Cas Shiubhail An T-Sleibhe
CHAIDH an sgeul so a chur sìos bho bheul-aithris Aonghuis Mhic Dhòmhnaill nach maireann. B’ ann air an ochdamh là fichead de’n Ghiblean 1953 a dh’ innis Aonghus còir an sgeul agus cha robh e an dàn domh fhaicinn tuilleadh. Tha còrr is dà bhliadhna o’n thriall Aonghus. Dh’ fhàg e an t-Eilean Sgitheanach nuair a bha e glé òg agus chaith e a bheatha ann an seirbhis Oifig a’ Phosta an Glaschu. Dh’ àraicheadh e an Cille Mhoire an Eilean a’ Cheò. Bha ionndrain glé mhór air Aonghus ameasg luchd Gàidhlig is luchd dràma an Glaschu agus bha muinntir Albann air fad eòlach air a’ ghuth aige air an adhar.
Bu ghasda agus b’ uasal an Gàidheal a bh’ ann.
Aonghus Mac Dhòmhnaill a dh’ innis:
BHA sud uair seann chailleach mhór, chrotach sa’ Ghàidhealtachd ris an canadh iad Caoinnseag, agus cha robh aice ach an aon mhac. Mar bu dual, far nach robh ach an aon leanabh, bha cridhe na màthar gu h-iomlan toinnte suas anns a’ ghille. Mar a bha ’na chleachdadh anns an sgìre, bhiodh Caoinnseag a’ falbh gach madainn do’n mhonadh a dh’ iarraidh chonnaidh agus, nuair a dh’ fhàs am balach gus am b’ urrainn da an aire a thoirt da fhéin, bhiodh a mhathair ’ga fhagail aig an tigh. Latha dhe na lathaichean air dhi tilleadh as a’ mhonadh fhuair i an tigh is gach ní a bha ’na bhroinn mar a dh’ fhàg i iad, ach cha robh sgial air a’ ghille. Shiubhail i shìos is shiubhail i shuas, shiubhail i thall is shiubhail i abhos ach cnàimh de’n ghille cha robh ri fhaotainn. Rachadh i amach gach madainn gu cnocan beag, uaine a bha air cùl an tighe far am b’ abhaist do na sìthchean a bhith a’ cluich agus ghlaodhadh i air a’ ghille air ainm; ach b’e an aon fhreagradh a gheibheadh i—mac talla nan creag a’ magadh oirre. Mar sin anns an dóruinn inntinn anns an robh i, thug i bòid air a h-anam, gus an tilleadh a mac dhachaidh, nach tugadh i aoidheachd do dhuine ’na tigh gu bràch agus nach iarradh i air duine suidhe. Agus chum i a bòid.
Mar sin chaidh ainm na cailliche fada is farsainn air feadh na dùthcha mar a’ chailleach nach do dh’ iarr air duine riamh suidhe. Coma co dhiùbh cha b’ ann air so a dh’ aithris an sgeul, an ceann àireamh bhliadhnachan thàinig coigreach do’n sgìre agus air dha a dhol asteach do’n tigh-òsda a leigeil a sgìs dheth, chuala e an fheadhainn a bha astigh a’ toirt tarrainn air a’ chaillich iongantach a bha a’ fuireach shuas anns a’ ghleann nach do dh’ iarr air duine riamh suidhe ’na tigh.
“Cuiridh mi geall,” ors an coigreach, “gun iarr i orm-sa suidhe.”
“Cuiridh mi geall,” ors a chuile fear riamh, “nach iarr.”
Agus chaidh an geall a chur agus bha an geall math. Agus air dhaibh an coigreach a stiùireadh air tigh na cailliche, dh’ fhalbh e. Ràinig e an tigh gu dòigheil agus fhuair e dorus dùinte air a shròin. Coma co dhiùbh, thog e an dealan agus choisich a asteach. Bha a’ chailleach ’na gurraban taobh thall an teine agus i a’ dàthadh cinn agus casan caorach. Cha do thog i sùil is cha do chuir i fàilte sa’ bith air a’ choigreach, ach thuirt i mar so:
Có thu is có as a thàine tu, fhir a’ bhuilg chraobhaich is do cheum cho tartach, trom, tarbhach?”
“Is mise,” ors eisean, “Cas Shiubhail an t-Sléibhe a thàinig air lic chaoil beul an anamoich a dh’ amharc na cailliche chruadhaiche, chruthaiche, chrotaiche.”
“Cia mar,” ors ise, “a fhuair thu thairis air beul-àtha na h-aibhne sgìthiche, sgùthaiche, sgothaiche?”
“Fhuair mi thairis air beul-àtha na h-aibhne,” ors eisean, “air beul-àtha mo dhà ghlùn is air beul-àtha mo dhà shùl is air beul-àtha na h-aibhne.”
“Cha chreid mi fhéin,” ors a’ chailleach, “nach bàrd a b’ athair dhut.”
“Cha b’ àrd is cha b’ ìseal e,” ors eisean, “ach bha e anns an eadar-mheadhoinn.”
“C’ ainm thu?” ors ise.
“Uilleam Bi ’d Shuidhe,” ors eisean.
“Uilleam Bi ’d Shuidhe!” ors a’ chailleach.
“Suidhidh, suidhnidh,” ors eisean, “on a dh’ iarr thu orm.”
Chunnaic Caoinnseag gun deach an car a thoirt aiste agus gheàrr i cruinn-leum air cnàimh an ùrlair.
“Uilleam Bi ’d Shuidhe,” ors ise,
“Mo Rìgh, chan fheàirrde!”
Chan fhaigh thu càil an so
Ach làr lom is talamh toll
Is corraiche-còsag is deargannan,
Deargannan móra, loma, làir
A chriomas do dhà shlinnean gu h-anasglaid.”
“Thoir thusa, a chaillich, dhomh-sa biadh,” ors eisean,
“Is leig eadar mi fhéin is mo Dhia is an anasglaid.”
“Ged tha mise gun aran,” fhreagair a’ chailleach,
“Cha bhidh mi fo ghearain craosaig;
Is chan ’eil agam de bhiadh
Na rachadh air sgiath faochaig.”
Fhreagair eisean:
“Na dh’ fhoghnadh dhomh fhéin is do m’ mhuirchinn gu leur
Nach foghnadh dhomh fhéin car aon oidhch’ ?”
“Sobhraichean chreag,” fhreagair a’ chailleach,
“Bàirnichean lic, uisge teth agus deanntagan.”
“Tha na cearcan,” ors eisean, “a’ dol air iris.”
“Bithidh, fanadh!
Chan eil annta,” ors ise, “ach eòin earraich
Is iad làn galair.”
Chuir i an sin làmh fo a leth-cheann is leig i oirre gu robh i ’na cadal.
“So,” ors ise, “cadal an doichill.”
“So,” ors eisean, is e a’ leum anull far an robh i,
“dùsgadh do dhunach.”
“Thig, ma ta,” ors ise, is roinnidh mi leat an ceann is na casan.”
“Glé mhath!” ors eisean. “Cad e a nis do chuid fhéin!”
“ ’S e mo chuid-sa,” ors ise, “na bheir mi amach le aon rann.”
‘Siuthad, ma ta,” ors eisean.
Agus thòisich Caoinnseag:
“Dà lir, dà léir,
Dà chluais, dà chéir,
Dà cham-pheirceall,
Ochd ìnean dubha dùirn,
Ard-labhradh a’ chinn
Is na ceithir smear-luirgnean.”
“Dleasaidh,” ors eisean, “fear cosgairt a’ chinn
Sùil is boillsgean is eanchainn,
Cluas amach o bhun stic,
Peirceall is leac is leth-cheann.”
Thòisich iad air iche le chéile.
“Is uaigneach a chriomas tu,” ors ise.
“ ’S ann ’nam aonar a cheannaich mi,” ors eisean.
“ ’S iomadh fear a cheannaich is a thug,” ors ise.
“Ga b’ e có d’ an d’ thug thusa, faigh bhuaithe,” ors eisean, is e a’ togail làn a’ lodair de dh’ eanaraich gu a bhial.
“Is trom a’ luchd a th’ air do lurg chaoil,” ors ise.
“Chan eil fada aige ri dhol,” ors eisean.
“Ge goirid e, is dìreadh,” ors ise.
“Cha luaithe dìreadh na teàrnadh,” ors eisean.
An sin dh’ amharc Caoinnseag gu geur air a’ choigreach. “Có thu, a laoich, is có as a thàine tu, oir cha do dh’ fhreagair duine riamh, Caoinnseag cho sgaiteach sin ach mac a cuim? Có thu?” “Is mise,” ors eisean, “Cas Shiubhail an t-Sléibhe, do mhac a bha air chall.’
An sin thuit a’ mhàthair is a’ mac air amhuichean a chéile agus ghuil iad le aoibhneas. Agus thuirt Caoinnseag mar so:
“Cha tig fuachd gun tig earrach,
Cha tig cruas no cruaidh-ghailleann,
Is cha dèan màthair ach air éigin
Aithne air a ceud duine cloinne.”
* * * * * * *
Bha còmhradh fada, tlachdmhor againn le Aonghus còir mu thimcheall an sgeòil agus thubhairt e gun cuala e an toiseach e “aig an fhear a bha pòsda aig piuthar mo mhàthar, Iain Dhonnchaidh. Agus tha cuimhne agam nuair a bha mi ’nam bhalach beag anns an Eilean Sgitheanach gum bitheamaid a’ dol a dh’ ionnsaigh an tighe aige a dh’ éisdeachd ris na sgeulachdan aige. Cha robh mise an uair sin amach air seachd na ochd a bhliadhnachan. Ach bha Iain an còmhnaidh ag obair a’ dèanamh sìomain, sìomain fraoich no sìoman fodair. Agus nuair a bhitheadh a’ fodar ann, bhitheamaide ’nar creutairean beaga a’ dèanamh nan sùgan. Agus bhitheadh Iain ’na shuidhe aig ceann na seinnseadh agus sinne ag obair leis na corrain—seann chorrain, tha fhios agaibh—agus ’gan cur timcheall agus a’ dèanamh nan sùgan. Ach nuair a thigeadh àm a’ gheamhraidh, nach bitheadh a’ fodar cho pailt, bhitheadh a’ sìoman fraoich ’ga dhèanamh an sin, agus cha robh tigh anns a’ bhaile bheag againn fhéin nach robh air a thughadh le sìoman fraoich Iain Dhonnchaidh. Agus cha robh oidhche nach robh an tigh làn bho’n dorus, agus bhitheadh a’ chailleach, piuthar mo mhàthar, bhitheadh i ’na suidhe a’
snìomh—srann aig a’ chuibhlidh agus ise a’ snìomh—agus Iain fhéin aig ceann na seinnseadh agus fallus ’ga dhalladh agus e ag obair air an t-sìoman fraoich agus a’ seinn òrain no ag innseadh nan sgeulachd.”
Bha Iain Dhonnchaidh (Iain Mac Laomuinn) ’na sgeulaiche agus ’na òranaiche maraon. Rugadh, thogadh is chaith e a làithean an Cille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach. Chaochail e bho chionn cóig bliadhna deug air fhichead agus cha d’ fhuair e aois mhór idir; cha robh e amach air leth-cheud bliadhna nuair a dh’ eug e. Dh’ fhàg Aonghus MacDhòmhnaill an t-eilean glé òg agus bha e air tighinn a Ghlaschu ùine mun do thriall Iain Dhonnchaidh.
Air feadh na Gàidhealtachd bha iomadh tigh eile ann mar a bha tigh Iain Dhonnchaidh an Cille Mhoire. “Sin an tigh-céilidh a bh’ aig a’ bhaile, tigh Iain Dhonnchaidh. Bhitheadh a chuile duine a’ cruinneachadh ann agus bhitheadh iad a’ faotainn rudeigin ùr agus sean a chuile h-oidhche . . . . Bhitheadh gu leòir eile a’ tighinn astaigh a bha ag innseadh nan sgeulachdan cuideachd, agus dòch gur h-e sgeulachd a dh’ innis e fhéin a bhitheadh ann agus bha i a cheart cho ùr dha na céilidhich is nuair a bha Iain Dhonnchaidh fhéin ’ga h-innseadh, ach cha robh duine ann a dh’ innseadh coltach ris i. Duine beag a bh’ ann; cha robh e mór idir. Cha bhitheadh e amach air, theirinn, mu chóig troighean agus sia òirlich, ach bha e dèante, cumadail agus bha fiasag mhór air, dubh . . . . Agus A! ’s e fhéin a sheinneadh na h-òrain! Cha chuala sibh duine riamh a’ seinn seann òran coltach ris . . . . Bhitheadh òg is aosda a’ tighinn gu tigh Iain Dhonnchaidh. Bhitheadh an t-seinnse làn de na fir agus bhitheadh cathraichean is sunnagan agus bhitheadh na boireannaich ann agus bhitheamaide ’nar rudan beag ’nar suidhe air fòidean mòna mun cuairt do’n teine mhòna am meadhoinn an ùrlair.”
Bha cuimhne air leth aig Iain Dhonnchaidh. “Bha cuimhne aige air a chuile càil a thachair is air a chuile càil a chuala e riamh bho’n a bha e ’na bhalach beag, eadar naidheachd is sgeulachd is òran . . . . Agus ’s e call air leth a bh’ ann nach robh duine ann aig an robh suim, nuair a bha Iain Dhonnchaidh beò, a sgrìobhadh sìos beagan de na seann sgeulachdan a bh’ aige gu h-àraidh agus na h-òrain. Chuireadh e geamhradh seachad agus cha ruigeadh sibh a leas a ràdha gun do dh’ innis e an aon rud dà uair.”
Thog Aonghus dà sgeul eile a bharrachd air Cas Shiubhail an t-Sléibhe bho Iain Dhonnchaidh agus b’ iad sin Logaidh Og Mac an Tuathanaich agus Triùir Ghillean Ghobha nan Sgeul.
Gheibh leughadairean iomradh air innsidhean eile de’n sgeul annScottish Gaelic Studies,111, 10-51 agus ann am Béaloideas, XV 237
CALUM I. MAC GILLE EATHAIN
[Sanas]
title | Cas Shiubhail An T-Sléibhe |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Calum I. MacGilleathain in Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |