Blath Ur Air An t-Seann Stoc
(A’ Ghaidhlig an Eirinn)
RUARAIDH MACTHOMAIS
THA e anabarrach duilich a mheas ciamar a tha dol leis na h-Eireannaich anns an oidhirp a rinn iad air a’ Ghàidhlig aca ath-bheothachadh. Their cuid aca riut nach eil ach mu 35,000 pearsa an Eirinn aig a bheil a’ Ghàidhlig gu nàdurrach, agus mas fìor sin tha Gàidhlig na dachaidh ann an staid chunnartaich, is tha i gu math nas treasa againne an Albainn, far a bheil suas ri 90,000 duine aig a bheil i. Ach chan eil an sin ach dara taobh na maoile. Tha na ceudan de mhìltean an Eirinn aig a bheil beag no mór de Ghàidhlig a thog iad san sgoil, san sgoil-oidhche, no air turus-samhraidh do ’n Ghaeltacht, agus ’nam measg-san tha móran a tha a cheart cho fileanta innte ’s a tha iad sa’ Bheurla. Air an t-samhradh so chaidh bha mi còmhradh ri fear-teagaisg ann an Oilthigh am Baile Atha Cliath, is thuirt e rium gu robh e gu math na b’ fhasa dha a nis Gaeilge a labhairt na bha e dha cainnt a mhàthar, a’ Bheurla, a chleachdadh.
Tha gu leòr ann, an Eirinn agus air a taobh amuigh, a tha a’ deanamh spòrs de na h-Eireannaich airson an ùidh so a bhith aca ’nan cànan fhéin. Tha gu leòr ann a luthaigeadh nach biodh soirbheachadh sam bith aca san obair so. Ach saoilidh mi nach biodh móran de luchd-Gàidhlig Albann air an àireamh sin. Thigeadh e dhuinne a bhith gu math umhail nuair a bheir sinn beachd air an t-saothair a chleachd na h-Eireannaich as leth an cànain.
Thainig na smuaintean sin asteach orm is mi toirt sùil air leabhar a thainig amach am bliadhna bho Oifig an tSoláthair, no an Stationery Office,mar a their luchd na Beurla.[English-Irish Dictionary,deas. le Tomás de Bhaldraithe(15/-) (ri fhaotainn bho Government Publications, Post Office Arcade, Dublin.) ] Chan eil ann ach Faclair, ach a rèir is mar a tha cùisean an Eirinn, tha mi ’n dùil gur h-e so leabhar cho feumail do ’n chànan ’s a thainig am follais o chionn fhada.
A chionn ’s gu bheil Gaeilge aca ’ga teagasg anns gach sgoil, agus a chionn ’s gu bheil na h-uiread dhith air a cleachdadh anns na paipearan-naidheachd, ann an Seirbheis na Stàite, air an ràdio, anns an Dáil, tha feum ’ga chur air iomadach smuain is facal air nach robh guth aig na seann Ghaidheil. Ged a bha Gàidhlig Eireann is Albann deònach a riamh air iasad a ghabhail bho chànanan eile tha an saoghal air atharrachadh cho mór anns a’ cheud bliadhna chaidh seachad ’s gu bheil cànanan mòra an t-saoghail air at gu h-uabhasach. Tha feum air facail ùra gach là, ged a tha cuid de na sean fheadhainn a’ dol á bith aig an aon àm. Tha beachd againn nach do rinn a’ Ghàidhlig againn fhìn uiread de dh’adhartas ’s a bu chòir dhi. Ach a riamh bho chuireadh air bhonn Saorstàt Eireann an 1922, agus eadhon roimhe sin, bha na h-Eireannaich a’ strì ri facail ùra a chur ri an cànain. Tha pàirt de thoradh na h-oibreach sin anns an fhaclair ùr so, agus tha móran air a chur rithe leis an fhear-deasachaidh, Tomás de Bhaldraithe, agus le a luchd-cuidich.
Gu dearbha is ann a bha cus de fhacail ùra air an deanamh an Eirinn. Tha faisg air fichead facal ann airson telescope,mar a tha ‘cianarcán, ciandearcán, cianradharcán, fadradharcán, faidearcán, sùilghloine, gloine fhéachaint, telescóp.’ Bha thìde ann taghadh a dheanamh, is thagh de Bhaldraithe ‘teileascóp.’
Tha cuid de fhacail ann nach cuir feum air atharrachadh sam bith nuair a ghabhar iasad dhiubh anns a’ Ghàidhlig, mar a tha ‘anagram,’ ‘banana,’ ‘custard.’ Tha feadhainn eile a tha ag iarraidh dreach Gàidhlig a chur orra, mar a tha ‘nylon’ (níolón an Gaeilge), ‘hedonism’ (héadónachas), ‘giraffe’ (sioraf), ‘bomb’ (buama an Gaeilge, bom an Gàidhlig( ?) ), ‘mathematics’ (matamaitic). Tha grunn de fhacail mar so ann nach gabh dreach glé bhrèagh a chur orra. Feumaidh mi aideachadh gun chuir am facal Gaeilge hidridinimic (‘hydrodynamics’) gàireachdainn orm, is chan eil mi a’ faireachdainn ro bhàigheil ri sícainilís (‘psychoanalysis’) no ri spréachphlocóid (‘sparking-plug’).
Tha atharrachadh càil aig a h-uile duine, ach chan eil dad agam an aghaidh facail mar a tha domhan-leithead(‘latitude’ ), airgeadas(‘finance’ ), idiraisnéis(‘parenthesis’ ), clóscríobhán(‘typewriter’ ), míoleolaíocht(‘zoology’ ), no eadhon vat agus vatuair (‘watt’ agus ‘watt-hour’). Is dòcha nach cuir sinne an Albainn móran feum air facail mar a tha réaltóg scannán is stiallscannán (‘film-star’ agus ‘filmstrip’), ach faodaidh na h-Eireannaich feum a dheanamh dhiubh, oir tha filmichean Gaeilge aca ’gan deanamh. Co-dhiùbh, ’s e cùis-mhagaidh a th’ ann do dh’ fhear Gàidhlig a leithid a rud is ‘Chunnaic mi film-star ùr a raoir’ a ràdh. ’S e rud mì-bhlasda a th’ ann an dà
’S e rud a chuir smuaineachadh mòr orm is mi a’ tearraideachadh an leabhair so, cho feumail ’s a tha e do luchd-Gàidhlig Albann. Ged a tha Eirinn is Albainn fad air an sgaradh bho chéile ’s e an aon fhreumh a tha aig an cànanan, is tha iad iongantach faisg air a chéile fhathast. Tha am faclair so nas feumaile do Ghaidheal Albannach an diugh na tha na faclairean Beurla-Gàidhlig againn fhìn. Gun teagamh thig oirnn atharraichidhean beaga a dheanamh. An àite ainriail (airson ‘anarchy’) theagamh gu sgrìobhadh sinne aimhriaghail; airson aerloingseoireacht(‘aeronautics’ )aerloingsearachd; airson comhchiorclach(‘concyclic’ )comhchearclach( ? ). Airson coscán(‘brake’ )sgrìobhadh sinne, is dòcha, casgan. (Tha facail againn mar thà airson ‘clutch’ is ‘gear lever’: mar a thuirt a Siarach is e ag ionnsachadh dh’ a charaid mar a dheanadh e draoibhaigeadh “Cuir do chas air a’ phluc is tarraing am babht! ”) Ach seall cho nàdurrach ’s a tha na facail Eireannach so dhuinne: iomrall aimsire (‘anachronism’) beachlann (‘apiary’), rothar (‘cycle’), gearradharcach (‘shorthorn’), agus eadhon beathaisnéis (‘biography’).
Uaireannan tha facail iasaid is facail ùra againn fhìn anns a’ Ghàidhlig a tha a’ còrdadh rium nas fheàrr na ’n fheadhainn Eireannach. Tha dreach Gaidhealach gu leòr air siamarlan an diugh, ged is ann bho ’n fhacal Beurla ‘chamberlain’ a thàinig e. ’S e as fheàrr leam na seomradóir no maor-teallaigh. ’S fheàrr leam sloc-adhair ná gairfín (‘air-pocket’), agus ’s fheàrr leam fuaim an fhacail laimrig-adhair (‘aerodrome’), an àite aeradróm no aerpháirc. Saoilidh mi gu faodadh na h-Eireannaich barrachd feum a dheanamh de ’n Ghàidhlig againne ann a bhith a’ lorg facail ùra. Tha iad a’ toirt dhuinn cuing no caol (talún) airson ‘isthmus,’ ach sin a’ chiall a th’ aig ùidh, am facal a thug sinne air iasad bho na Lochlannaich.
Bu chòir dhuinn barrachd feum a dheanamh de sheann fhacail Gàidhlig a tha air a dhol á cleachdadh. Tha de Bhaldraithe a’ tairgse dhuinn fearsaid airson ‘axle,’ agus crann-fearsaide (‘axle-tree’), ciseán aráin (‘bread-basket’), sorn cístine (‘kitchen-stove’) agus sorn leictreach (‘electric cooker’). Luthaigeamaid barrachd dhiubh so fhaicinn anns an dà Ghàidhlig.
Ach a thuilleadh air facail ùra (ged is iad bu mhotha bha air ar n-aire an so), tha mion-thaghadh air a dhèanamh anns an leabhar so air facail Ghàidhlig a fhreagras air na facail Bheurla, anns gach seagh anns a bheil iad sin air an cleachdadh, agus a rèir a’ chomhthéacs (‘context’). Cha dean an aon fhacal Gàidhlig a’ chùis airson ‘astrological revolution’ (imrothlú) agus ‘political revolution’ (réabh-lóid; tha dà fhacal ann airson ‘anthology’ (duanaire mas e bàrdachd a th’ ann is cnuasach mas e rosg); ’s e blas a chanadh tu airson ‘accent’ an dàrna h-uair, ach aiceann uaireannan eile. Tha mìneachadh cùramach ’ga thoirt dhuinn air atharrachadh céille is cleachdaidh nam facal Gàidhlig.
Ma tha sìneadh saoghail gu bhith aig na cànanan Gàidhlige bhiodh e ciallach gun oibricheadh iad na bu mhotha an co-bhoinn. Gu h-àraid a thaobh fhacal ùra bhiodh e feumail mura biodh dealachadh ro mhór eatorra, agus bhiodh e feumail cuideachd tomhas de dh’ aonta a bhith eatorra a thaobh litreachaidh. ’S e an litreachadh ùr Eireannach (agus an clò Ròmanach) a tha air a chleachdadh anns an fhaclair so. Cha tig leithid cónaím (còmhnaidheam), úim (uidheam), ùll (ubhal) agus suím (suidhim) air a h-uile càil, is cha mhotha a thig litrichidhean mar a tha amach, arís 7c., ged a tha luchd-leughaidh Ghairm eòlach air cuid aca. Tha sinne fada nas déidheile air fleiscín (‘hyphen’) na tha Eireannaich an là-an-diugh. Dh’ fhaodadh gu bheil sinn ro dhéidheil air. Ach is dòcha gun toir sinn ionnsaigh air na ceistean sin uair eile.
Bithidh Gairm cuideachd a’ fiachainn uaireannan ri facal ùr Eireannach a chur gu feum, mar a tha ailtire(‘architect’ ), alt (‘article’) is a leithid, is bithidh e cunnartach gum faic sinn tuilleadh dhiubh sin a nis—a thaing sin aig de Bhaldraithe!
Rinn e saothair mhór. Tha eadar 45,000 is 50,000 ceann anns an fhaclair so, agus 863 duilleagan. Tha e fada nas fhasa feum a dheanamh dheth na am Foclóir Béarla agus Gaedhilge a chuireadh amach fo làimh L.Mhic Cionnaith an 1935. Tha e grinn air a chur an clò. Tha e saor. Cha bu chòir sgoil-Ghàidhlig no sgrìobhadair Gàidhlig a bhith as aonais.
title | Blath Ur air an t-Seann Stoc |
writers | Derick Smith Thomson |
internal date | 1959.0 |
display date | 1959 |
publication date | 1959 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 29 %p |
parent text | Gairm 29 |