[63]


Leabhar Bliadhnail Ard-sgoil an Obain (1958)

Bha sinn toilichte am bliadhna a rithist leth-bhreac fhaighinn den leabhran so, agus ochd duilleagan fhaicinn ann de Ghàidhlig ghlan, eadar sgeul is dhàn. Chan iongnadh leinn idir ged a bhiodh sin mar sin. Tha deagh Ratharsach air ceann na sgoile, tha dithis Leódhusach ateagasg na Gaidhlig, is tha bard Leódhusach eile ateagasg Beurla anns an sgoil. Chan eil duine den cheathrar ud, Iain MacGilleathain Dòmhnall MacThòmais, Domhnall Moireasdan agus Mac aGhobhainn, aig nach eil ùidh mhór ann an Gàidhlig. Bha sinn toilichte cuideachd rud fhaicinn ann bho charaid Gairm, Ollachar MacIlleMhartainn á Muile. Bithidh làn dùil againn tuilleadh a chluintinn bho na gillean is na caileagan a sgrìobh na h-earrannan so.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Leabhar Bliadhnail Àrd-sgoil an Òbain)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page