[63]

Am Prionnsa ann am Muideart

Le ANNA FHRISEAL

FEUMAIDH gur aithne don mhór-chuid gum bann o Loch nan Uamh, am Mùideart, a sheòl am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart air falbh gu bràth an déidh do gach dòchas aige tighinn gu neoni. Ach ma dhfhaodte nach aithne do fheadhainn an ceangal a bhaige, uairs uair air chùl sin, ris an loch fhéin agus ris an dùthaich mun cuairt air.

Oir bann air cladach Loch nan Uamh a sheas e air mór-thìr na h-Albann airson achiad ama, cho math ris an àm dheireannach. Be deireadh an Iuchair a bhann nuair a chuireadh e air tìr asLa Doutelle,” còmhla ri Seachdnar Fhear Mhùideirtan dòrlach ainmeil ud de chompanaich a thàinigna chois as an Fhraing. Agus airson còrrs cealadeug bha aige ri fantainn am Mùdeart, afeitheamh ris an taic a dhfheumte mum biodh feum dhà a bhith adol na bfhaide. Agus an toiseach cha be ach briseadh-dùil a thàinigna rathad. Dhiùlt córrs aon cheann-cinnidh, as an robh làn-earbsa air bhith aige, an cuideachadh. “Ler cead, rachaibh dhachaidh,” ars iadsan. “A dhaoin-uasail, tha mi air tighinn dachaidh,” fhreagair esan. Car greise chaidh taic a dhiùltadh dhà eadhon le Mac Dhòmhnaill Duibh (air an robhAn Caomh” ), ach air don dithis tachairt ri chéile thuit an Camshronach cho domhainn fo gheas aPhrionnsa agus gun do lean se e, cha mhór da aindeoin fhéin, aig an àm ud agus fad a shaoghail. Agus a nis, le aon cheann-cinnidh cudthromach co-dhiùbhga sheasadh, gun fhuireach na bfhaide thog Teàrlach air gu Gleann-Fhionghuin, astar mu dhusan mìle mu shear. Air an 19mh den Lùnasdal, air cnocan beagan a deas air far a bheil an stéisean an diugh, thogadh abhratach rìoghail fa chomhair am mìle no dhà a bha cruinn ann.

Agus mar sin chuireadh air chois an oidhirp mhóroidhirp a thàinig cho beag geàrr air buaidh, no oidhirp a bha caillte mun do thòisich i idirco aig a bheil cinnt? Tha na h-eachdraichean ri deasbaireachd fhathast, gach uile aon cinnteach gur h-esan, no ise, a tha ceart.

A nis, tha uiread sgrìobhte mar thà air na thachair anns na naoi mìosan eadar an subhach ud agus dubh Chùil-lodair agus nach leigear a leas lide sam bith a chur risagus thachair a h-uile dad dheth fad o Mhùideart, co-dhiùbh.

Beachdaicheam, matà, air an 26mh den ath Ghibleinagus Blà Chùil-lodair caillte o chionn deich làithean. Air feasgar an latha sin ràinig Teàrlach Loch nan Uamh, agus sùil aige ri aiseag fhaotainn gu àite-falaich air choreigin an Innse-Gall. Bha a nàimhdean dlùth air a shàiltean, agus £30,000 de airgead-cinn air, ach bha an t-sìde cho bagairteach agus gun do chuireadhna shùil fuireach far an robh e gu madainn. Ach cha robh e airson dàlach sam bith, agus feumaidh gum baithreach leis a rag-mhuinealachd roimh mhadainn. Oir dhéirich stoirm cho oillteil agus nach faicear a leithid ach ainneamh eadhon anns na h-uisgeachan garbha sin. Air ghnàth-eòlas agus sgil sgiobair abhàta, Dòmhnall MacLeòid an Sgitheanach, chaidh am fuadach anull


[64]s anall anns aChuan Sgitheanach, agus bann air fìor éiginn a rinneadh cala dheth am Beinn-a- Bhaodhla aig acheann thall.

Leis an tòir gun tàmhna dhéidh, chuir am Prionnsa seachad na h-ath trì mìosan agluasad o àite-falaich gu àite-falaich an Innse-Gall, cuidichte an toiseach le Dòmhnall MacLeòid, agus an déidh-làimh le Fionnghail NicDhòmhnaill. Troimh an cuid dìlseachds innleachd, chaidh aige air car mu chnoc a thoirt da nàimhdean uile, agus anns an Iuchar thill e gu Mùideart aon uair eile. Dhfhan e an sin car latha no dhàam falach, ’s dòcha, an Uamh aPhrionnsa, a tha ri faicinn gus an an diugh leis an neach a tha cuimseach clis.

O sin suas gus an dfhàg e Alba gu bràth, bha am Prionnsa air cùram Chlùnaidh, am falach am Bàideanach anns an fhasgadh gharbh ud, gu h-àrd air sliosan Beinn na Feàrna, air an tugadh (co-dhiùbh aig an àm sin non deidh-làimh, chan eil cinnt againn) am frith-ainmEunadan Chlùnaidh.” Cha bann gu leth-char troimhn t-Sultainn a fhuair e an deagh naidheachd gu robh luing Fhrangaich air acair an Loch nan Uamh, deiseil ga ghiùlan do theàrmunn san dùthaich sin. Thog e air gun dàil, le beagan chompanach, ach cha be sin deireadh achunnairt dhà, air chor sam bith. Oir thairis air gach long á Bàideanach gu Loch nan Uamh bha an t-arm dearg sgaoilte, amach an sreath triochad mìle air leud, titheach air a ghlacadhagus a dhaindeoin nach do shiubhail e ach a dhoidhche, bu mhinig a theab sin tachairt mun dràinig e a cheann-uidhe. An déidh dhà Bàideanach fhàgail, be Mac Dhòmhnaill Duibh an triath a bha Teàrlach san dùthaich aige, agus air na sléibhtean os cionn Ach-na-Carraigh thaUamh aPhrionnsaeile.

Aig beul an latha air an 19mh den t-Sultainn thàinig Loch nan Uamh san amharc air acheann thall, agus an luing air acair fhathast, afeitheamh ris an fhear-turuis rìoghail aca. Tha e air a ràdh (agus ciamar eile a leigeadh leò a bhith afuireach ann, os àird buileach, fad dlùth air seachdain?) gu robh brataichean Sasunnach rin cruinn. Ach ge be n innleachd leis an tug iad car as achàbhlach Shasunnach, aig uair samhadainn làrna-mhàireach (sin ra ràdh, air an 20mh den t-Sultainn) thogLHeureux” (agus am Prionnsa air bòrd innte) agus a companach na h-acraichean aca.

Mar so bha achuibheall air a làn cuairt a dhèanamh dheth, aguschrìochnaich am Prionnsa mar a thòisich e,” am facail neach a bhamuighleisagus dìreach far an do thòisich e, taobh amuigh de shlait no dhà, cóig mìosan deug roimhe. Ann an dealachadh ris na càirdean dìleas a dhfhàgtena dhéidh, is dòcha, co-dhiùbh, gu robh e-fhéin an dùil ra thilleadh le feachd a dhfhóghnadh dhà airson buaidh chinnteach fhaotainn. Ach cha do thill e gu bràth.

* * * * * *

Tha càrn gasdana sheasamh a nis air an ionad eachdrachail so, an déidh do dhòrlach muinntir na coimhearsnachd fhéin a mhàin a bhith eòlach air, troimh bheul-aithris a bha air a shìneadh anuas o linn gu linn o chionn beagans cheud bliadhna air ais.

Thogadh an càrn leComunn an45.” (The Forty-Five Association). A nis, tha feadhainn am beachd nach bfhiach am Prionnsa -


[65] shealbhach uiread a dhurram so. Achs e an rud, nach e mhàin am Prionnsa fhéin a bhithear acumail an cuimhne leis achàrn so, ach am móran, uasals ìosal, leis an do sheasadh e cho dìleas, air dhaoiread an dìlseachd sin do na h-uimhir aca.

Bha dòchas aig achomunn an càrn fhoillseachadh air an 20mh den t-Sultainn, 1956sin ra ràdh, cheud bliadhnas a deich on cheart air an dfhàg am Prionnsa beannachadh aig Loch nan Uamh, agus air a dhùthaich fhéin, gu bràth. Ach air àireamh aobhar bha an 4mh den Dàmhar ann mus robh gach ullamh. Air an ud, agus gaoth sgaiteach on tuath, uisge nan seachd sìon chuiges uaithe, clachan-meallains chan eil fhios ciod ann, dhfhoillsicheadh an càrn le Ban-iarla Earroill. Air ghairbhead an latha bha cuideachd mhór cruinn mu thimcheall achùirn air an rubha bheag, chorrach a spàrras a shròn an uisgeachan domhainn Loch nan Uamh. Agus bha amhór-chuid de na bhannnan sìol dhiùbh-san a chathaich airson mac an rìgh aca. Bha triùir phìobair an làthairIain MacFhionghuin, a rinn an càrns a chluichMoladh Móraig” (bhaMóragair aPhrionnsa); Aonghus Mac-a- Phearsoin, pìobair urramach don chomunn, de shìol Sheumais, piòbair do Chlùnaidh an45, agus e-fheinna phìobair gasda fhathast, a dhaindeoin e bhith ochdad bliadhna a dhaoisagus Frang Camshron-Ceann, Inbhir-Aileirt. A thaobh an fhir mu dheireadh, cha bhiodh e air gabhail air idir gu robh lùdag mhath aige air cluiche na pìoba, ach air an àraidh so thàrladh gum burrainn dhà rudeigin fìor annasach a thairgsinn da chuid lucnd-éisdeachdport, “Dealachadh aPhrionnsa Teàrlach ri Mùideart,” nach baithnichte ach dhà fhéin a mhàin. On rinneadh am port so, aig àm an dealachaidh fhéin, cha chualas e ach le buill teaghlach Inbhir-Aileirt gus an do chluicheadh e le Mgr. Camshron-Ceann aig achruinneachadh so. Agus ni a chluinnear e tuilleadh gu bràth. Mar as aithne do mhóran, chaochail an sàr-Ghaidheal so an uiridh, gu h-obann, a réir coltais an làn a neirt, beagan mhìosan roimhn Mhòd Nàiseanta aig Inbhirnis, far an robh aige ri gnìomh fear-na-cathrach a dhèanamh aig achuirm-chiùil mhóir. Is duilich a ràdh nach robh am port ach air a mheamhair on loisgeadh an t-aon lethbhreac sgrìobhte ann an teine o chionn bhliadhnachan. Aig àm a bhàis, bha roimhe am port a theagasg do neach-eigin a sgrìobhadh sìos gu sàbhailte e, achcha stad na tràithean . . . .” Chailleadh deagh charaid don Ghaidhealtachd, agus deagh charaid don Ghàidhlig, cuideachd, nuair a fhuair an duine so bàs, achs e aon rud sòlasach nach do shiubhail e mus faca e buil a shaothrach a thaobh achùirn a tha acuimhneachadh uimhir de na sinnsrean aige fhéin.

titleAm Prionnsa ann am Mùideart
writersAnn Fraser
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Anna Fhriseal in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page