[11]

Air An Spiris

RIAMH bhon a thug am bigean an aghaidh air an iolaire cha chualas mu aramach leithid na h-aramaich a tha eadarIcelandagus an dùthaich so mu chrìochan an iasgaich. So dùthaich bheag anns nach eil ach 163,000 de shluagh atoirt dùbhlan do neart Bhreatuinn. Dùthaich nach eil ach mu thrì uiread Innse Gall!

Tha e nàdurra gu leòr dhuinne a shaoilsinn gu bheil ar dùthaich fhéin daonnan air taobh acheartais, ach tha e mithich dhuinn a chuimhneachadh gu bheil an t-iasg aciallachadh beatha no bàs do dhIceland. Tha Iceland an crochadh air an iasg airson 95% de a beò-shlaint; chan eil sinne ach an crochadh gu ìre glé bhig air na bheir ar tràlairean air ais. Anns na bliadhnachan so chaidh, tha Iceland air a bhi atoirt air tìr 450,000 tunna éisgs abhliadhna. Tha sin suas ri tri tunna mu choinneamh gach aon cheann anns an eilean.

Chan eil ann an Iceland mar is aithne dhuinn an diugh i ach dùthaich òg. Ged a fhuair i achiad cheum de a saorsa bhon Lochlann ann an 1918, chan eil ach ceithir bliadhna bhon a sgar i i fhéin buileach. Spiol An Lochlann na ghabhadh spiolladh, agus rinneadh diol air na h-Icelandaich ceart mar a rinneadh air na Gaidheil ri linn an tuath a chur far an fhearainn, agus tha na mìltean aca bus ri bus ri sliochd na Gaidhealtachd ann an Canada, airson an aon adhbhair. Mar sin, an uair a fhuair an dùthaich a saorsa cha robh dad de mhaoin air a cùl.

Ann an 1953 bha sluagh na dùthcha ann an droch staid ri linn an t-iasg a bhi adol bàs le sgrìobadh nan tràlairean. Gus am beò-shlaint a ghleidheadh ghluais na h-Icelandaich crìochan an iasgaich amach gu ceithir mìle, agus na ceithir mìle sin air an tomhas bho ghoban nan rubhachan.

Ri linn agus gun do rinn sinne othail mu dheidhinn sin, thionndaigh cuid den t-sluagh ri na Comunaich, a thairg margadh dhoibh airson an cuid éisg an uair a dhiùlt sinne margadh mar dhioghaltas. Am bheil sian adol a dheanamh an dearbh rud a rithist, seach gu bheil na h-Icelandaich aleagail na h-aon riaghailt air na tràlairean againne agus a tha iad aleagail air an tràlairean fhéin? Tha an latha seachad anns an còir don bhéisd as motha a bhi ag ithe na bèisde as lugha. Ri àm cogaidh tha Iceland ann an suidheachadh feumail. Bu chòir dhuinn a chuimhneachadh gur fheàrr caraids achuirt na beagan éisg ann am barailean.

Tha Iceland aceannach asteach luach nam mìltean pùnnd de ghoireasanbho ghual gu todhara h-uile bliadhna. Ma tha iasg a dhìth oirnne, bfheàrr dhuinn a bhi ri bargan na ri trod.

titleAir An Spiris
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page