An Sgeilp Leabhraichean
T. G. E. Powell, The Celts. (Thames & Hudson. 25/- .)
Tha an leabhar so anns an t-sreith a tha na clo-bhualadairean a’ cur amach fo’n ainm“Ancient Peoples and Places” ,agus tha e air leabhar cho inntinneil, eireachdail ’s sgrìobhadh fhathast air na Ceiltich. Tha móran de dheilbh is de mhapaichean a’ soilleireachadh na h-eachdraidh, agus a’ mìneachadh dhuinn gnè an ealain a chleachd na Ceiltich anns na linntean fad as. Tha cunntas cothromach ’ga thoirt dhuinn air na leabhraichean is na sgrìobhaidhean is na museumaichean far an do thruis an t-ùghdair an t-eòlas air a bheil an leabhar so air a stéidheachadh. Mar sin tha e furasda feum a dheanamh dheth. Shaoilinn gum b’ fhiach e bhith ann an leabhar-lann gach sgoil-mhóir anns a bheil Gàidhlig ’ga teagasg.
Mar a tha an t-ùghdair ag ràdh, is e litreachas na h-Eireann is na Cuimrigh an litreachas as sine anns an Roinn Eòrpa, amach air litreachas na Gréige is na Ròimhe. Agus tha solus ’ga chur leis an litreachas sin air modhan agus caitheamh-beatha a tha fada nas sine na an t-àm anns na sgrìobhadh e, oir bha beul-aithris ann mus do dh’ ionnsaich na Ceiltich sgrìobhadh. Mar sin, gheibh sinn ann an litreachas nan Ceilteach eòlas mu’n Roinn Eòrpa nach gabh fhaighinn air dòigh sam bith eile. Fada agus searbh ga robh ùghdarras na Beurla ann am Breatainn, tha so a nis ’ga thuigsinn mu dheireadh thall. Faodaidh gu bheil luchd na Beurla a’ smaoineachadh gu faod iad a bhith fial, faoilidh a nis is gach cànan Ceilteach gu bhith aca fo na casan.
Ach tha an leabhar so a’ ruighinn fada roimh àm sgrìobhaidh is litreachais anns na h-eileanan so. Tha an sgeul ’ga thoirt air ais gu meadhon is gu taobh-an-ear na Roinn Eòrpa, mus do bhrùchd sinnsearan nan Gaidheal is nan Cuimreach gu tuath is gu deas is chun an iar, mus do chuir iad fòdhpa ceann-a- tuath na h-Eadailte, is an Fhraing is an Spàinn, mus do ràinig iad Galatia, is mus do chuir iad cas air tìr am Breatainn no an Eirinn. Tha a rithist eachdraidh ’ga thoirt dhuinn air na siubhail sin, bho’n t-seachdamh linn roimh bhreith Chrìosd. Tha inneal is uidheam, làraichean thighean is theampall, agus modhan adhlacaidh ag innse pàirt de’n sgeul sin agus litreachas Clasaiceach agus Ceilteach a’ cur ris, is tha móran air a chur fa’r comhair an so mu’n dòigh-beatha a bh’ aig ar sinnsearan troimh na linntean, is mu’n chreideamh ’s mu’n t-saobh-chràbhadh a bh’ aca.
Tha an sgeul fada o bhith ullamh. An duine bhios beò ’s a leughas an ceann leth-cheud bliadhna eile, gheibh e fiosrachadh gu math nas coimhlionta air na seann Cheiltich. Chan eil ach dà mhìos no mar sin bho thainig am follais ann an Sealtainn innealan agus usgairean
a chàiricheadh anns an talamh roimh ’n bhliadhna 800 A.D. , agus tha iomadh duilleag eachdraidh mar sin ann a thionndaidheas an spaid fhathast. Ach gleidhidh an leabhar so a ùghdarras airson grunn math bhliadhnaichean.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Celts) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |