[339]

AChreach Bho Dheireadh A Thogadh Am Morar

(Bho phaipearan an Athar Cyril Dieckhoff)

Chuireadh an sgeulachd so thugainn leis an Athair Mark Dilworth, on Abaid, Cille-Chuimein. Tha e an ìre mhath cinnteach gur h-ann bho athair an Athar Dominic MacCeallaig a fhuair Cyril Dieckhoff an sgeulachd. Tha an comharradh* aciallachadh nach robh Dieckhoff no an t-Athair Dilworth buileach riaraichte leis na facail a tha sgrìobhte aca, ach so dìreach mar a bha an sgeul sgrìobhte aig Dieckhoff. Cha do dhatharraich sinn lide dheth ann a bhithga chur an clò an Gairm. Tha leth-bhreac eile den sgeulachd anns an leabhar Moidart, le Teàrlach MacDhòmhnaill; is e Ailean nan Corc a tha aige-san air Aonghus.

Sgrìobh Dieckhoff an sgeul so air an 11mh de October, 1922, bho aithris Mhic Ceallaig, ann am Beoraid, am Mòrar (an tigh a tha an ath dhorus ri tigh an t-Sagairt). Bha deagh chuimhne aig MacCeallaig air an sgeulachd, oir bu tric a chuala e aig athair i an uair a bha e òg. Bha athair tri ficheads a seachd deug an uair a chaochail e, agus bann bho Dhùghallach a bhana bhuachaille aig Ceann aChreagain, an Loch Aileart, a fhuair esan an sgeul. Bha an Dùghallach so ateannadh ris acheud nuair a chaochail e, agus fhuair esan an sgeul an uair a bha e fhéin òg.)

BHA pairt de na daoine air an t-saighead. Gun robh Aonghus nan Corc anns aCheapaich an Arasaig, agus gun robh e ann am Muideart air cuairt, agus gun robh fear de a mhuinntir leis atighinn a nall Bealach nan Ian a dhionnsuidh Ceann aChreagain. Air an rathad a nall bha e cur a chinn fair nan conbhaichean leis an t-saighead. * Agus nuas aig Poll a Nis chunnaic iad Macic Dhughaill agus dhiarr Aonghus nan Corc air saighead a chur ann. Agus cha do chuir e achiad te ann ach chuir e seachad air i. Agus thuirt e ris: “Mur a cuir thu ann an te seo, cuiridh mise unnadsa i. Is math a chuireadh an ceann fair nan conbhaichean mun am seo an de, ged nach cuimsich thu bais mhor Macic Dhughaill. ” * Is air an uair sin chuir e saighead ann am Macic Dhughaill. Chaidh teicheachd* le mac Mhicic Dhughaill (is ena phaisde og) air an uair sin do Loch Abair do Mhacic Alasdair Loch-Abair; is e caraid a bha ann. Dar a thainig an gille gu aois dhfhaighneachd Macic Alasdair dheth am biodh e toileach aicheamhail a thoirt a mach is thuirt e gum biodh. Chruinnich iad a Loch Abair tri fichead fear de dhaoine foghainnteach airson an aicheamhail a thoirt a mach. Thainig iad leis gu cul a’ chnoic* fos cionn na h-eaglaise (eaglais Arasaig, tha ina cladh† an diugh) agus is ann air an Domhnach a bha ann* is bha na daoine cruinn san eaglais.

Thuirt a charaid ris: “Is e seo do chothrom; cha ruig thu leas duine leigeil as an laraich.” Thuirt an gille an uair sin, ged a bha feadhainn coireach ann a seo, gun robh moran neochiontach. Is thuirt a charaid an uair sin ris: “Mas e sin an duine a tha annad, bi coimhead air do shon fhein; chan eil mise deanamh an corr dhuit.” Is thill a charaid le a chuid dhaoine air ais do Loch Abair is dhfhuirich fear den sgioba comhla ris. Is bha iadgam falach fhein feadh nan coilltichean agus fhuair Aonghus nan Corc a mach gun robh iad ann is bha e airson cur as


* = sic.
† = LSna chladh.



[340]

dhaibh. Chruinnich e tri fichead fear airson faoghaid a chur ris* aChreig Mhoir ann an Suanas-leitir agus cha dfhuair iad iad. Is ann an sin a smaoinich iad gun cuireadh iad da sheann bhoireannach air falbh le pocannan coinnich thromh *Mhoinich Mhoir airson gun saoileadh na daoine a bha fo choille gur ann don tigh-fhighidh a bha na boireannaich adol. Agus aig an am gun robh an cleachdadh a bhith toirt leo mulachag caise gun fhigheadair (an aite airgiod). Is adol seachad air achnoc a tha ann am meadhon na Moinich Mhoir, * thainig an da dhuine a bha fon choille a mach a dhfhaichneachd dhe na boireannaich de bha aca anns na pocan. * Thuirt te dhiubh: “A dhaoine uaisle mar a tha sibhse, cha bhi sibh afaighneachd de bhios aig creutairean bochda mar a tha sinne.” Is thuirt fear dhiubh. “Feumaidh sinn an t- aodach* uile,” is ag cur a lamh air fear de na pocannan dhaithnich e gur e coinneach a bha ann. Thug e suil air ais air a’ mhonadh* Shuanas-leitir is bha na tri fichead fear a stigh aig an fhang. Thuig iad mar a bha is rug air te an t-aon agus stob iad fodha iad anns an fheith, agus gus an latha an diugh is e Na Cailleachan Buidhe a tha air an aite.

Thair iad as iad fhein a dhionnsuidh Amhuinn Mhorair airson dol far na h-amhuinn. Is aig an am sin cha robh drochaid oirre ach maide a bha am braigh an eas air a cheangal air an da cheann le gad. Dar a bha e fairis air amhaide thuirt am fear a bha thoiseach ris an fhear a bha deireadh: “Carson nach do bhuail bhiodag* air aghad.” Is thionndaidh e agus bhuail bhiodag air. Is anns an am bha fear de na tri fichead nall air amhaide as an deigh is chaidh e fhein is am maide leis an amhuinn. Is thill Aonghus nan Corc air ais leis an da fhichead fear sa naoi-deug. Dar a bha iad adol seachad air achnoc am meadhon na moinich thuirt e: “Theid sinn a choimhead de bha aig na meirlich anns achnocagus gus an latha an diugh is e Torr nan Meirleach a tha air a* bha an uair ud fo choille.

An dithisd a bha fon choille chum iad suas gu Drochaid an Loin, far an do thachair da bhoireannach riutha, is iad ag caoineadh. Dhfhaighneachd iad dhiubh de bha orra. Thuirt iad gun robh MacLeoid Dun- bheagan* an deigh a’ chreach* a thogail bho bhraigh Mhorair guh-iochdar. Is dhfhaighneachd iad cait an robh iad is thuirt iad riu: “Aig Cille-Chuimeinis thill iad air ais is thainig iad fos cionn Cille-Chuimein anns abhruthach a bha an uair sin fo choille. Aig an am sin bha iad atoirt a stigh nam bataichean airson an crodh a chur annta aig aBhuarbhlaich is bha MacLeoidna shuidhe air an raon ag gabhail a bhidh. Is thuirt fear dhe na daoine seo: “Nach bu shuarach oirnn agus fiachainn air.” Is thuirt am fear eile: “Chan eil math dhuinn; bidh sinn an lamh leis am beil an seo de dhaoine. * ” Is thuirt am fear eile: “Nach eil an da bho as fhearr an taobh seo de Lochaidh agam fhin agus agad fhein.” Is dhfhiach e air MacLeoid is chuir e an t-saighead ann. Is chaidh achreach a leigeil mu sgaoil is dhfhalbh iad dhachaidh le MacLeoid. Is e sin achreach mu dheireadh a chaidh a thogail ann am Morair.

Thill an dithisd aca air ais do Arasaig is bha iadgam falach fhein anns an Laraich Mhoir. Is bha nigheanan Aonghus nan Corc adol



[341]

leis achrodh gun Laraich Mhoir is bha iad atachairt air na gillean seo. Agus thoisich iad ri deanamh suas te dhiubh ri mac Mhicic Dhughaill is mu dheireadh dhinnis i dha a h-athair mu a dheidhinn. Is thuirt a h-athair rithe gum feumadh i a thoirt leatha a dhionnsuidh a tighe agus dhaontaich e gum faodadh iad posadh. Is oidhche na bainnse, an deigh dhaibh dol a laidhe, thainig am bodach, Aonghus nan Corc, leis a bhiodaig airson cur as dha: ach le fios a bhith aig Macic Dhughaill an duine a bha ann bha e deiseil air a shon is tharraing e an claidheamh aige is thuirt e ris, nan tigeadh e a rithisd, gun cuireadh e an ceann dheth. Is cha do chuir e dragh tuilleadh air.

Ach oidhche bha iad ag cluiche nan cairtean. Thug e sar sgailleag le cul a laimhe don bhean, is thuirt ise an uair sin: “Bha latha nach biodh sid gun dhioghlachduinn* air. Is thuirt esan rithe: “Mas e na cnaimhean buidhe sin shios a tha thu maoidheadh ormsa, cha mhaoidhich orm nas fhaide iad.” Is leum e air a chois sios do cheann eile an tighe is bha Aonghus nan Corc air urnuigh anns an am is chuir e a bhiodag ann is mharbh e e.

Notaichean.
Suanas-leitir. Is ann an sin a rugadh MacCeallaig.
Cill-Chuimein. Is e so an cladh ri taobh an rathaid mhóir aig aBhuarbhlaich. ’S e so an t-aon àite-adhlacaidh a tha am Mòrar.
* = sic

[Sanasan]

titleA’ Chreach Bho Dheireadh A Thogadh Am Morar
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Cyril Dieckhoff in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page