[79]

Sean Eolas-Luibh

(5) AN T-IUBHAR

Le ALASDAIR MACILLE MHAOIL

BHA an t-iubhar lìonmhor gu leòir saGhaidhealtachd aig aon àm, ach an diughs ann tearc a chithear e, co-dhiùbh air an achadh fhosgailte.

Is ann de a bha am bogha-saighde, am bitheantas, air a dheanamh agus a chùm gum biodh am pailteas fiodha ri làimh, airson an aobhair sin, bha e mar fhiachaibh air gach sgìre craobhan iubhair a chur anns gach clachan.

Ann anDàn an Deirggheibh sinn iomradh air luaths an fhir a bhamar shaighead o ghlacaibh an iubhair bha chasan asiubhal nam barra-thonn”. Agus nuair a chuala Diarmad fuaim na seilge am Beinn Ghulbhann mhiannaich e a bhith sachomhlan,

A chraosnach dhearg cabheil thu,
S cabheil miubhars mo dhòrlach?”

Be roghainn an t-sealgair air fireach an fhéidh,

Bogha dhiubhair Eas-ragan,
Is ite fìreun Loch-an-Tréig,
Céir bhuidhe Baile na Gailmhinn,
S ceann on cheàrd MacPheidearan.”

Ruigidh achraobh so aois shònraichte. Aig Fartairchill, baile beag air taobh tuath Loch Tatha, tha cunntas air craoibh-iubhair a tha, réir barail oileanach, còrr air mhìle bliadhna dhaois.

titleSean Eòlas-Luibh (An t-Iubhar)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Alasdair Mac ’Ille Mhaoil in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page