An Eilbheis
le Hans Weber
FEUMAIDH gu robh daoine a’ còmhnaidh bho lìnn nan creach anns a’ ghleann mhór eadar na Beanntan Diùrach agus na Beanntan Ailpeineach. Co-dhiùbh, fhuair Caesar treubhan Ceilteach an sin a’ feitheamh air; tha aon de na treubhan sin, na Helvetii, air chuimhne fhathast anns an ainm Helvetia, an t-ainm Laidinn airson Switzerland, bho an tainig an t-ainm Gàidhlig—An Eilbheis.
B’i Imrich Mhór nan Cinneach anns a’ chóigeamh linn a chuir as do dh’Impireachd na Ròimhe. Ri linn na h-imrich sin ghluais treubhan e stoc Germanic asteach do’n ghleann agus mun cuairt dha, an dùthaich, a tha, mar gum b’eadh, os cionn na h-Eadailt. Bha caob mhór de’n dùthaich air a tathaich le treubhan de’n aon fhuil, ach, an iar agus a deas air na Beanntan Ailpeineach, thainig na treubhan leana beag is beag fo bhuaidh nan gnàthasan Ròmanach. Ach cha do thachair sin idir do’n roinn sin ris an can sinn an diugh An Eilbheis.
Rè nan lìnntean ris an can sinn na Lìnntean Meadhonach, bha a’ chaob so de’n Roinn Eòrpa fo riaghaltas coitcheann na h-Impireachd Ròmanaich, agus bha an riaghaltas sin air a stéidheachadh air saorsa agus féin thoil nam buidhnean beaga a bha fodha. Bha cuid de na bailtean móra gu tur fo an riaghaltas fhéin; bha teaghlaichean leithid nan Habsburgers tàireil air riaghaltas na mór dhùthcha; bha cuid de’n saor ged a bha móran ’nan tràillean. Ma bha roinnean is sgaraidhean beaga ameasg an tuatha, bha aon rud ’na cheangal spioradail eatorras daoine; b’e sin na Beanntan Ailpeineach. Ameasg nam beanntan corrach, casa, sin cha b’urrainn do dhuine tighinn beò leis
[Mapa]
fhéin agus air a shon fhéin a mhàin. Tuiltean is sneachda; béistean is nàimhdean; trom churachd is beag thoradh. Bha na h-àmhghairean sin uile a’ daingneachadh co-chomuinn, agus cha robh fear na b’fheàrr na a choimhearsnach. Cha robh urrachan a’ cùnntas ach Dia agus an t-Impire.
Ach thòisich teaghlaichean leithid nan Habsburgers a’ toirt sùil an t-sannt agus an eudaich air sluagh nan Alps, agus chan fhóghnadh ach an geideadh agus tràillean a dheanamh dhiùbh mar a rinneadh a cheana de shluagh nan gleann ìosal. Ach cha robh e cho furasda. Agus b’e an riasladh a lean a ghin agus a chum An Eilbheis mar as aithne dhuinn an dùthaich an diugh.
Thòisich an t-strì sin aig an aon àm agus a bha Alba a’ sabaid cogadh mór a saorsa fhéin. Air a’ chiad latha de’n Lùnasdal, 1291, choinnich teachdairean bho na beanntan mu chuairt air Lucerne agus bhòidich iad dha chéile nach strìochdadh iad do’n nàmhaid. B’ ann mu’n àm sin a nochd ceatharnaich leithid Uilleam Tell, agus a chuireadh batail leithid Morgarten (1315) agus Sempach (1386). Anns na batail sin ruagadh airm mhóra nam fear bruthaidh, cha b’ ann le saighdearachd no le armachd ach le spiorad na tuatha. Thilg Winkelried e fhéin air lannan nan nàimhdean gus an t-slighe a chomharrachadh do a luchd dùthcha.
Anuair a chunnacas nach robh sluagh nan Alps a’ dol a ghéilleadh, thòisich bailtean agus cuid de na glinn ìosal air éirigh iad fhéin an aghaidh nan uachdaran. Uidh air n-uidh, bha dùthaich na h-Eilbheis a’ gabhail cumaidh. Dh’ fhàs an dùthaich ùr so agus dh’ at i le a cumhachd fhéin gus an robh i air te de na dùthchannan bu chumhachdaiche san Roinn Eòrpa. Cha do chuireadh smachd no stad oirre
gus an do chuir na Frangaich ceangal nan trì chaoil oirre aig Blàr Marignano (1515). Chuir sin stad air fàs na h-Eilbheis agus, riamh bho’n uairsin cha deachaidh an dùthaich tuilleadh an sàs ann an trodan no ann an cogaidhean chàich. Ach, fad bhliadhnachan, chaidh saighdearan Suisseach an tòir air cogadh ’s air gàbhadh ann an dùthchannan eile. Tha an siolpadh mu dheireadh de’n chleachdadh sin againn fhathast ann an Geàrrd Suisseach a’ Phàp.
B’ ann ann an 1648 a ghabh Impireachd na Frainge ris An Eilbheis mar shaor stàit, agus eadhoin anuairsin bha i fo spòig na Frainge gu ìre mhóir. Ach bha féinealas na stàite ùire a’ sìor fhàs, agus, eadhoin fo riaghladh Pharis, lorg i anam dhi fhéin a bha cho dealaichte bho anam na Frainge agus a bha an latha bho’n oidhche. Cha robh ach aon turus a theab na Suissich a dhol amach air a chéile buileach glan agus bha sin ri linn an Ath-leasachaidh. Ach a dh’aindeoin an sgaraidh a thainig ri linn a’ chreideimh Phròsdanaich, dh’ aontaich Pròsdanaich agus Caitligich gum bu Suissich iad thar gach nì eile.
Cha bu luaithe a bhuaileadh a’ chiad bhuille anns an Aramaich Mhóir Fhrangaich ann an 1798 na thòisich An Eilbheis air iarraidh air falbh buileach glan bho’n Impireachd. Fhuair i cead a coise ann an 1815 anuair a ruagadh Napoleon, agus an déidh beagan de na riaslaidhean a tha do-sheachnaichte ann an rìoghachd ùir, lorg i bunait airson nam bliadhnachan air thoiseach. Ann an 1848 ghairmeadh An Eilbheis ’na Stàit Aonaichte anns an robh cóig roinnean fichead (Cantons) le gach aon de na roinnean sin neo-eiseamaileach ged a bha iad fo phàrlamaid na Mór-stàit.
Ré nam bliadhnachan sin, fhad ’s a bha An Eilbheis ’ga cumadh air innean na h-eachdraidh, bha, aig an aon àm, beatha na dùthcha ag atharrachadh. Bha an sluagh agus na meadhonan riaghlaidh a’ tuineachadh mu na bailtean móra. Thainig an gluasad sin chun nam bailtean gu ceann anuair a bhrùchd linn ùr an iaruinn air an t-saoghal bho chionn ceud bliadhna, agus a thòisich bailtean móra nan tighean oibreach a’ fàs.
Sin mar a rugadh An Eilbheis. Seallamaid a nise air an dùthaich anns an latha ’n diugh.
A dh’ aindeoin gach cruth-atharrachaidh troimh an deachaidh i, tha buaidh a h-eachdraidh fhathast so-fhaicsinn anns an dùthaich. Is i bunait na Stàite fhathast saorsa an duine agus còir an duine thairis air a ghnothaich fhéin. Anuairsin tha an duine agus a cho-chreutairean anns a chomunn ris an can sinn baile, agus tha gach baile fo a riaghaltas fhéin. An déidh sin tha an Canton, saor le a phàrlamaid fhéin, a’ riaghladh a chuid airgid fhéin, a sgoiltean agus a pholasmain agus mar sin air adhart. Tha na Cantons pòsda fo riaghladh na Mór-stàit, ach chan eil an riaghladh sin a’ buntainn ri dad ach dìon na dùthcha, cuspainn, postachd, agus a leithid sin. Tha sinn a’ pàidheadh trì cìsean—cìs do’n bhaile, cìs do’n Chanton, agus cìs do ’n Mhór-stàit. Is i a’ chiad té as motha cus na càch.
Anns gach aon de na trì roinnean riaghlaidh sin, tha làn ùghdarras aig an duine chumanta thairis air cor na dùthcha. Feumar gach lagh ùr agus gach atharrachadh air seann lagh a dhearbhadh le bhòt an
[Dealbh]
Tha seann chaistealan nan uchdaran ’nan seasamh fhathast. Cuimhneachain air eachdraidh na h-Eilbheis.
[Dealbh]
Thàtar ag iasgach air na lochan mar a bhàtar bho shean. Chan eil beatha an iasgair so ro dhealaichte bho bheatha a shìnnsirean.
an t-sluaigh. Agus ma dh’ aontaicheas grunnan sònraichte de dhaoine sin a dhèanamh, faodaidh iad toirt air an riaghaltas bhòt na rìoghachd a shireadh airson ceum ùr sam bith air am bheil an riaghaltas a’ beachdachadh, leithid cùmhnant eadar An Eilbheis agus rìoghachd chéin. Air an aon dòigh, faodaidh grunnan dhaoine lagh ùr a dhealbh iad fhéin, agus feumaidh an riaghaltas cothrom a thoirt do ’n phobull gu léir an lagh sin a ghabhail no a dhiùltadh. Mar sin, tha sinn gu fìrinneach ’gar riaghladh fhéin, agus chan eil anns a’ phàrlamaid ach comhairle a tha air a taghadh gus rùintean an t-sluaigh a thoirt gu buil.
Tha so fìor eadhoin a thaobh riaghladh na Mór-stàit a tha air a dhealbh mar so. Tha dà thigh pàrlamaid ann—aon tigh a’ riochdachadh nan Cantons, agus am fear eile a’ riochdachadh an t-sluaigh gu léir. Tha an dà thigh a’ taghadh seachd ministearan agus tha na seachdnar sin a’ gabhail bliadhna mu seach mar Cheann-suidhe na Mór-stàit.
Ann an 1648 (Aonadh Munster an déidh cogadh nan deich bliadhna fichead) agus a rithist ann an 1815 (Aonadh Vienna an déidh cogadh Napoleon) ghabh rìoghachdan móra na h-Eòrpa ris An Eilbheis mar dhùthaich shaor agus choimhlionta, agus gheall iad an t-saorsa sin a chumail tèaruinte. Riamh bho ’n uairsin cha do ghlacadh An Eilbheis ann an aon de chogaidhean no de throdan an t-saoghail. Tha e air a leagail sìos ann an lagh, chan ann a mhàin ann an cridheachan dhaoine, gun cùm An Eilbheis amach á còmhstri. Anns na bliadhnachan so chàidh bha an Suisseach cumanta air a ghonadh le dol amach nam fear fòirneirt, agus tha fhathast. Ach chan eil sin gu diofar. Is e an lagh nach gabh an dùthaich taobh fir seach taobh fir.
Tha na Suissich a’ tuigsinn glé mhath gu feum rìoghachd a bhith treun gus i fhéin a chumail caoiteas buaireidh. Mar sin tha an t-arm againn air fear de na h-airm as treise anns an Roinn Eòrpa. Tha a h-uile mac màthar air a thogail anuair a thig e gu aois, agus tha aig a h-uile duine ri dha no tri sheachdainean sa’ bhliadhna a chur seachad anns an arm. Tha 600,000 saighdear deiseil aig àm no aig uair sam bith, gach fear le a ghunna r’a thaobh eadhoin ’na thigh fhéin, agus gach fear le làn fhios aige air an dearbh rud a dh’ fheumas e a dhèanamh ma thòisicheas crois. A thuilleadh air sin, tha na Beanntan Ailpeineach ’nam ballachan dìon thar tomhais, agus nan tigeadh arm coimheach cha bhiodh rathaidean móra no rathaidean iaruinn nam beann gu feum dha fada. Thar gach nì eile tha an Suisseach an diugh cho dìleas d’ a dhùthaich fhéin agus a bha a’ ghinealach bho ’n tainig Uilleam Tell agus Winkelried.
Leis gu bheil an t-sìth coisrigte anns An Eilbheis tha spéis aig na dùthchannan móra do spiorad na rìoghachd. Chan e am fear a sheachnas buaireadh as dual do ghealtachd. Agus chan eil seachnadh a’ bhuairidh a’ ciallachadh cion truais ris an luchd ìobairt. Tha An Eilbheis an còmhnaidh ealamh gus lot a leigheas; b’ e Suisseach (Henri Dunant a chaochail ann an 1910) a stéidhich Comunn na Croise Deirge: agus tha oifisean aig móran de bhuidhnean eadar-naiseanta ann an Geneva. Tha aon chothrom seunta do’n Suisseach—is e sin cothrom comraich a thairgsinn do ’n fhear a tha fo choill. Fad a’ chogaidh mu dheireadh bha 300,000 allabanach anns an dùthaich ged a bha sinn fhéin gann de bhiadh.
[Dealbh]
“Croitear” as na beanntan Diùrach. Tha e cho dìleas d’a dhùthaich fhein agus a bha Uilleam Tell . . .
Tha nàdur agus dòigh beatha an t-sluaigh coltach ri an coimhearsnaibh, na h-Eadailtich-a- tuath, na Frangaich, na Gearmailtich-a- deas, agus na h-Austrianaich. Ach a dh’ aindeoin sin is sluagh sònraichte comharraichte na Suissich, sluagh a tha fuinte ’na aon ged a tha atharraichean ann an cànain agus ann an creideamh agus ann an caitheamh beatha bho àite gu àite. Is e Pròsdanaich a tha ann an còrr math is leis an t-sluaigh (b’ e Iain Nocs aon de na deisciobuil aig Calvin ann an Geneva). Is i Gearmailteis a’ chànan aig 72 per cent. de ’n t-sluagh, Frangais aig 20 per cent., Eadailteis aig 6 per cent., agus Raetoroman aig 1 per cent. Tha croitearan bochda a’ fuireach anns na h-Alps, tuathanaich bheairteach ann na glinn: tha badan de ’n dùthaich soirbheachail agus badan fad air ais. Ach leis mar a tha an sluagh air a mheasgachadh ’s air a sgapadh chan eil aon chreideamh no aon chànan no aon àite a’ faotainn làmh an uachdair air aon eile.
Chan eil an dùthaich gu léir ach mu leth meudachd Albann. Tha leth dhith fo na h-Alps, agus chan eil cuid de na beanntan sin mì-choltach ri feadhainn a chithear air Gaidhealtachd na h-Albann. Ach tha a’ bheinn as àirde anns na h-Alps 15,217 troigh; tha Beinn Nimheis 4,405 troigh! Tha e duilich beò-shlaint a shùgan á fearann nan Alps. Chan eil eadhoin am feur fhéin pailt, ach tha na th’ann dheth math agus is ann air obair cruidh agus bainne a tha móran de luchd nam beann a’ tighinn beò. Aig deireadh na linn so chaidh thòisich luchd streap á Breatainn air tighinn gu binneinean nan Alps agus, air sàiltean an fheadhainn sin, thainig luchd turuis. An diugh tha sluagh mór an crochadh air gach obair a tha an luib luchd turuis. Tha móran cuideachd an sàs ann an obair an dealain.
A thuilleadh air na h-Alps tha na Beanntan Diùrach a’ còmhdach an t-siathamh cuid de’n dùthaich, agus ameasg nam beann sin tha tuathanaich mhóra shoirbheachail air talamh torach far an robh uair
coilltean giuthais. Bho chionn dà cheud bliadhna thòisich cuideachd oibrichean dachaidh leithid deanamh uaireadairean, agus shoirbhich an obair sin gus am bheil i an diugh a’ toirt cosnaidh do mhóran dhaoine.
Mar a chì sibh bho na figeirean sin, chan eil ach treasa cuid na dùthcha còmhnard, agus cha chanainn gu bheil sin fhéin cho còmhnard ris na réidhlean air am bheil sibhse eòlach ann an Alba. Ach is e talamh torach a th’ ann, agus ’s e call a tha ann gu bheil na bailtean móra a’ sìor bhrùchdadh thairis air. Tha na bailtean sin a’ fàs ann an cabhaig eagalaich (is e Zurich le 400,000 duine am fear as motha dhiubh) agus tha ’n sluagh a’ sìor chruinneachadh anns na bailtean oir tha iad a’ tairgsinn am barrachd de dh’ obair chinnteach. Ann an 1850 cha robh ach 6 per cent. de ’n t-sluagh anns na bailtean; ann an 1950 bha an àireamh aig 40 per cent. Tha sluagh na rìoghachd air dùblachadh bho chionn ceud bliadhna; tha e ’n diugh còrr agus cóig muillean, a’ cùnntas nan ceudan mìle de luchd oibreach á dùthchannan eile.
Cha tigeadh pobull cho mór sin beò am feasd air toradh na talmhainn a mhàin—aon chuid a thaobh bìdh no a thaobh oibreach. Cuimhnichibh nach eil gual no meatailt no ola anns An Eilbheis, agus, mar sin, tha gach rud a thàtar a’ deanamh anns an dùthaich air a dheanamh á stuthan a thugadh asteach á dùthchannan eile. Tha sinn a’ cumail ceann a’ mhaide ri dùthchannan an t-saoghail mhóir a chionn ’s gu bheil ar daoine math air obair mhionaidich. Tha maoin na dùthcha gu léir, cha mhór, a’ tighinn bho bhith a’ deanamh innealan beaga ’s móra, uaireadairean, chemicals ,agus aodach. Ann an ceud bliadhna tha An Eilbheis mar dhùthaich air car a’ mhuiltein a chur dhith, bho bhith ’na dùthaich tuathanachais gu bhith ’na dùthaich ealain.
[Dealbh]
ZURICH, am baile as motha anns an Eilbheis.
[Dealbh]
Clachan anns na h-Alps
Chan eil ceud bliadhna fada ann am beatha dùthcha, agus thainig an t-atharrachadh ro aithghearr buileach; gu dearbha thainig a’ chuid bu mhotha dheth eadar 1880 agus 1910. Gabhaidh dùthaich sam bith ri atharraichean fhad ’s a thig iad leana beag is beag; sùghaidh i asteach na cleachdannan ùra agus cha chuir iad na seann nòsan troimhe chéile buileach glan. Ach ma thig atharrachaidhean gu h-obann tha e duilich do ’n dùthaich i fhéin a chleachdadh riutha, mar a tha e duilich do ’n chorp e fhéin a chleachdadh ri caochladh staide a bhualas e gun dùil ris.
Ri lìnn an ruslaidh uabhasaich troimh an deachaidh na Suissich anns na bliadhnachan sin, chailleadh móran de na seann ghnàthasan a b’fheàrr. Chan e gu’n do leig an sluagh bhuapa le làn thoil iad, ach gu ’n deachaidhm am mùchadh anns a’ chabhaig.
Tha an Suisseach an diugh cus nas fheàrr dheth na bha a shìnnsirean, ach tha a bhuil ann ann an iomadach dòigh. An déidh an t-airgead a dheanamh, chan eil ach an t-airgead a chosg, agus, eadar an da chur seachad sin, tha móran de nithean prìseil an spioraid a’ dol air dhìochuimhn. B’e sin an call.
Facal eile
Bithear daonnan a’ cluinntinn mu dhùthaich bhig Liechtenstein anns am bi móran de dhaoine beairteach a’ bancadh an cuid airgid, agus air am bi iad ag ainmeachadh an cuid bhàtachan ged a tha Liechtenstein gun mhuir! Tha an dùthaich so an iar air an Eilbhis. Tha i saor agus fo a riaghladh fhéin. Ach tha cùmhnant eadar i fhéin agus sinne a thaobh cuspainn agus luach airgid. Thall thairis bithidh an dùthaich as motha a’ bruidhinn as leth na te as lugha.
title | An Eilbheis |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Hans Weber in Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |