Anthony Dilworth, Mainland Dialects of Scottish Gaelic. (The Abbey Press, Fort Augustus, 1958.)
Anns na naoi duilleagan a tha anns an leabhran so tha Anthony Dilworth a’ deanamh iomradh air dha no trì nithean a tha comharrachadh dual-chainntean na Mòrthir, mar a tha an dòigh a tha aca air fuaimneachadh faclan mar a tha duan agus dubhan air an dara làimh, no faclan mar a tha falbh agus seirbheis (anns a bheilsvarabhakti vowel) air an làimh eile. Le bhith beachdachadh air comharraidhean mar so, tha e a’ tighinn chun a’ cho-dhunaidh gu bheil sgaradh eadar dual-chainntean taobh-an-ear is taobh-an-iar na Mòrthir, agus buntanas eadar dual-chainnt taobh-an-iar Siorrachd Inbhirnis agus dual-chainntean Uibhist is Bharraidh,mar a bhiodh nàdurrach ann an seann chrìochan Mhic ’ic Ailein, agus gu bheil lorg a’ bhuntanais tha so ri fhaicinn air Gàidhlig na Ceapaich. Ach aig an aon àm, tha buntanas aig Gàidhlig na Ceapaich ri Gàidhlig Siorrachd Pheairt, rud a bhiodh nàdurrach cuideachd is an dà chrìoch, mar gum b’ eadh, fosgailte dh’ a chéile. Tha dà mhap aig deireadh an leabhrain a’ deanamh dealbh air crìochan nan dual-chainntean sin, agus a’ sealltainn dhuinn gu bheil crìoch eile eatorra anns a bheil an dà dhual-chainnt rudeigin measgaichte.
* * * * * *
Bha móran de ar luchd-leughaidh a’ faighneachd cuin a nochdadh an cruinneachadh a gheall muinntir John Grant, an Dun-éideann, de ainmean is de phrìsean gach leabhar Gàidhlig a tha fhathast ri fhaotainn an clò (Gairm, Leabhar lv, d. 374). Tha muinntir John Grant airson innse do ar luchd-leughaidh gu bheil iad duilich gun deach dàil anns an obair so, ach nach fhada tuilleadh gus am bi i ullamh.
[Sanas]
title | An Sgeilp Leabhraichean (Mainland Dialects of Scottish Gaelic) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |