[84]

A Robh Sibh Riamh Aig Faing Bhradhagair?
Le DOMHNALL MACPHAIL

AIR do Scotty na seachd falluis a chur dheth breabadaireachd fad an latha shamhraidh thainig e, air dha crìoch a chur air saothair an latha, agus boiseag a chur air aodann, mach gu oisean an tighe a mhealtainn àillneachd an fheasgair, rud a thogadh dheth sgìos na h-oibreach, agus a bheireadh dha ùireachadh fhallain.

Bha Iain Ailein ri cur na bhleoghainn don bhàthaich agus as an dol seachad dha dhéigh e ri a nàbaidh gu robh Comunn aMhonaidh air pàipear a chur ri uinneag Oifis aPhuist ag agradh air muinntir abhaile an fhaing chur air adhart Di-màirt. “An fhaing Di-màirt!” arsa Scotty, “an tha dùil agam ri Mac Uisdein leis an tractor airson aiseag na mònachmallair achòmhlan,” ars esan le ruit air. “Coma leat”, ars am fear eile, “gheibh sinn airson mòine nuair nach fhaigh airson faing, agus mas fìor na thuirt Lloyd bithidh muinntir an Rubha amuigh an sin cuideachd, ach bheir mise Gearraidh Sgrì dhiubh an toiseach mas mac do mo mhàthair mise.”

Gu tràth air madainn Di-màirt rinn na fleasgaich moch-eirigh, agus cha bfhada gus an robh iad, len cuid chon air an sàil togail orra thar monadh is frìth. Mach aig an Atha Ruadh bha Calum aChing a cheana air an crodh a chur air falbh bhon àirigh, agus e fhéin glan deiseil airson na cuideachd dhol a thrusadh nan caorach gu faing an rùsgaidh. Ann a sin chuir gach fear cùrsa orra. Chaidh Iain Dubh agus Lloyd null Ieogro, mu ghualainn Tom Inagro, taobh an iar Roiseal gus an coinnicheadh iad Iain Mór Fhionnlaigh mach ma Loch Scarabhat. Chùm Scotty agus Murchadh Ruairidh ma Shulagbhal ach cha robh sealladh air Iain Ailein, oir bha esan dol a thoirt Gearraidh Sgrì feir muinntir an Rubha mus deidheadh a chuid thrì-bhliadhnaich thoirt air seachran. Mar a thubhairt esan bfhìor, oir cha robh fada ann gus am faca iad e tighinn asteach machair Feadan Lid, ’s gach ceithir-casach den treud ri deanamh còmhnard air Beinn aChanaich.

Null agus anall bha an trusadh dol air aghaidh agus cha bfhada gus a robh caoraich abhaile cruinn aig bun Gleann Ieogro. Chaidh anail bheag a thoirt don treud an sin, thug na fir toit as aphìob, bha na coin afliuchadh an teangannan san uisg a bha sruthadh san fheadan, agus air dhaibh an ùrachadh sin fhaotainn thog na cìobairean orra steach bruaich aGhlinn Mhóir a dhionnsaigh na fainge.

Bha e nis dlùth air meadhon latha, agus bha na dhfhuirich aig baile ri deanamh deiseil airson na fainge, gach òg agus aosda a burrainn gluasad. ’S e mór a thann a na fainge. Sud bhios bodaich agus cailleachan cinnteach air boiseag a chur air an aodainn co-dhiùbh. Bithidh na caileagan air an sgeadachadh ann an aodaichean mìn; ’s ann a shaoileas neach gur h-ann gu dannsa an Talla abhaile mhóir tha iad ri dol, aguss iomadh seann ghille bhios agoid an t-seallaidh air maisealachd agus sgoinn nan caileagan air na fainge.



[85]

Bithidh nis òganaich, braisichean agus bodaich liath air cruinneachadh aig an fhaing, agus feadhs a bhios iad ri feitheamh air na caoraich thighinn bithidh na seanchasan air ghleus. Measg na cuideachd bithidh Alick Mór, agus esan rig innse mu bhuadhan mór anTory Party,ged nach ann aige bhios an ràdh gu léir, gu h-àraidh ma bhios Coinneach Gobha an làthair. Mur toir Alick a thigh na Pàrlamaid sinn bithidh e comhairleachadh dhuinn feum mhath a dheanamh de na cothroman a tha Coimisean Ur nan Croitearan acur fa ar comhair. ’S e duine cuideachdail a tha ann an Alick còir.

Fad air fàire cluinnear sgaladaich chon, mèilich chaorach, agus fead caol cruaidh an dràsd agus a rithist, mar a bhios an treud ri tighinn dlùth don bhaile; agus air an t-slighe chùm na faings iomadh argumaid bhios ann mu na h-uain as fheàrr. “So na caoraich”, éighidh cuideigin, agus sgaoilidh an comunn, ’s gabhaidh gach buidheann an àit aig an fhaing.

Mo chreach, aghaoirich bhios an sin eadar daoine, coin agus caoraich. Cha chualas a leithid bhon chaidh stad a chur air togail Tùr Bhàbiloin. “Steach leodhéigheas Dòmhnall Gladaidh, “Gabhaidh an fhaing gach ceithir-casach dhiubh”. Sgoinn air gach neach thall agus abhos gus am bi an treud fo ghlasan na crò.

“ ’S math an trusadh rinn balaich Bhradhagair an diugh”, canas Niall Culloch na Dùine. “Chan fhaca mi uiread de chaoraich cruinn, ’ille, bho thainig mi dhachaidh á Montana”, freagraidh Murchadh aBhraighdein. “ ’S mór na caoraich a thann am Bradhagairtheir fear eile bhon taobh shuas. “Tha móran de chaoraich Chàrlabhaigh an so cuideachd”, their MacPhàil Cheann a deas. Tha balaich Bhradhagair gu math do dhaoine eile ann a bhith atrusadh chaorach. Anns acheum sin co-dhiùbh chan urrainn duine a ràdhGu bheil gràdh thoirt do choimhearsnaich air choigreach bhon achomhlan.” Chan eil gu dearbh.

Car tacain bithidh fois aig an spréidh. Cha leigear leas riaghailt éigheachd aig an fhaing. Cha teid neach steach air gualainn na fainge gus am faigh na fir a bha air amhòinteach gréim arain is balgam tea no deoch de sheòrs-eigin eile, a bhios air a chur fan comhair leis na mnathan is na caileagan. ’S e na fir-thrusaidh theid don fhaing an toiseach, sin an riaghailt a bha ann bho thùs, agus tha i seasamh fhathast, agus chan eil bacadh air duine le miann dhol a shireadh a chuidcoigreach na eile.

S e dripeil tha ann a na fainge, achs e càirdeil a thann. Ma bhios duine ann tha lag-làmhach tha na h-uile cuideachaidhga thoirt dhàsan. Bithidh na caoraich chonadail air coimhead riutha cuideachd, agus bithidh Doig agus Calum Doll gu pongail cur an òrdugh comharraidhean nan conadail. Chan eil barrachd de cho-chomunnga nochdadh ann an gnìomh air bith eiles a tha ann faing am Bradhagair.

Bithidh luchd lomairt a nis le sgoinn, agus brags gaoir na deamhais ceithir thimcheall an àite, ’s gàires àbhcaid toirt fianuis gu bheil an soirbheachail. Bithidh am feasgar a nis aciaradh is saothair an an latha ri tighinn gu ceann. Bithidh daoine sgìth ach làn riaraichte leis, agus their Scotty fhéin gum math seachad an fhaing, an dòchas gum bi prìs na clòimh dol suas.

Sin agaibh matà cunntas ma faing am Bradhagair: ’s iomadh sòlas bha agamsa ann.

titleA Robh Sibh Riamh Aig Faing Bhradhagair?
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Dòmhnaill MacPhàil in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page