[35]

O Chionn Leth-cheud Bliadhna
Le SEUMAS MACTHOMAIS

THEID sinn air ais le sùil na cuimhne gu bhith beachdachadh airson tiotaidh air achlachan a baithne dhomh o chionn leth-cheud bliadhna.

Tha an clachan ann an sud gun charachdainn an cois achladaich, ri gàir nan tonn air an tràighs ri sluaisreadh an làin air amhol. Ach is iomadh caochladh a thàinig an lùib nam bliadhnachan. Chan e na tighean a baithne dhòmhsa a tha an diugh air na seann làraichean, agus na daoine air an robh mi eòlachnam òige chan eil móran diubh an làthair a nis. Tha an clann agus clann an cloinne faicinns acluinntinns adèanamh nithean a bha an dubhar oirnne. Dhfhàs an saoghal cho beag, dòighean siubhail cho lìonmhor, is naidheachdan cho furasda fhaighinn agus gu bheil clann achlachain an diugh nas eòlaiche air cor an t-saoghail na bha na seann daoine uaireigin.

Ri mo chiad chuimhne cha robh tigh nach robh làn le teaghlaichean mòra, agus iad uile aig baile aig amannan den bhliadhna, timcheall an teine air being is séis, air cathraichean cruaidhe no stùil, agus le suidheachan falamh afeitheamh air an fhear tadhail, thigeadh e moch no anmoch.

Bha na tighean dubha seasgair agus blàth oir cha robh dìth connaidh ann. Bha an riasg an asgaidh agus pailteas deth mu chrìochan abhaile. Dhèanadh grian an t-samhraidh an caoran dubh a chruadhachadh fa chomhair frioghan agheamhraidh.

Bu mhath leam iomradh aithghearr a dheanamh air muinntir achlachainan crannchur làitheil, an nàdurs an dòighean, an cleachdaidhean mar a dhfhoghluim iad on sinnsearachd, agus am fearas-chuideachd.

Airson an teachd-an-tìr bha iad an urra ris na bheireadh iad le fallus an gnùise as an talamh, agus na choisneadh iad as an fhairge. Bha bàrr na talamhainn feumail airson duine is ainmhidh, ach bha an obair trom leis na h-innealan a bhàtar acleachdadh, agus chan ann gun saothair a bheireadh fearann creagach is talamh réisg amach toradh.

Be an t-iasgach am prìomh obair. Am mìosan an earraich bhiodh na lìn mhóra an sàs, agus cha robh gainne air annlan fhads a bhiodh na sgothan air sàl, truisg is langannan mar a shlaodadh iad gu tìr. Bha an t-iasg glas math airson biadh an teaghlaich, ach cha robh e riamh airgeadach. Mur tigeadh airgead le iasgach asgadain cha tigeadh e idir. Mar sin, cha robh fear no aig ìre cosnaidh nach robh a leantainn iasgach asgadain aig baile no anns na puirt-a- sear. Air an aobhar sin bha an clachan air fhalamhachadh gu mór fad an t-samhraidh, agus bha obair samhraidh an crochadh ris na màthraichean agus na seann laoich a bha air am muir a leigeadh seachad. Bha mòine ri h-àrach, buntàta ri ghlanadh, an crodh rim buachailleachd agus na caoraich rin rùsgadh. Bha uair a bha an crodh air an àirigh aig an àm-sa den bhliadhna, ach ri mo -sa cha robh ach làraichean nan seann àirighean far am bu chridheil an òigridh uaireigin.



[36]

Nuair a thilleadh na h-iasgairean dhachaidh bhitheadh greadhnachas sabhaile, cosnadh ann no as. Mur a robh soirbheachadh san dàn bu ladarna bhith gearain! Abhliadhna a bhitheadh iasgach math ann thigeadh achlann-nighean dhachaidh len cisteachan làn de gach goireas. ’S e mór anns achlachan an a thigeadh na cairtean á Steòrnabhagh le cisteachan nan caileag, agus cha bu lugha togail sean is òg, ri ath-thighinn nam bàtaichean á Gallaibh.

Bha àm cura is buain ann, àm iasgaich is àm gu fois a ghabhail àm tadhail air càirdean agus àm gu gabhail riutha gu coibhneil nuair a thigeadh iad. Is e achuimhne as fheàrr a tha agam air inbhich achlachain cho dàimheils a bha iad ameasg a chéile. Bha iochd is carthannas nach bu bheag air a nochdadh leotha. Cha bhitheadh duine feumach nach fhaigheadh còmhnadh bho a choimhearsnaich gun dàil. Nam bitheadh teaghlach air dheireadh le obair earraich no foghair, thigeadh luchd cuideachaidh o na tighean mun cuairt. Cha tigeadh eathar gu cladach nach e cuid na bantraich a churte air leth an toiseach.

Bha muinntir abhaile daonnan amachs asteach á tighean a chéile. Cha robh glas air dorus a no dhoidhche, agus bha àm sam bith freagarrach airson tadhal anns an dol seachad gu bhith fàilteachadh a chéile agus areic na naidheachd a bha dol. Cha robh cagailt air acheann-baile nach ruigeadh achlann i, co-dhiùbh bhitheadh iad air cheann-turuis no nach bitheadh.

Bha càirdeas air a chumail, agus luaidh air a dheanamh air nuair a choinnichte. Ged nach robh rian siubhail ach tearc, ruigte na càirdean anns an ath bhaile agus air taobh eile an Eilein air na casan, agus ruigeadh iadsan sinne. Coibhneas is càirdeas, dìlseachd is carthannasfhuair na subhailcean sin uile àite ann am beatha an t-sluaigh. Cha robh duinena choigreach do neach eile. Bha iad cho eòlach air a chéile agus nach robh feum air sloinneadh ach baistidh pòsaidh. Bha fios againn uile bhann Aonghus Choinnich, ’s Màiri Mhór, Iain Nèill, ’s Calum Tàillear.

Fad trì ràithean na bliadhna cha robh feum air fearas-chuideachd, oir bha cus ra dhèanamh airson ùine gu bhith gabhail fadachd. Be an obair làitheil an fhearas-chuideachd bu mhotha. Cha robh iarraidh air airgead rìoghachd gu bhith cumail sùgraidh ri daoine gun chàil airson oibreach mar a chithear an diugh. Ma bha an obair trom air uairean, bha an dòighean fhéin aca gu bhithg a h-aotromachadh. Nuair a bhitheadh an sgioba sàraichte ag iomradh no cur suas an t-siùil thogadh iad iorram cuain agus chaillte cuimhne air sgìos nan gàirdean. Dhèanadh na h-òrain aotrom, aighearach an luadh na bfhasa, am miosradh na bu taitniche, abhrà agus achuibhle shnìomha na bu shiùbhlaiche.

Nuair a thigeadh marbh na bliadhna, dùlachd agheamhraidh thogadh an òigridh orra gu céilidh nan tighean. Cha robh tigh-céilidh anns achlachan nach bitheadh làn ri solus gealach. Be an tigh-céilidh an sgoil-oidhche aig an àm, an oil-thigh aca, far an robh iad ateagasg a chéile anns na nithean a baithne dhaibh, ag aithris na nithean a chunnaic agus a chuala iad anns na puirt iasgaich. Bhitheadh làmh aca air eachdraidh is beul-aithris an Eilein agus na



[37]

Gaidhealtachdfear ateagasg, fear afeallsanachd, agus fear acàineadh slaodairean an ath bhaile. Bhitheadh sùrd air seanachas is òrain, air deasbaireachd, gearra-cainntis tòimhseachain. An oidhche a bhitheadh luadh anns abhaile bhitheadh an tigh luaidh làn gu dorus an tallain, agus gheibheadh an tigh-céilidh faochadh an oidhche sin. Cha teirgeadh òrain no gleadhraich gus an sgaoileadh achuideachd. Achs e réiteach no banais a chruinnicheadh am mór-shluagh. Thigeadh na braisichean chon aréitich agus na cailleachan chon abhanais-tighe, agus cha diùltadh aon aca deoch slàinte na càraide. Bha an òigridh uile agus achlann ational chon na bainnse far a faigheadh iad an cuibheas de bhiadh is deoch is dannsadh gus an éireadh grian -arna-mhàireach.

Theirgeadh ùine ag iomradh air iomain na bliadhna ùire, féisd na Samhna agus na Càisge, comunn Calluine aig balaich is caileagan, glacadh nan eun ri àm sneachda, no dèanamh agus aseòladh shoithichean air loch no allt no linne. Bha clann-nighean achlachain a cheart cho math air céilidh ris na gillean, ach bhiodh iadsan daonnan ri fighe no fuaigheal gun mhaille chur air còmhradh.

Cha robh e air a mholadh do na màthraichean no do na seann mhaighdeanan a bhith tric san tigh-chéilidh. Bha obair tighegan cumail trangaran ri fhuine, biadh ri dheasachadh, aodach ri nighes ri chàireadh, càrdadh is snìomh is toinneamh, agus beathaichean rin riarachadh.

Dhfhaodadh na fir nuair a sguireadh iad a bheartachadh no a chàradh nan lìon sgadanach an làmhan a sparradhnam pòcaidean chon nan uinnlean a chionn nach robh iad afaicinn achorra ri dhèanamh, ach cha robh làmhan gu leòir air na mnathan airson crìoch a chur air an obair-san. Mur a dfhuair iad an duais chan e nach do choisinn iad glé dhaor i.

Dhfhalbh an ud agus thàinig eile. Ach, co-dhiùbh, mo bheannachd aig muinntir achlachain.

[Sanasan]

titleO Chionn Leth-cheud Bliadhna
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Seumas MacThómais in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page