann An Rhodesia
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Montròs in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page