[63]


Joseph Jacobs, Celtic Fairy Tales. (Frederick Muller. 12/6. )

Shaoil mi, gus an , gu robh mi na bu shine, ’s na bu stòlda, ’s na bu raige na thà mi. Nach biodh tlachd agam a chaoidh tuilleadh ann an sgeulachdan faoine, gun bhun gun bhàrr, mu shìdhichean is mu bhuidsichean is mu nithean mar sin agus a robh daoine acreidsinn nuair a bha an saoghal nas òige na thà e. Ach Obh, Obh! ’s ann a bha mo chuimhne air dìobradh, is thainig e thugam nuair a leugh min leabhar so gu bheil na creutairean neònach sin cho beòs a bha iad a riamh, is cho èasgaidh.

Abair èasgaidh! Cha robh air an smaoinicheadh na seann sgeulaichean Ceilteach nach gabhadh dèanamh le sìdhiche, no le dia, no le laoch. Dhfhàg sin am mac-meanmna saor o uallach sam bith, ach a bhith ruiteireachds abocadaich, aleum anull gu cùirt Rìgh na Frainge, no aruighinn na Gréige ann an aon shitheadh. Mur do ràinig iad Ameireaga bha iad eòlach air Tìr nan Og is Tìr fo Thuinn, agus is cinnteach gun tug sin iad letheach-slighe co-dhiùbh?

Ach air cho cian is air cho brass a tha an siubhal, tha nàdur nan daoine anns na creutairean iongantach so, is ionnsaichidh an leughadair beagan mu dheighinn a cho-chreutairean fhéin.

[Sanas]



[91]

[Sanasan]

Anns an taghadh so a rinn Lucia Turnbull air na sgeulachdan a chruinnich Joseph Jacobs, is a chuir e an clò an toiseach an 1892, is ann do dhEirinn a bhuineas achuid as motha: mar a chaidh Cormac Mac Airt gu Tìr nan Sìdhichean, mar a thug Mac Conglinne air an lon-chraois dealachadh ri Cathal, mar a chuireadh Clann Lir ann an cruth eala, mar a thug Fionn is a bhean a char á Chulainn. Chan eil ach corra sgeulachd ann á Albainn no as aChuimrigh.

Bfhiach do phàrantan Gaidhealach an leabhar so a thoirt do an cloinn, mur a leugh achlann an cànan fhéin. Agus cuiridh e uair a thìde no dha seachad gu dòigheil do na pàrantan cuideachd.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Celtic Fairy Tales)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page