[77]

Gnathasan Cainnte
(anns an sgialachdCailleach na Ribeig”)
Le IAIN PEATARSON

LEUGH mi an sgialachdCailleach na Ribeigo chionn ghoirid anns an leabhar Gille nan Cochal Chraiceann le K. C. Craig. A nisde, tha e air ainmeachadh gur ann am BeàrnaraidhBeàrnaraidh na Hearadh tha mi an dùil? —a fhuaireas an sgialachd so le Eachann MacIlleathain anns abhliadhna 1859. Chuala e i aig Dòmhnall MacPhilip a dhionnsaich i o Aonghus MacLeòid. Tha na h-ainmeannan aca aco-fhreagairt ris gur ann á Beàrnaraidh na Hearadh a bha iad. ’S e tha cur ceiste ormsa gu a dhfhàg cainnt Uibhist-a- deas ann an sgialachd á Beàrnaraidh na Hearadh. Chan eil mi creidsinn gun tainig an urad so a dhatharrachadh air cainnt Bheàrnaraidh ann nas lugha de ùine na ceud bliadhna.

So agaibh taghadh den eadardhealachadh a tha eadar cainnt na sgialachd is cainnt an latha an diugh am Beàrnaraidh. Tha cainnt an leabhair air a cur sìos anns achlò Eadailteach:

(1) agus latha bha sin. Cha chluinnear achseanam Beàrnaraidh uair sam bith, ach a mhàin ann a leughadh aBhìobuill.

(2) a dhiunnsaigh an dorais. Cainnt Bheàrnaraidh, ‘gon an doraisnochon an dorais’. Chan e nach eil am facal a dhionnsaigh aca an uair a bhios e feumail ann am bàrdachd no leithid sin.

(3) mura ceangladh. Cainnt Bh. ‘mara ceangladh’. Chan eil annno angair am fuaimneachadh idir.

(4) ors easan. Cainnt Bh. ‘os eisinn’; ‘as eisinn’ (an e mar è ach goirid).

(5) cheangail e an sin na coin. Cainnt Bh. ‘cheangail e asean na coin’, aciallachadhan uair sin’, nocheangail e ann ashean’, aciallachadhanns an àite sin’.

(6) air Moire fhéin. Cainnt Bh. ‘air monair fhéin’. Tha an ràdh so cumanda gu leòir am Beàrnaraidh ach cha chuala mi riamh air Moire fhéin ann. Tha am facal Moire bitheanta ann, ged nach bithear acur air is fhein còmhla ris. ’S ema thaan aon fhacalan a bhithear acurna luib, e.g. ‘Moire ma thais mi nach robhetc. Ach mar is trices ann leis fhéin a bha e e.g. “Moire, gur tusa bha dìcheallach” —Bàrdachd Chaluimic Iainic Phàdruig (1825-1903).

Nam beMoirea bhiodh aig seanchaidh Beàrndrach ann, is ann rudeigin mar so a chuireadh e e: “Moire! is ann a dhéirich iad a seo air achéile”.

(7) Dhianadh iad bogan air achreagan agus creagan air abhogan. Cainnt Bh. ‘Dhianadh iad bogan dhen achreagan agus creagan dhen abhogan’. Ged is e dhen aa chleachdaiste an còmhradh an diugh, on tha bointeanas aige so ri fuaimneachadh dhfhaodadh e bhith aca le air ann an seann sgialachd mar so.

(8) rachadh iad fodha. ‘readh ad fodha’.

(9) an t-àite bu mhutha rachadh iad fodha. ‘an t-àite bu mhotha



[78]

readh ad fodha’. Tha am facal mutha aca am Beàrnaraidh ach chan eil gnothaich aige ris an fhacal motha, e.g. Chan eil mutha dhfheum ann; Theid am balach mutha oirbh mar gabh sibh a chùram.

(10) gos an do smaointich. ‘gos an do smaoinich’. Bithidh aig cuid a dhaoine anns an fhacal so ann an cuid dhe phàirtean ach cha chuala mi riamh i aca anns an dearbh ràdh so.

(11) Chuir i fòiche. ‘Chuir i fèidhpe enoChuir i fèidhe e’. NoChuir i feothaich e’ ( ?) Is minig a chuala miLeag e fuar feothaich’ .i. “out for the count” .A bheil am facal so aca an Uibhist-a- deas?

(12) am bràthair a bu mhidheanaiche. ‘am bràthair meadhainn.’ Is e achiall a bheireadh Beàrndrach asam bràthair a bu mheadhanaicheam fear a bu mhiosana shlàinte.

(13) gun rachadh e fhein air falbh air a lorg; gum bu chòir dha; acur eagail oirre. Cainnt Bh. ‘gun deaghadh e fhéin air falbhga lorg’; ‘gum bu chòr dha’; acuir eagail orra’. Chan eil aca am Beàrnaraidh ach an aon fhacal airson an chuidoirreagusorra”.

(14) mar a chaidh iad as an rathad; chàirich esan ann as teini: orm fhìn; air alts nach cairgheadh iad. Cainnt Bh. ‘ mar a chaidh iad as an rathad’; ‘chàirich eisinn as an tean i’; ‘arm fhéin’; ‘air alts nach caireicheadh ad’. Ach is minig a chuala micairgheadhann, am magadh air Mórthirich na leithid sin.

(15) an rud tha unnta. arud thannda’.

(16) agus tha trong òir. ‘agus tha drunga òir’.

(17) ballan pasmhainn. Chan eil mi cinnteach an dràsda a bheil am facalpasmhainnaig na seann daoine ann am Beàrnaraidh no nach eil. A bheil e aca an Uibhist-a- deas?

Bhon a so chì sibh nach beag na tha a dheadardhealachadh eadar an chainnt. Chan e sin a mhàin achs ann ann am faclan beaga a tha am bial an t-sluaigh a chuile latha a tha amhòr chuid. Ged a bhiodh facal annasach an suds an so nach robh ar réir is mar a chanar an diugh e cha chuirinn umhail sam bith air.

Chan eil mise dol a ghabhail orm fhéin fuasgladh a thoirt dhuibh air acheist: gu a dhfhàg an t-eadardhealachadh so eatorra. Cha bhiodh ann ach ladarnas dhomh is gun strad eòlais agam air eachdraidh Eachainn MhicIlleathain is a chuid oibreach. Cha mhotha na sin a chunnaic mi gin dhe na làmh-sgrìobhainnean anns a bheil na sgialachdan.

Ach tha aon rud ann as a bheil mi deimhinne aguss e sin so: mas ann aig Beàrndrach a fhuair Eachann an sgialachd so cha do chuir e sìos na facalan mar a chuala e iad. Air a làimh eile ma chuir e sìos na facalan mar a chuala e iad chan eil rian air gur ann aig fear a mhuinntir Bheàrnaraidh na Hearadh a chuala e i.

Tha fhios agam gu bheil a dha na trì, na barrachd, a sgialachdan eile anns acho-chruinneachadh aig aChaimbeulach air an ainmeachadh air Beàrnaraidh. Leugh mi te na dhà dhiubh anns aBheurla. Is docha, leis aGhàidhlig anns a bheil iad so air an cur sìos a choimeas ris aGhàidhlig a tha ann an sgialachd Cailleach na Ribeig gum faigh sinn dearbhadh nas fheàrr air achùis.

titleGnathasan Cainnte
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Iain Peatarson in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page