[328]

An Cogadh Fuar
Le DOMHNULL LODUINN

A Ruairidh! éirich, —tha an t-àm agad thighinn anuas!” Bha beagan gluasaid shuas an staidhre. am fuaim a bha sin? Chuir e làmh amach gu taobh eile na leapa ach cha robh sgeul air bean. O seadh! Feumaidh gur e madainn a bhann, ’s gu robh Màiri aig an eadradhs gun do leig i na cearcan amach mun dfhalbh is gu robh an cuileannam measg. Gheibheadh e norrag bheag eile mun tilleadh i.

Shocraich e e fhéin sìos agus dhùin a shùilean. Ge be cho goirids a tha norrag, cha dfhuair Ruairidh leths na bhana ùidh, agus mar gum biodh ann an tiota bha e air a dhà bhonn am meadhon an ùrlair agus a h-uile ròineag fuilt a dhfhàg an aois aigena seasamh air corra-biod.

Thachair e! Cia meud uair a thuirt e gu falbhadh fear de na h-innealan mallaichte sin aig an R.A. F. air cuairt leis fhéin aon . An e mullach an tighe a bhana spealgan? A shìorruidh, fear eile dhiubh! Chaidh e air a bheul fodha, agus bha a cheann á fianuis fon leaba mun tainig an glaodh ud suas an staidhre a rithist— “A Ruairidh! Gu sealladh Sealbh ort! Nach eil thugam chluinntinn! Cuimhnich an a thann. Bithidh am bus atighinn an ceartuair!”

Ceart gu leòir, ceart gu leòir, tha mi atighinn,” arsa Ruairidh ann an guth fann agus e air a chasan aon uair eile. Bfheàrr leis gun cuireadh i stad air achleas sin, abualadh a basan air balla na staidhreach. Aon dheidheadh an cridhe aige an sàs gu buileach eadar a dhà uga agus chuireadh sin crìoch air. Agus a chanadh ise an uair sin?

Ach a bha i ag ràdh an dràsda fhéin?— “Cuimhnich an .” an a bhann? O, gu dearbh fhéin, an t-Sàbaid! Agus an Dòmhnallach Beag aig an Eaglais Mhóir am Baile-nan-Coigreach. Searmoin Ghàidhlig cuideachd! Bu mhath aGhàidhlig a bhaca am Baile-nan-Coigreach seach mar a bha i an àiteachan eile air feadh an eilein. Thuig e a nis bun na h-ùpraid; dhfheumadh e cabhag a dheanamh.

Sheall e amach air an uinneig air cluaintean Eabair, oir be sin ainm abhaile air Eilean Rocadsaidh far an robh e atuineachadh. Bha ospagan gaoithe aluasgadh an fheòir, ’s bha aghrian aboillsgeadh anuas gun neul anns an adhar. An dearbh airson spealaidhach cha deanadh math smaointeannan mar sin a leigeadh troimh a cheanncuimhnich an .

A Ruairidh!”

Ceart gu leòir, tha mi atighinn,” arsa Ruairidh, ’na dhòigh shocair fhéin, agus e acromadh na staidhreach. Aig acheart àm, suas le Màiri, agus an ceann cóig mionaidean sìos i a rithist, cho beag agus bigeileachs bu dual dhi.

Seall sin, tha mise deiseil, ach mad, agus thusanad shuidhe an sin gun choilear ort fhathast, agus do ghalais aslaodadh riut. Crìochnaich do bhiadh agus deasaich thu fhéin an ainm an Aigh.”

Ceart gu leòir, tha mi afalbh,” arsa Ruairidhna dhòigh shocair fhéin, agus e adìreadh na staidhreach.
Agus a Ruairidh, fiach am faigh thu gréim air achat mus falbh



[329]

sinn. Tha i air na piseagan a rug i san t-sabhal an a chur am falach, ’s chan fhaic mi dalladh dhithan creutair bochd, ’s i cho laghach.”

Ceart gu leòir,” arsa Ruairidh, ’na dhòigh shocair fhéin, agus e acumail roimhe.

Chaidh Màirina boil airson greiseige asgioblachadh an tighe agus anighe nan soithichean, agus sùil aice air an uinneig.

A Ruairidh! am bus! tha e dìreach air nochdadh aig Bun-na-Sitige. Bithidh e afeitheamh airson Peige Lachlainns an t-slaodaire sin aig a bheil i pòsda— ’s a cead aice,” arsa Màiri gu h-amh.

“ ’S mo bheannachd aige,” arsa Ruairidh an guth ìosal agus e atighinn, ’na dhòigh shocair fhéin, gu ceann na staidhreach.

Agus le sin suas le Màiri a lorg na h-aide agus sìos le Ruairidh air tòir achait, agus mus gann a ràinig e ceann shìos an tighe thainig e gu stad mar gum bualadh le peilear e.

O, a shalachair!” Chaidh cluasan Ruairidh suas agus cluasan achuilein sìos. a nis a bha gu tighinn? “O mo chreach! O, mad! O, a Ruairidh! Trobhads cuir amach an cat -chollach so. Tha mad bhochd làn phiseagan! Fiach gum bàth thun drabhas ud anochd, i fhéins na biasdan beaga eile. Mad ùr nach dfhuair mi ach Diciadaoin so fhéin bho Ghlaschu airappro” ’s nach fhaca duine beò sabhaile fhathast!”

Chaidh Ruairidh a dhiarraidh bocsa na h-aide agus a luchd neo-amharusach air a robh abhinn mhuladach air a toirt amach. Fhuair e àite-falaich anns an t-sabhal, thug e tachas no dhà air cluasan na màthar, dhfhàg eUd, udaice, agus thill e don tigh.

Le sin thainig aghleadhraich ud, le smùid agus toitna cois, mu choinneimh an tighe, a chuir na cearcan suas ameasg nam faoileagan agus a nochd chun an t-saoghail mhóir gu robh an uilebheist aig Mac-nan-Carbad an gnìomh. Chaidh Ruairidh amach a dhaithghearr agus asteach don bhus. Chaidh sùil èasgaidh feadh na bha ma choinneamh. Cha robh ach àite-suidhe air am fàgail, fear dhiubh am meadhon abhus ri taobh nàbaidh agus fear eile os cionn na cuibhle-deiridh ri taobh Pheige Lachlainn, boireannach a bha farsaing ged nach robh i fada, ’s le ad ùr oirre a bheireadh gàir air gamhainn.

Ach càite a nis air an talamh am faca esan ad eile coltach rithe sin? Rinn e air an àite-suidhe a bfhaisg air, agus gun dàil chaidh e am bog gu dùrachdach le a nàbaidh ann an còmhradh domhainn air nach tigeadh crìoch gu dorus na h-eaglaise.

Agus Màiri? Bha ise fhathast air an rathad mhór adeanamh ath-chunntais. Faradh? Tabhartas? Sgàilean-uisge? Neapaicin? Na meurtagan - nylon - a - fhuair - i - bho - Mharks - agus - Spencer - an - Steòrnabhagh - fhéin - ’s - nach - bu- shnog - iad? Ceart! a h-uile dad! Shreap i suas don bhus.

A Rua—— — .” Bhuail a sùil air ceann Pheige. “Mad! -bloigh mi!”

Nach bu gheur aGhàidhlig a bha abrùchdadh á Baile-nan-Coigreach; agus nach bfhuar an sìth a thainig air Màiris i ri taobh Pheige, agus an ad abocadaich mar aonle cead na cuibhle-deiridhgu Eaglais Mhór Rocadsaidh.

titleAn Cogadh Fuar
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Dòmhnull Lòduinn in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page