Gnothaich Bhoireannach
Le MAIREID NICCODRUM.
Is e gnothaich na bochdainn a thug mise an so; tha mi nas eòlaiche air an lodair na tha mi air a’ pheann, agus anuair a thig e gu fasanan cha tig mi an uisge na stiùireach do Mhurdaig NicCoinnich. Ach tha Murdag tinn agus chan eil i air choimeas a crac àbhaisteach a thoirt dhuinn an turus so. Tha mi an dòchas nach fhada gus am bi i air a cois agus cho èasgaidh ’s a bha i riamh anns a’ chidsin eireachdail a tha aice an sud ann an Dun-éideann. Nam faiceadh sìbhse e! Le ciste reothaidh agus le inneal nigheadaireachd agus a h-uile goireas eile mu’n cuala sìbh riamh. Bithidh mi air mo ghonadh uaireannan ’s mo dhruim gu bristeadh os cionn seann bhòrd nigheadaireachd air nach toireadh fear de na gillean aig Lonnie Donegan sia sgillinn. Ach co-dhiùbh . . .
Am bheil ’ios agaibh dé an uidhearachd as motha a bhios mi a’ cur air tighean anns na h-Eileanan an Iar a h-uile turus a théid mi dhachaidh? Tha na bratan ùrlair a tha a’ còmhdach gach làir. Tha cuimhne agamsa air an latha anns an robh an lobhta lom fo iomadach cas, no, air a’ char a b’ fheàrr, na bùird air an còmhdach le “waxcloth” mar a theireamaid ris roimh linn an “linoleum.” Is iomadh turus, agus mi ’na mo chaileig bhig, a rinn mi speuradh beag rium fhéin anuair a chuireadh mo sheanmhair sìos gu bruaich a’ chladaich mi a bhuain mealtraich. B’ iad na bùird loma a bha riamh aig mo sheanmhair oir bha i seulaichte gu robh fuachd an waxcloth trom air an lòinidh. Agus cha do rinn i sgùradh riamh ach le mealtraich—freumhan meanbha a’ mhurain a dh’ fhàgadh am fiodh na bu ghile na bruis a chunnaic mi riamh.
Anns na làithean sin cha ghabhadh bratan-ùrlair cumail glan ged a ruigeadh pòcaid duine orra. Ach chan ionnan sin ’s an diugh. Tha an dealan anns gach clachan, agus an lùib an dealain thainig a’ Hoover gus bratan a chumail grinn, glan. Ach tha còmhdach an làir trom air a’ mhogan fhathast nas lugha na tha fios agaibh an téid sibh. Ma chunnaic sibh riamh iomradh air Kosset Carpets ann am paipear naidheachd faodaidh sibh m’ fhacal-sa a ghabhail gu bheil a h-uile dad a leugh sibh fìor. Tha iad air an deanamh ann an trì cuideaman—feadhainn throma airson nan seòmraichean suidhe far am bheil feum air còmhdach buan (mu 50/- an t-slat); feadhainn mheadhonach airson seòmar cadail (mu 41/6 an t-slat): feadhainn aotrom airson seòmar an fhir thadhail (mu 35/6 an t-slat). Gheibh sibh iad anns gach dath, agus gheibh sibh rugaichean a fhreagras air gach brat—feadhainn ris an canar “Shaggy Dog.” Ach is ann eadar an dà dhorus a thàtar buileach trom air na bratan-ùrlair, agus is ann an sin as còrr an t-airgead a chosg. Ma tha e agaibh idir r’ a sheachnadh cumaibh cuimhne air na bratan-ùrlair ùr nylon a tha dìreach air tighinn do na bùthan; tha iad còrr is cóig notaichean an t-slat ach mairidh iad gu bràth.
An dubhairt sibh droch fhacal an latha roimhe anuair a thainig fear an tighe asteach le teàrr an rathaid mhóir air sàil a bhròige? Na
Tha mi uaireannan an dùil gu bheil sinne air a’ Ghaidhealtachd caran tàireil air rudan agus dòighean beaga anns an gabh cudthrom agus uallaichean an latha aotromachadh. Chan eil mi idir a’ bruidhinn mu innealan cosgail, co-dhiùbh a nigheas iad na soithichean leotha fhéin no a chuireas iad amach an cat! Ach, abraibh anns a’ chidsin . . . cha chreideadh sibh an dealachadh a ni searbhadairean-shoithichean snoga—feadhainn mar a gheibh sibh anns na bùthan a nise le dealbhan éibhinn orra, no le faclan brosnaichidh do fhear an tighe gus na soithichean a thiormachadh, no eadhoin le bìdeagan bàrdachd, no comhairle do ’n te a tha a’ fiachainn ri òirleach no dhà a thoirt far nan cruachan! Chan eil iad ach an aon phrìs ri càch, ach tha iad cho ìnntinneach taca eadhoin ris an fheadhainn gheala nach fuirich geal fada a dh’ aindeoin parazone.Agus cùirteirean de ’n aon seòrsa. Agus tubhailteart teaghlaich.
Ach tha an togail inntinne as motha uile gu léir ann an crogan peant. Aig Sealbh fhéin tha fhios carson a tha sinne ann an Alba
Tha eagal orm gu bheil sinn pailt cho coimheach a thaobh bidhe. An corra uair a théid mi sìos a Lunnainn bithidh mi a’ deanamh air na tighean beag ithe far am faigh mi biadh Sìneach, biadh Frangach is Gréigeach is Innseanach. Agus uaireannan, aig an tigh, bithidh mi a’ fiachinn dìnneir a dheanamh de ’n t-seòrsa a bhitheas mi a’ blasad an sin. Cha chosg sin sgillinn a bharrachd dhomh, ach nach faiceadh sibh mar a chòrdas iad ris an teaghlach. So agaibh na tha dhìth oirbh airson dìnneir mhath Fhrangach, agus chan eil dad annasach innte ach garlic agus duilleagan bay—luach dà sgillinn de gach aon dhiubh sin.
Pùnnd stèic (no a réir an teaghlaich) | |
Pùnnd uinneanan. | |
Dà phùnnd buntàta rùisgte. | |
Làn spàin mhóir de shalann. | |
Lan spàin tea de phiobar dubh. | |
Leth pinnt uisge (no uisge far feòla) | |
Da cheathramh garlic. | |
Ceithir duilleagan bay. |
Slisnibh am buntàta agus na h-uinneanan cho tana ri paipear lof. Measgaichibh iad còmhla, agus cuiribh ann an casserole iad, leis an t-salann agus leis a’ phiobar—na biodh uallach sam bith oirbh gu bheil sibh ag uisneachadh barrachd piobair agus salainn na’s àbhaist dhuibh! Stobaibh criomagan de ’n gharlic air feadh so, ach cumaibh criomag no dha airson na feòla. Cuiribh dhà de na duilleagan bay aig gach ceann de ’n chasserole. Faighibh an uairsin an fheòil agus thoiribh slachdadh math dhith le pìos fiodha no eadhoin le òrd aotrom gus am bi i air a deagh phronnadh. Anuairsin fàisgibh na criomagan garlic a dh’ fhàg sibh asteach do ’n fheòil agus cuiribh air muin na tha sa’ chasserole i. Dòirtibh an t-uisge (no an sùgh) thairis air na h-uile; cuiribh ceithir bìdeagan beaga ime air muin na feòla agus stobaibh an casserole asteach do dh’ àmhuinn air a deagh theasachadh. Bogaichibh an fheòil leis an t-sùgh an dràsda ’s a rithist, ach an còrr cha leig sibh leas a dheanamh. Bithidh dìnneir cho math ’s dh’ fhiach sibh riamh bruich ann an uair a thìde.
Is e an aon bhiadh a dhubh dh’ fhailich orm fhéin riamh, biadh Turcach. Bha mi fhéin agus bana-charaid dhomh á Garrabost turus ann an Lunnainn agus sinn a’ deanamh hóro-gheallaidh, agus chaidh sinn asteach do thigh-ithe grinn Turcach a chunnaic sinn ann an Soho. Cha deanamaid stem air a’ chlàr-bidhe a sheall iad dhuinn, oir bha sinn air am beagan Turcais a dh’ ionnsaich sinn anns an Nicolson a dhìochuimhneachadh. Thainig caoiltear dubh chun a’ bhùird aig an
An àite brot thainig e truinnsearan air an robh stuth glas coltach ri seann fhuar-lit’ agus dh’ innis e dhuinn (le moit) gur e so Halvas. Uill, cha toireadh am fàile ’nar cuimhne ach am bran a b’ àbhaist dhuinn a bhith a’ toirt do ’n chrodh, agus, ma dh’ fhiach sibh riamh bran b’ e sin am blas a bh’ air cuideachd—no ’s dòcha bran le cadag cement ann. Fhuair sinn dà spàin sìos agus sgog oirnn! Thainig am fear dubh agus thug e leis na truinnsearan, agus shaoileadh sibh gu robh sinn an déidh droch ainm a ghabhail air a sheanmhair. Ach thill e le rud air an robh Shashlick aige dubhagan agus feòil agus rudan neònach Turcach air an stalcadh air biorain fhiodha. Bha sin math gu leòr, ach bha a h-uile rud a bh’ air a’ bhioran air a bhogadh ann an Halvas! Cha robh math fiachainn ris a’ bhutarrais a bh’ann a chur ’nar pòcaidean, oir bha sùil an fhir chaoil oirrin. Coma co-dhiùbh, dh’ aithnich sinn nach robh ceum circe eadar sinn agus a’ bhuidheach nan itheamaid sud, agus dh’ fhiach sinn ri innse dha gur e Hindus a bh’ annainn agus nach deanamaid dad air mart-fheòil. Dh’ éirich i shuas air an Turcach agus sguab e leis na truinnsearan—a’ leigeil le caob Halvas tuiteam ’na mo sgùirt. Ann am briathran beaga socair, a’ fiachainn ris an t-sìth a dheanamh, thuirt sinn ris gum fiachamaid gréim pudding.Thill e le dà thruinnsear agus thilg e thugainn iad mar gum biodh fear a’ cur amach chairtean. Thug sinn aon sùil. Halvas le dà shlis ubhail agus làn spàin tea de dh’ uachdar. Thainig a’ ghomadaich òirnn le chéile. Dh’ éirich sinn agus phàidh sinn pùnnd Sasunnach an urra cho modhail ’s a b’ urrainn dhuinn, agus rinn sinn air àite beag a b’ aithne dhuinn far an d’ fhuair sinn hama agus dà ubh!
Is e a bhith a’ bruidhinn air mo bhana-charaid á Leódhus a thug ’na mo chuimhne e, ach thachair mi ri te a b’ aithne dhomh an latha roimhe. Peigi Dhòmhnallach, no Peigi NicIomhair mar a bh’ innte mun do phòs i bho chionn mìos. Tha i á Borgh ann an Leódhus—nighean Chaluim a’ Phunch. Fhuair Peigi a foghlum ann an Ard Sgoil Steòrnabhaigh agus an déidh sin anns a’ Chommercial College ann an Glaschu. Thug i greis mar bhan-chléireach ann an Oilthigh Dhun-éidinn, ach tha i nise air ùr thòiseachadh ann an Roinn Ghàidhlig a’ Bh.B.C.
title | Gnothaich Bhoireannach |
writers | Margaret MacCodrum |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Mairead NicCodrum in Gairm 26 %p |
parent text | Gairm 26 |