Ile: “An t-Eilean Crom”
MAIREAD NICASGAILL
Bogha-mór (Domhnall Bell)
THA e air a mheas gu bheil mu chóig mìle duine an diugh a’ fantail anns an eilean thorrach ghorm so, anns an do chuir iomadh gaisgeach treun lorg a choise. Tharraing e thuige féin gaisgich mar Ghoraidh Chròbhain, Lachlainn Dhubhairt is na Dòmhnallaich mhóra. Bhuilich e air an t-saoghal Iain Og na Féinne, Donnchadh MacIain agus Uilleam MacDhunléibhe.
Tha an t-eilean air a roinn ’na sgìreachan: Cill mh’ Eithne (Kilmenny) ,Cill mhael Rubha (Killarrow) ,Cill Dhaltain agus Odha (Kildalton and Oa) agus Cill Chomain (Kilchoman) .
Buinidh dara leth an eilein do bhodach, am Màidsear Moireasdan, a th’ ann an Tigh na Pàrlamaid airson siorrachd Shasunnach, ’s a thig gu Ile, e fhéin ’s a theaghlach, mìos no mìosan san fhoghar, nuair a tha a’ bhreac ’s am bradan reamhar, am fiadh san fhireach, ’s a’ chearc-fhraoich air iteig.
Anns an ear-thuath de ’n eilean tha an earrainn Lossit, a bhuineas do Bharan Schroeder; eadar Bhogha-mhóir is Phort-eilein tha talamh a’ Mhàidseir Clapham; anns an Odha tha an Comanndair Montgomery, ’s tighean nan tacan a’ tuiteam ’nan làrach, ’s esan a’ cur an talaimh fo chaoraich; ann an sgìre Chill Daltain tha Clifton is Gall no dhà eile. Chan e mhàin gum buin an talamh dhaibh, ’s gum feum an t-Ileach na h-uiread màil a phàidheadh air a’ pholl-mòna, ach mur e Sasunnaich a th’ annta ’s e Gearmailtich.
Tha talamh air leth math anns an eilean agus tha sin a’ fàgail móran thacannan air fheadh gu léir—cuid ag àrach chaorach, cuid crodh-bainne, agus cuid eile mart.
Port Sgiobaidh (Domhnall Bell)
Ceàrdach Dhomhnaill ’Ic Dhùghaill, ann am Port Eilidh.
Ach ged a tha an tuathanas math, tha na bailtean-fearainn a tha so an diugh ag iathadh talmhainn anns an do thuinich bailtean chroitearan a dh’ fhàg, ’nan imrich, an carragh-cuimhne: tobhtaichean fuara falamh a’ fàs nas maoile le feur, agus làrach na spaide is na casa-croma an sliabh an aonaich. Chithear sin an Ile ro bhitheanta .i. Maolantraigh, Dùn Bhoraraic, taobh Loch Fhionnlagain.
A’ chuid as motha de na tacaichean so cha bhuin do dh’ Ilich fhéin. Beachdaich air fearann a’ Mhàidseir Mhoireasdain aig a bheil a thigh mór fhéin aig Beul an Ath (Bridgend)— “An Tigh Bàn.” Co-cheangailte ris an Tigh Bhàn tha mu 34 tuathanais. Ann an cuid dhiubh sin tha daoine a tha pàidhte gus an taca oibreachadh; feadhainn eile dhiubh a tha ri ’m faotainn air mhàil bhliadhnail.
Ma bhitheas an t-Ileach freasdalach, agus beagan airgid aige, is math a dh’ fhaoidte gum faigh e taca air mhàl bhuapa-san, no bho Chomunn nan Croitearan. Ach chrìonaich Baile an Abaidh an creideas anns a’ bhuidheann sin! Bha Baile an Abaidh gu bhith air a roinn ’na chroitean, ’s e gu robh, ach thainig e roimh ’n sùil ’na cheithir “bheag” thuathanais, agus ’nam measg-san a shealbhaich iad cha robh ach aon Ileach. Bha an còrr bho Tir-mór. Agus ’s e so fear de na Comuinn a tha gus a’ Ghaidhealtachd ath-leasachadh!
Chuir e iongnadh ormsa, á eilean far nach eil meas air bith air talamh, ’s e ’na cheap-starraidh iomadh uair, faicinn cho déidheil ’s a bha uiread de ghillean-na-sgoile air tuathanachas, agus tac fhaotainn dhaibh fhéin uair no uaireigin. Air an aobhar sin tha móran ag obair air tacannan co-cheangailte ris an Tigh Bhàn. ’S e Cranston, Sasunnach liath eile, a tha os cionn gnothaichean an Tigh Bhàin— “am factor,” ged a tha iomadach ainm eile air nach tuigeadh e fhéin. Tha tighean-còmhnaidh airson nan luchd-oibreach co-cheangailte ris an Tigh Bhàn.
Tha tighean-còmhnaidh gu tric air feadh nan tacannan a bhuineas do ’n Tigh Bhàn, agus tha e ri ràdh, ma thàrlas fear aca tighinn falamh, nach e ’n deòin a bheir orra oidhirp sam bith a dhèanamh gu daoine fhaotainn a thuinicheas ann. Mar a thuirt deagh dhuine eòlach as Port Sgiobaidh (Port Charlotte): “Tha na Gaidheil an diugh air am fuadach amach as Ile, a cheart cho cinnteach ’s a bha iad san linn a dh’ fhalbh—ach chan ann le caoraich—ach le dìth suim nan Sasunnach.”
Ged a bhuineas an talamh do Shasunnaich, ’s ann air spiorad an Ilich as mò a tha sin a’ dìoladh. ’S beag an t-iongnadh a réisde an t-Ileach a bhith cho ceangailte ri Ile.
’S e uisge-beatha (no “drama” mar a their iad an so) prìomh obair eile an eilein. Tha na tighean-staile ann am Bogha-mór; Port Eilein; Lagphròaig; Lag-a- mhuilinn; An t-Ard Beag; Port Sgiobaidh; Caol Ile agus Bun-na-h-abhainne. ’S e obair airgeadach a tha so, tha e coltach, agus nas mò na sin, tha tighean ’nan cois far am faigh am fear-oibrich sgàth do theaghlach. Ach tha na tighean-staile dhiubh fhéin, a thaobh tighean a bhith ’nan cois, a’ tarraing choigreach asteach cuideachd.
Tha an tigh-staile ag iarraidh fear-riaghlaidh, agus chan ann glé thric a tha e sin as Ile, agus gàidsear, no dh’ fhaoidte dithis. So far a bheil na daoine le beagan fòghluim a’ tighinn do ’n eilean, agus a’ dol a mheasgachadh ri sluagh an eilein. Ach tha dòigh eile air a bheil
’S ann a rèir an dòigh smuaineachaidh a bhitheas buaidh nan daoine a thig asteach ameasg slòigh eile. Tha iad, anns a’ bhitheantas, de dhà sheòrsa—math is dona! ’S e sin iadsan a tha ag aideachadh gu bheil iad a’ tighinn ameasg dhaoine aig a bheil dòigh-beatha agus cànan eadardhealaichte riu fhéin; agus iadsan a tha de ’n bheachd gur iadsan clann taghta Israeil, a’ tighinn asteach a thàmh ameasg fhine aineolaich bhuirb. Mar as trice, tha a’ chiad seòrsa nas gainne, ’s an dara seòrsa ro phailt! So an seòrsa a bhios a’ cumail bhaile air ghoil, a’ gearain nach fhiach am maighstir-sgoile, nach eil fhios aige dé a tha e a’ dèanamh, gu bheil cus Gàidhlige air a teagasg san sgoil sin, gu bheil ise dol a thoirt a cloinne gu sgoil a’ bhaile eile, nach eil i dol ’gam fàgail an sud. Sin am fear a bhitheas ag ràdh gun tug esan sùil air “Riaghailtean nan Sgoil,” ’s nach eil còir aig a’ Ghàidhlig a bhith air a teagasg san sgoil bhig, ’s ma bhitheas aig inghinn-sa ris a’ Ghàidhlig a ghabhail san sgoil mhóir, gun sgrìobh esan a ràdh nach gabh!
Ach ged a tha iad sin searbh, tha iomadh duine a’ tighinn ’na choigreach a tha a’ cur cuid de luchd-labhairt na Gàidhlige gu rughadh-gruaidhe, leis cho eudmhor ’s a tha iad air a’ Ghàidhlig a sheinn ’s a ionnsachadh ’s a bhrosnachadh.
’S e ’n t-imrich sin a dh’ aobhraicheas gum bi clann gun Ghàidhlig a’ dol do ’n sgoil còmhla ri cloinn le Gàidhlig, agus a chionn gu bheil e nis luaidhte ann am fuil an eileanaich, gur h-e an rud a tha bho thir-mór as fheàrr, ’s i a’ Ghàidhlig a ghéilleas, ’s a’ Bheurla a bhuannaicheas.
Chan eil, mar gun canadh tu, prìomh-bhaile ann an Ile idir. B’ e obair an fhearainn am prìomh bith-beò gus an tainig obair na drama. Far an do dh’ éirich na tighean-staile dh’ éirich ’nan cois tighean a tha air an togail ’nan sreathan, ann an dòigh a’ bhaile, is trannsa no clobhsa eadar na tighean. Air an dòigh sin dh’ éirich Bogha-mór, Port Eilein, Lagphròaig, Lag-a- mhuilinn, An t-Ard Beag, Port Sgiobaidh agus Bruaich a’ Chladaich, ach gu h-àraidh a’ chiad dhà, ’nam beag bhailtean air an càradh air fuidheall thuathanasan. Mar nach eil prìomh-bhaile ann, tha an t-urram air a roinn eadar na dithis. ’S ann là mu seach gu Port Ascaig agus Port Eilein a tha am bàta a’ tighinn, agus mar sin gheibhear air a’ bhus gu Bogha-mór gach là, agus Port Eilein an dara là, as a h-uile h-àite ach ceann a tuath Chill Chomain, Caol Ile agus Bun-na-h-abhainne.
Air dhòmhsa thighinn an toiseach gu Bogha-mór, b’e ’n culaidh-iongnaidh bu mhotha bh’ agam a bhith a’ faicinn treud chruidh a’ siapadh amach sa’ mhadainn troimh chlobhsaichean nan tighean ’s a’ coiseachd air an staran-sràide sìos an t-sràid. San fheasgar an nì ceudna. Dhòmhsa, gu ruig sud, cha bhiodh crodh ’gam faicinn ach air glasach ’s dìgean ’s boglach a’ dol asteach do bhàthaich air croit no air tuathanachas. Ach an so, tha am fearann sin a bhuineas do na croitearan a tha a’ tàmh sna bailtean sin a dh’ fhàs ri linn nan tighean-staile, air falbh bho ’n bhaile. Mar a thuirt Léodhusach eile, ’s e coimhead a’ chruidh sìos rathad-mór tearra Sràid-na-Sgoil Bhogha-
Port-na-h-Abhainne (Domhnall Bell)
Caol Ile agus Bun-na-h-abhainne, air taobh an ear-thuath an eilein, an dà bhaile as ùire a th’ ann, agus tha iadsan gu tur an urra ris an drama airson am bith-beò. Chan eil barrachd air deich tigh ar fhichead anns gach fear dhiubh, agus leis gu bheil luchd-oibreach gu tric a’ tighinn bho thir-mór, ’s gu bheil cuid aca pòsda aig Goill, tha mu thrian de na teaghlaichean gun a’ Ghàidhlig ’ga bruidhinn san tigh.
Tha sin a’ fàgail Port-na-h-abhainne, am baile as fhaide deas anns na Roinn Ileach, agus ’s ann an so a gheibhear na croitean as coltaiche ris na croitean beaga a th’ againne mu thuath, agus ’s ann ris a sin, ’s beagan iasgaich a tha bith-beò nan daoine so an urra. ’S e so am bad de Ile as fhaisge air Eirinn, agus bha là mór ann nuair a b’ e Port-na-h-abhainne port iasgaich air leth, as am bitheadh na bàtaichean a’ falbh ’s a’ tighinn as Eirinn. Dh’ fhàg sin luchd-àiteachaidh a’ bhaile ealanta air an dà sheòrsa Gàidhlige. Tha fear ann am Bogha-mór a tha ag ràdh rium gum bu mhath a bhruidhneadh a sheanmhair-san, is chan eil cho fada bho shiubhail ise. Ach an diugh, ged as e Port-na-h-abhainne as Gaidhealaich, ’s ged is ann ann tha barrachd Gàidhlig na ann an àite eile, chithear spiorad na h-eudòchais a’ caogadh amach troimh leòsan thighean geala ’s buidhe ’s gorma a tha fàs, falamh fad na bliadhna gus an tig na coigrich a thàmh annta greis san t-samhradh. ’S ged is ann as an àite so fhéin a thug na daoine an casan leotha cha dean iadsan a bhith tilleadh san t-samhradh beòthas sgìreachd. B’ i a’ bhochdainn a bhuail an saoghal anns na bliadhnachan bho 1920 a chuir
Cho math ri bhith ’gam far-ainmeachadh “piùcaidh” (ainm éisg ris an can sinn liùgh) their na h-Ilich cuideachd gu bheil Gàidhlig Phort-na-h-abhainne eadardhealaichte ri Gàidhlig àitean eile an eilein, agus tha cuid a’ cumail amach gur h-i buaidh na Gàidhlig Eireannaich a tha so. Co-dhiùbh an è no nach è, ’s ann aig a’ chloinn aca as fheàrr agus as motha a tha a’ Ghàidhlig, agus gur tric iad a’ cumail mo chridhe rium.
Agus a nis cor na Gàidhlig ann an Ile fhéin? Theirinn-sa nach eil an cor sin glé fhallain, ach dh’ fhaodainn-sa bhith ceàrr, ’s bu mhath gum bitheadh. Bha uair ann ’s b’ e a’ Bheurla a bha dhìth air a’ Ghaidhealtachd, ach an diugh ’s e chluinneas tu, ann am Bogha-mór, le beagan urraim anns a’ ghuth, “He’s good at speaking the Gaelic.” ’S ann nuair a bhios cànan is luchd-bruidhinn a’ fàs tearc a bhithtear a’ luaidh a leithid sud m’ a deighinn.
Tha Comuinn Ghaidhealaich anns gach baile, ach chan ann glé lùthmhor a tha iad, ach dìreach Bogha-mór agus Port Eilein fhéin. Chaidh ràdh rium barrachd air aon uair nach fhaigheadh iad làn talla dhaoine a dh’ éisdeadh ri òrain, nan deanadh iad cuirm-chiùil a bhiodh gu tur anns a’ Ghàidhlig; dh’ fhaodadh gur h-e sin as aobhar gu bheil a h-uile seinneadair Ileach a choisinn bonn òir no airgid, de na chuala mi fhathast an so, a’ seinn co-dhiùbh an dara leth de a chuid òran anns a’ Bheurla chruaidh, anns nach do sheinn e ann an co-fharpais.
An uair a bha dà dhealbh-chluich Ghàidhlig ri ’n cur air beulaibh an t-sluaigh, ’nam measg-san a bha a’ monmhur bha ball de ’n Chomunn Ghaidhealach! Bha ise a’ meas nach b’ fhiach dealbh-chluich Ghàidhlig éisdeachd ris.
Gabhamaid an toiseach a’ Ghàidhlig anns na tighean: aig a’ chuid as motha de na daoine a chaidh an togail ann an Ile, ged is i a’ Bheurla as trice a chluinnear, tha amannan ann air an cluinn thu a’ Ghàidhlig gu math làidir. Ach thoir deagh shùil air aois an duine tha labhairt. Cha chluinnear ach tearc duine fo aois còig bliadhna fichead a’ bruidhinn na cànain air an t-sràid. Ann am Bogha-mór abraidh na ceannardan-teaghlaich nach robh ach a’ Ghàidhlig aig a’ chloinn acasan, agus gur ann bhon chaidh iad do’n sgoil a chaill iad i, agus an uair a bhruidhinneas iadsan riutha, gur e am freagairt Beurla a gheibh iad.
Air an tuath gheibhear barrachd Gàidhlig ameasg sean is òg, ach ma leanas na tuathanais a bhith air an gleidheil le Goill mar a tha iad an dràsda, chan fhada gus an tòisich i crìonadh an sin.
Thubhairt mi gu robh e mar fhasan aig fir an eilein so, aig a bheil a’ Ghàidhlig, a bhith taghadh mhnathan bharr Galldachd, agus tha sin gu tric a’ fàgail teaghlaich gun Ghàidhlig, mas ann an urra ris an tigh aca fhéin a tha iad gu bhith. Tha a’ chlann còmhla ri am màthair gu aois na sgoile, agus an uair sin anns an sgoil, agus gu tric ruigidh iad an dà bhliadhna dheug gun ach corra fhacal Gàidhlige. Na cailean,
’S an déidh na dìchill sin, ma thadhaileas tu air céilidh a’ Chomuinn Ghaidhealaich ’s gann duine aca a chì thu ameasg na dòrlach a bhitheas an làthair, agus gun tighinn air stiùireadh no riaghladh a’ Mhòid dhaibh.
Tha na h-Ilich air daoine cho gasda ’s a luthaigeadh tu coinneachadh; coibhneil, gasda agus clis gu gàire. Tha seanfhacal ann a tha ag ràdh: “Bheat am Muileach an t-Ileach, ach bheat an t-Ileach an Deamhain.” ’S e ’n deamhain a tha mise ’g ùrnuigh gum beat iad a rithis An Coigreach aineolach uaibhreach ’s a’ Bheurla bhuadhach!
Port Wemyss (Domhnall Bell)
An cidhe, am Port Asgaig (Alistair Ailpein MacGriogair)
title | Ile: An t-Eilean Crom |
writers | Margaret MacAskill / MacTaggart |
internal date | 1959.0 |
display date | 1959 |
publication date | 1959 |
level | |
reference template | Mairead NicAsgaill in Gairm 28 %p |
parent text | Gairm 28 |