An Guga
le Seumas MacGeoch
A NUAIR a bhios an t-eòrna buidhe bithidh na sgothan Niseach a’ togail orra a Shùla Sgeir, mar a rinn iad bho chionn nan ceudan bliadhna.
Tha Sùla Sgeir da fhichead mìle an ear-thuath air a’ Bhuta Leódhsach, agus tha na sùlairean (is e isean an t-sùlaire a tha anns a’ ghuga) a’ neadachadh air ’nam mìltean a h-uile bliadhna. Tha an lagh a’ dìon an t-sùlaire, ach tha cead sònraichte aig na Nisich a dhol air tòir nan eun òga an déidh a’ chiad latha de’n fhoghar. Is e Sùla Sgeir agus Mykines anns naFaroesna h-aon àiteachan air an t-saoghal far am bheilear a’ glacadh a’ ghuga airson bidhe.
Chan eil an t-eilean (no sgeir gu bheil ann) ach mu leth mhìle am fad; 229 troigh an àirde; fichead slat an leud anns a’ bhad as caoile, agus 200 slat anns a’ chuid as leatha. Chan eil a’ fàs air ach seachd seòrsachan lusan, agus chan eil tobar air ach aon fhear searbh a tha ag éirigh ameasg neadan nan sùlairean. Chan eil port no laimrig ànn, agus a h-uile bliadhna feumar leum air tìr air taobh sear an eilein agus an t-eathar (trì tunna le einsean innte!) a shlaodadh suas aghaidh na creige. An uiridh b’fheudar an“Star of Hope”a shlaodadh aig meadhon oidhche, gun solus ach luideag ann an canastair parafan.
Ré nan trì seachdainean a tha iad air an eilean, tha na fir a’ fuireach ann am bothain chreige a tha còrr agus dà chiad bliadhna a dh’aois. Tha iad air an deanamh de leacan a tha air an càradh air muin a chéile gus an coinnich iad aig a’ mhullach. An taobh astigh dheth, chan eil ach cruinn-chlàr de leacan timcheal a’ bhalla, agus sorachain chlach timcheall an teine. Tha gach eathar a theid a Shùla Sgeir a’ toirt leatha de mhònaidh na chumas teinntean nam bothan a’ dol agus a dhadhas na h-eòin an déidh an spiollaidh.
[Dealbh]
Tha Murchadh MacPhàrlain, no Murchadh Mhudaidh, air fear de na sealgairean as fheàrr a tha a’ dol chun na creige an diugh. Cha b’e sin a cheannach a rinn e. Tha a dhaoine air a bhith a’ dol a Shùla Sgeir cho fada air ais ’s a tha sgial orra. B’ e a shinnseanair a thog fear de na bothain air an d’ thug mi tarraing. B’ e athair, a chaochail am bliadhna fhéin aig aois 91, a thug Caiptean Barnaby a Shùla Sgeir agus a Rònaidh anuair a bha e a’ rannsachadh airson nam mapaichean ùra a bhios sinn a’ cleachdadh an diugh. Chan iarrainn na b’ fheàrr na Murchadh Mhudaidh ri aghaidh gàbhaidh.
[Dealbh]
Bha Murchadh Caimbeul (no An Diùc) á Cnoc Ard còrr agus 70 anuair a sguir e a dhol a Shùla Sgeir. Ach ged a bha e air an eilean a h-uile bliadhna bho 1919 gu 1955 cha deanadh e tàire air a’ chunnart. So e ag ullachadh gus a dhol sìos Sròn na Leic far nach teid am fear as tréine ach air an latha as ciùine. Seallaibh air na bonnagan a tha air an suaineadh timcheall a bhrògan. Tha aodann na creige sleamhainn le buachar nan sùlairean.
[Dealbh]
Tha an sgioba so shuas làn uidhimichte airson na creige. Le buill agus le sgeinean agus le slachdain. Tha triùir le slatan airson a bhith a’ breith air na h-eòin òga; air an làimh dheis chì sibh air mullach na slaite an seòrsa de chlobha a bhios a’ dol mu amhaich a’ ghuga. Ged a tha na h-eòin cho somalta aimeadach agus nach caraich iad roimh dhuine, thatar a’ cleachdadh na slaite air eagal ’s gun gabh iad an sgèan as lugha agus gun tuit iad leis a’ chreig. Bho chlì gu deas is iad na seòid so Murchadh MacPhàrlain, Aongas Dòmhnallach, Dòmhnall Caimbeul, Dòmhnall Moireach agus an dithis bhràithrean, Dòmhnall agus Uilleam MacLeòid.
Ann an so shìos chì sibh iad air bruaich na creige, a’ maoidheadh ’s ag éibheach gus an teiche a chur air na sùlairean móra. Chì sibh feadhainn a’ liùgadh air eagal ’s gum faigh iad slaic bho aon de na sgiathan móra ud a chuireadh an comhair an cinn leis a’ bhearradh iad.
[Dealbh]
[Dealbh]
Tha Murchadh MacPhàrlain dìreach a’ dol a bhreith air guga; tha na h-eòin eile ag amharc gun luasgan. Na glaoicean!
Tràth bidhe! Guga agus brioscaid chruaidh Niseach agus balgam tea.
An sealg seachad airson latha. Tha ochd closaichean anns gach poca, agus còrr is seachad puinnd anns gach closaich!
So am bothan. An seòrsa còmhnaidh as sine anns am bheil daoine a’ fuireach anns an Roinn Eòrpa. Chan eil am fear so ach dà cheud bliadhna, ach tha a sheòrsa nas sine na eachdraidh.
[Dealbhan]
[Dealbh]
An taobh astigh de’n bhothan tha barrachd is sealg fa-near do dhaoine. So Aonghas MacDhòmhnaill, Murchadh MacPhàrlain, Iain MacLeòid (a chaochail, tha mi duilich a radha, bhon a thogadh an dealbh so) agus Dòmhnall Moireach.
[Dealbh]
Tha an latha seachad. Tha tir mór fada air falbh ach tha Dia faisg anns an aonarachd so. Thatar a’ gabhail nan leabhraichean a h-uile oidhche.
[Dealbh]
Chan eil anns a’ ghuga a ghlacadh ach trian na h-oibreach. An déidh sin feumar a spìonadh ’s a dhadhadh, a shlaodadh ’s a sgoltadh ’s a shailleadh. An so shuas tha na fir a’ spìonadh—An Diùc, Dòmhnall Caimbeul, Uilleam MacLeòid agus Aonghas Dòmhnallach.
[Dealbh]
Bithidh na corragan goirt mum bi dà mhìle guga ann an cruaich leithid na tè so (cha mhór nach canadh sibh gur e cruach mhòna a tha ann) a’ feitheamh na h-eathrach a bheir na fir ’s na h-eòin air ais a Nis.
[Dealbh]
Ach eadhoin air an latha mun seòl iad, theid iad do’n chreig agus bheir iad aisde eòin a bheir iad leotha dhachaidh anns na h-itean. Tha iad so agus blìon orra, agus an t-eathar deas gu seòladh. Coinneach Moireasdan, Aonghas MacDhòmhnaill, Iain MacLeòid (nach maireann), Murchadh MacPhàrlain, Murchadh Caimbeul, Mac a’ Ghobhainn, Dòmhnall Moireach, agus Uilleam MacLeòid.
[Dealbh]
Ged nach do chailleadh riamh ach dithis air Sùla Sgeir (gille òg a chaidh leis a’ chreig bho chionn leth cheud bliadhna, agus seann duine a chaochail le tinneas cridhe) tha uallach daonnan air na mnathan a tha a’ feitheamh aig an tigh. Is iad nach gearain ceithir cheud eun a’ spiolladh—an fheadhainn a ghlacas na fir dìreach mu seòl iad. Agus mar a gearain iadsan, cha ghearain idir na Nisich air feadh an t-saoghail a bhios a’ feitheamh ri pasgan le guga saillte ’na bhroinn.
title | An Guga |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Seumas MacGeoch in Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |