Nighean An t-Sagairt Oig
Chaidh an sgeul so a sgrìobhadh le Ruairidh MacIllemhoire á Circebost, am Beàrnaraidh, bho chionn trì fichead bliadhna (1898) an uair a bha e ’na oileanach an Sgoil Steòrnabhaigh. Bha Mgr. MacIllemhoire ’na dhéidh sin ’na mhaighistir sgoile am Bhaltos Uig agus an Cros an Nis. Chaochail e bho chionn beagan bhliadhnachan. Tha sinn an comaine na bantraich airson cead an sgeul ghrinn so, a dh’ fhàg sinn facal air an fhacal mar bha i aige, a chur an clò.)
ANN an Loch Ròag, air taobh an iar Leódhuis, tha iomadh eilean bòidheach, ach tha aon ann a tha toirt bàrr orra uile ann am maise—Beàrnaraidh Bheag. Tha cnuic àrda ghorma a tha ’g éirigh suas ’na mheadhon, a ghrunnd a tha gu léir air a chòmhdachadh le gainneamh, agus dà thràigh bhòidheach, aon air an taobh a tuath d’ an goirear an Tràigh Mhór, agus an aon eile d’ an goirear Tràigh an Teampuill air an taobh an ear dheth, ri cur dreach àillidh air.
Ged tha an t-eilean maiseach so an diugh fo chrodh is fo chaoraich, agus gun aon neach ri gabhail còmhnaidh ann, gidheadh tha cuid beò fhathast aig a bheil cuimhne air an àm san robh e air àiteachadh.
O chionn àireamh mhór bhliadhnachan bha Eilean Leódhuis, no mar a theirte ris Innse Gall, fo chìs aig rìghrean Lochlainn; ach ged a bha buaidh aig na Lochlainnich orra, cha tainig daoine an eilein riamh gu bhith creidsinn ann an Odain, dia na muinntir a thug buaidh orra, no gu bhith géilleadh dha. An àite bhith ag adhradh do Odain bha aig muinntir Bheàrnaraidh Bhig talla anns an robh iad air an teagasg, ann an creideamh na Ròimh, le manach, d’an goirte An Sagart Og, neach a bha mar fhear iùil ’gan seòladh. Bha e ’na dhuine ro-chliùiteach, agus bha mór-mheas aig muinntir an eilein air. Aig an t-sagart so bha nighean òg d’ am b’ainm Gealchos. Bha i anabarrach maiseach, agus b’iomadh fleasgach òg a thug rùn dhi.
Mu ’n àm so bha e ’na chleachdadh aig daoine Lochlainn a bhith ghnàth a’ còmhrag agus a’ glacadh creich air an nàimhdean, agus anns na còmhraig sin bha a’ bhuaidh aca mar bu trice.
Bha so a’ toirt misnich dhaibh, air chor agus gun do sheòl iad a dh’ ionnsaigh ceann a tuath Eireann, an dùil gum faigheadh iad a’ bhuaidh air muinntir an àite sin mar an ceudna.
Bha aca ’na cheannard air an turus so Suain, an rìgh, neach a bha làidir, calma, agus a choisinn buaidh air iomadh raon. Ràinig iad Eirinn, agus choinnich iad féin agus an nàimhdean sa’ mhachair ann an òrdugh catha. Ach bha na nàimhdean, sìol Eireann a thàrmaich a nuas o Chonn, ro bhorb; agus an uair a thòisich a’ chòmhstri leag iad sìos “sìol nan tonn” mar a leagas an spealadair sìos an luachair ’na làthair. An uair a dh’ aithnich Suain gun robh an latha ri dol ’na aghaidh, thug e òrdugh d’a dhaoine agus chaidh iad gu gruamach a dh’ ionnsaigh nam bàtaichean, a’ fàgail iomadh gaisgeach treun ’na shìneadh sa’ bhlàr. Thog iad na siùil, agus dh’ fhàg iad Innse-fàil ’nan déidh. Air an t-slighe labhair Suain ri ’laoich. “Fheara,” ars esan, “togaibh fonn air suinn nach maireann, na suinn a thuit sa’ bhlàr agus nach buail sleagh nas motha san t-sreup.” Rug am fear-ciùil air an stoc, agus sheinn e tuireadh a’ bhròin. “Ann an Eirinn nan cluaintibh gorma thuit ar seòid le làmhan Bhriain agus a shlòigh. Gidheadh tha iad a’ gleusadh fleadh nan còrn an tall’ Odain. Ni iad còmhnaidh ann an “Bhalhalla,” an t-àite am bi iad ag òl gu bràth. Oighean Lochlainn,
dòirtibh deòir air an sgàth, agus na leigibh le an glòir meirgeadh; oir chan amhairc sibh orra nas motha, ni motha ruaigeas iad fear na cròice tuilleadh, mar bu ghnàth leo.” Am feadh a bha am bàrd mar so ri tuireadh theann iad gu luath ri fearann. Leag iad na sùil, agus chaidh iad gu tìr a dh’ amharc air an fhearann agus air daoine an àite.
Latha an déidh do na Lochlainnich seòladh asteach do Loch Ròag bha Gealchos, nighean an t-Sagairt Oig, ri falbh ’na h-aonar air Tràigh an Teampuill, agus ri cruinneachadh shligean bòidheach a bha ri ’m faotainn air an tràigh. Cha robh an sin ach nì bha ’na chleachdadh aice bhith dèanamh, agus a chionn nach tainig dochann sam bith riamh roimhe ’na rathad ann a bhith a’ cur seachad ùine anns an dòigh thaitnich so, ni mò smuainich i gun robh nì sam bith ri dol a chur dragh oirre air an latha sin. Mar so bha i toilichte ’na h-aineolas air faguisgeachd an nàmhaid.
Bha tiugh cheò a’ snàmh air aghaidh a’ chuain, ionnas nach fhaiceadh Gealchos nì sam bith ach na bha glé fhagus di. Choisinn so dhi nach fhac i am bàta bha tarraing gu stuadh, ach thug e do Shuain—oir is e am bàta san robh Suain a bha tighinn gu tìr—cothrom air ise fhaicinn, agus òrdugh a thoirt do a dhaoine ullachadh a dhèanamh airson a glacadh. Oir an uair a bha Suain a’ seòladh amach troimh na sgeirean agus na h-eileanan beaga tha gu lìonmhor timcheall air Beàrnaraidh Bheag, dh’ fheumadh e bhith glé fhaiceallach air na bàtaichean, agus mar sin bha a dhaoine ’g iomradh gu socrach, air chor ’s nach cuala Gealchos fuaim nan ràmh, agus bha an tiugh cheò ’na mheadhon air nach fhac i am bàta. Bha Suain ag amharc air an tìr air an robh e dol seachad, agus an uair a thainig Tràigh an Teampuill am follais chunnaic e Gealchos ag imeachd oirre. An uair a chunnaic Suain an òighe mhaiseach, mar reult dheàlrach air an tràigh, dh’ fhairich e mar gum biodh saighead gheur a’ dol gu chridhe, agus smuainich e nach biodh fois aige na b’ fhaide mura faigheadh e an ainnir òg so mar mhnaoi dha fhéin. Dh’ òrdaich e d’ a shuinn iomradh gu cabhagach gu tìr. Bha am bàta gu ruigheachd tìr mun cuala Gealchos an iomairt agus fuaim nan ràmh. Thog i a ceann, thuig i gur e Suain a bha ann, agus ruith i an dòchas gun ruigeadh i tigh a h-athar mun glacadh e i. Ach cho luath ’s a fhuair Suain gu tìr ruith e ’na déidh, agus bha a ghràdh dhi, ged nach robh e air faicinn ach eadhon aon sealladh oirre, a’ luathachadh a cheum, air chor ’s gun do rug e oirre ann an tiota, agus ged a bha i a’ gul gu goirt agus a broilleach bàn fo osnaich mhór, ghiùlain e gu grad sìos do’n bhàta i. Sheòl iad gu cabhagach air falbh, le Gealchos air bòrd. Bha ise ri gul gu cràiteach, a’ smuaineachadh air suidheachadh a màthar chaoimh, an uair nach pilleadh i féin dhachaidh; air a h-athair bochd, a’ coimhead air a son anns gach creig is còs; agus air na càirdean agus gach nì tlachdmhor a bha i fàgail ’na déidh, agus, mar a bha i smaoineachadh, nach fhaiceadh i tuilleadh. Ri dol seachad air Innse-thorc a’ Chuain, agus ise ri gul gu muladach, bha an stoirm agus na seòladairean, a bha dèanamh gàirdeachais airson an nì luachmhor a rinn iad a ghlacadh, ri mùchadh a guth a bha cho binn.
Air dhaibh a bhith seachd latha air an tonn, an déidh dhaibh Beàrnaraidh Bheag fhàgail, ràinig gach bàta sàbhailt a’ chala ann an Lochlainn. Cho luath ’s a ràinig iad tìr thug iad Gealchos a dh’
ionnsaigh tigh an rìgh. Rinn an rìgh cuirm mhór do na daoine bha maille ris air a chuairt. Bha e ’n dùil Gealchos a phòsadh, nì nach dèanadh e gun a h-òrdugh féin, agus air dhà bhith ’ga faicinn cho dubhach, dh’ fheuch e a h-inntinn a thogail le cuirm is ceòl, an dòchas gun tigeadh i gu bhith toirt toil dha féin agus do’n àite, agus mar sin gun aontaicheadh i a phòsadh. Ach cha robh nì sam bith ri dol g’a dèanamh sunndach agus àghmhor ach faotainn air ais do thìr a gràidh, còmhla ri h-athair agus ri a màthair agus ris na càirdean eile dh’ fhàg i ’na déidh, agus air an aobhar sin cha robh buaidh sam bith aig coibhneas an rìgh oirre, nì a chràidh a chridhe-san gu goirt, oir bha e air a gràdhachadh gu mór.
Ged a bha so mar so, cha do sguir an rìgh a nochdadh coibhneis agus a dheanamh aithnichte a ghràdh dhi, agus b’ ainneamh latha chaidh seachad nach robh fleadh aig an rìgh. Bha leann-dubh agus feòil thorc air an roinn air muinntir an àite am pailteas, agus na h-uile nì bha sin a chùm gun aontaicheadh Gealchos a dhol fo’n bhòid. Mar so chuir Gealchos seachd bliadhna seachad ann an Lochlainn, agus gach neach mun cuairt di ri cleasachd is ri ceòl, ach ré na h-ùine sin cha do dh’ amhairc Suain oirre gun ise bhith dubhach agus fo bhròn.
Bha e ’na chleachdadh aig Suain a bhith a ghnàth a’ sealg an tuirc, agus cho luath ’s a thigeadh e dhachaidh, rachadh e a dh’ amharc air Gealchos, ach bhitheadh ise dubhach mar bu ghnàth leatha. Aon latha air dhà tighinn dhachaidh bho shealg, fhuair e i ri gul. Labhair e gu coibhneil rithe. “Carson, a ghràidh, a tha thu fo ghruaim? Nach eil thu air do chuairteachadh leis gach sòlas, agus nach eil gach neach mun cuairt duit ri cleasachd ’s ri ceòl a chùm do thoileachadh? Nam biodh tu am Beàrnaraidh Bheag, cha bhiodh còrn no fleadh ann, agus cha chluinneadh tu ceòl sam bith ach MacTalla nan creag ri toirt freagairt do bhàrcadh nan tonn. ’”
Fhreagair i e ann am briathraibh ciùin, agus na deòir a’ ruith gu luath bho sùilibh:
“Chaoidh cha toir mi ’Lochlainn rùn,
Do na sléibhtibh mùgach fuar;
Ged nach eil mi ’m Beàrnaraidh Bheag,
Na creid nach eil e air m’ ùidh;
B’ àill leam na Màgh Ra- theach*
Bhith coimhead nan clach san Stùigh.”
An uair a chuala Suain na briathran tlàth, dh’ fhalbh e le Gealchos thairis air cuan, agus lìbhrig e i air Tràigh an Teampuill o’n tug e i. Mar sin fhuair ise mu dheireadh an nì sin bu mhiann leatha—faotainn air ais do’n àite sin d’an robh i air a buan-ghràdh a thoirt. Iomadh bliadhna an déidh so, chìte i ri cuallach nam bó air an raon, a falt a bha cho dubh air fàs ’na chiabhan bàna, agus i gu socrach ciùin a’ seinn òrain. Ach mu dheireadh thainig latha anns nach robh ise gu bhith air a faicinn a’ cuallach nam bó mar a b’ àbhaist; oir thug an t-aog as an t-sealladh i, agus chaidh a càradh fo’n fhòd anns a’ chill a tha os cionn Tràigh an Teampuill. Ann an sin tha i a’ cadal gu sèimh san t-suain fhada, dheireannach.
* Tha so dìreach mar a bha e aig Ruairidh MacIllemhoire. Tha an sgeulachd agus an rann air chuimhne fhathast am Beàrnaraidh, is their cuid meadhar rìgh-theach an àite Màgh Ra-theach.
title | Nighean An t-Sagairt Oig |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Ruairidh MacIllemhoire in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |