bha sud

Le POL MACAONGHAIS.

AIR madainn àraidh a bha sud bha Dùghall MacIain afeitheamh luchd-buain mònadh. Bha an t-earrach a nis gu bhith seachad agus eadhon ann am baile den t-seòrsa so, dhfheumte beagan mònadh a bhuain. Chan eil fios an tàinig dad de dhadhartas air bhon a baithne dhòmhs’ e—is cinnteach nach tàinig—ach is tric a bhitheas mi cuimhneachadh, an dràsd is a rithist, air Balmathàmothogair. Bha muinntir abhailenan daoine cho leisgs cho grianaisgeach agus am beagan cosnaidh a dhèanadh iad cho luideachs cho beag snas is gun deachaidh cliù abhaile bhig so fad is farsuing.

Nuair thigeadh coigreach an rathad is a chitheadh e na sabhail le tughadh is sgrathan atuiteam dhiùbh, an crodh ag ithe an fhochainn gun bhacadh a chur orra, agus gach cruach mhònadh is arbhair air thurraman mar chòmhla-bhigein, cha robh aobhar fhiafhrachd càite an robh e—bha dearbhadh gu leòir fa chomhair gum be so da-rìreadh Balmathàmothogair.

Bha am maighstir-sgoile (duine gasda as na Hearadh) an impis dol as a rian. Cha tàinig duine riamh fo stiùireadh a rinn feum le sgoil. Biodh tìr-mór air a miastadh le luchd-teagaisg, dotairean is firlagha á Leódhas is Iles as gach àite ach am feasd chan fhaighte eadhon blaigh ministeir á Balmathàmothogair. Is cha be sin uile e. An corra-uair a thigeadh dotair an rathad tigh-tinnis, cha bhitheadh càch ach asad-mhagadh air—ag ràdh gun drinn Mór Bhàn barrachd feum leisan t-snàileanann an aon fhoghars a dheanadh e am fichead bliadhna le chuid ghrogaichean.

Chanadh tu, matà, gum biodh sluagh baile mar so—a bha cho aineolachs cho coma-co- dhiùbh— ’nan daoine riaslach, -shona. Ach is iadsan nach robh sin, searbh is gun robh so le muinntir Bhaile-rianail is Bhaile-tùrail! Ann an dòigh mhiorbhuillich air chor-eigin fhuair iad seòl air an làithean a chur seachad ann an dòigh bu thlachdmhoire na chéile. Cha ghabhadh so tuigsinn le muinntir Bhaile-tùrail is Bhaile-rianail, is cha do thuig iad riamh carson a bhuilich am Freasdal orra nàbaidhean a bha cho tur deireannach, leisg agus gun nàire.

Nis, mar a thubhairt mi, bha Dùghall MacIain afeitheamh luchd-buain mhònadh air amhadainn ud. Bha e nis aon uair deug agus gun sgeul air anam dhiubh ged gheall gach duine a bhith thall aig deich. Ach cha robh móran uallaich air Dùghall oir cha bu tric a thòisicheadh obair-lathasan àite so roimh mheadhon-latha.

Ach an ceann greise nochd Dòmhnull Cruinn a nall air a tharsuing, is e cluichFoghnan na h-Albaairmouth - organ. Chrath Dùghall a cheann. Cha rachadh móran mònadh a bhuain an diugh. Aon uairs gun tòisicheadh Dòmhnull is Iain Giobach air deasbad mu dheidhinn phort, cha bhitheadh iomradh sgur aca. Cha robh Dùghall ach air beanachadh don fhear-ciùil nuair a nochd an còrr den sgiobadh, fear as gach àird agus ceumsan uair aige gus mu dheireadh an robh



[34]

cóigear cheathairneach an làthair is an aon smuain aig gach fear dhiubh—na burrainn dhaibh de spòrs fhaighinn air Dùghall.

Nis, is fheudar facal a ràdh mu Dhùghall. Bé duine cho luideach is cho cliopachs a bhas abhaile agus, ann am baile mar so, buamhasach an teisteanas sin air duine sam bith. Ged nach robh ann ach duine beag bha troigh is òirleachs na brògan aige. Nis bha aobhar math air cóigear a bhithsan sgiobadh—dà iarann agus fear arùsgadh nam poll—oir cha do dhfheann Dùghall mòine bho chionn bhliadhna. Air abhliadhna bha sin thuit e ris apholl trì uairean agus air an turus mu dheireadh cha do shàbhail duine den sgioba e, is ann a thòisich iad air tilgeil phloc. Theabadh an duine bochd a thacadh is chaidh a fhliuchadh chun na seice. Mar sin, cha robh e am beachd Dhùghaill gnothach sam bith a ghabhail ris an obair an diugh ach sùil a chumail air an sgioba—cha bu bheag an obair sin fhéin. Nuair ràinig iad am poll chuireadh an obair an greim gu h-eathlamh agus nuair rinn Alasdair beagan feannaidh, thòisich abhuain.

Bha gnothaichean acoimhead anabarrach fàbharach. Shuidh Dùghall air groban, air a dheagh dhòigh, is thug e mach aphìob. Bha e air a bhith gleusda, thoir an aire. Chuir e an iarann mu thrì fichead slat bho chéile gus nach bitheadh cothrom bruidhne cho math aca agus chuir e Dòmhnull Cruinn is Iain Giobach mar sin far nach bitheadh comas aca bhith trods afeadaireachd ri chéile. Ach cha tug e idir an aire gun robh na slatan a bha eatorra asìor ghiorrachadh. Thòisich am buidheann air thoiseach air buain gu làidir agus is gann (ged nach be sin coltas a bhorra) a bhan dithis eile deanamh caoran.

Bha Dùghall cho math air a dhòigh is a shùil air an dithis air thoiseach, is gun duirt e an déidh uair de ùine: “Leigibh ur n-anail, fhearaibh, is gabhaibh ceò.” Cha bu ruith ach leum; shadadh gach inneal an dara taobh is thòisich an còmhradhs abhuamastaireachd. Fhuair Iain is Dòmhnull cothrom deasbad agus bha Alasdair is Murchadh acòmhdach mun reithe bfheàrr air sabaids abhaile. ChualasCailleach liath Ratharsaidhmu fhichead uair agus ann an iomadh cruth air a’ “mhouth-organmun dfhuair Dùghall— ’s e mionnachadh nach leigeadh e anail tuilleadh dhaibh—an tuiteanadh air ais chun aphuill.

An ceann greise, thàinig air fàire ach Anna, piuthar Dhùghaill, agus pocan aice. Nis, bha Anna agus Dùghall afuireach leotha fhéin agus cha do sguir iad riamh a dhì-moladh a chéile. Ged bha Anna rud beag faoin cha robh ceàrr air a buile-theangann, mar a bha fios aig Dùghall fìor mhath! Thàinig snodha-gàire air aodann an luchd-buain agus gruaim air aodann Dhùghaill. Bhitheadh spòrs agus annlan an cois na so! Chaidh i fhéin is Dùghall a throds amhionaid mu dheidhinn abhidhidh. “Gu as fhiach brioscaidean do na daoine so! Nam biodh tusa coltach ri téile bhiodh breacagan math arain is càise agad—ach , . . . . math a bhith bruidhinn!” Rug Dùghall air de na pacaidean, bhris e air a ghlùin i, agus theann e air tilgeil nam brioscaidean-móra chun nan gillean.

A Dhùghaill, ’s ann a tha thutoirtnam chuimhne-sa fear a bhiodh acluich chairtean,” arsa Murchadh. Ach cha robh Dùghall idir air a dhòigh. Bha teanga Anna an sàs ann agus bha e air a



[35]

nàireachadh am fianuis an sgiobaidh. Is cha do leig na gillean cothrom sgur leotha. Thòisich Alasdair air moladh nan tuthagan a bhair briogais Dhùghaill. Bha Anna cho moiteil is Dùghall cho crosdas gun do thòisich an aimhreit as ùr.

Mu dheireadh sgioblaich Anna leatha na bha air fhàgail (am pocans na paipearan) agus thòisich an obair aon uair eile. Ach cha bfhada gus an tug Dùghall an aire nach robh na seòid cho dians a bàbhaist. Cha robh Iain is Murchadh a nis ach mu dheich slatan bhon dithis eile air apholl agus bhan còmhradh atighinn thuige agus abhuain adol bhuaithe. Thòisich Alasdair air atharrais air cuid-eigin( ’s beag a bha dhfhios aig Dùghall gum bann air fhéin) agus thuit Murchadh don pholl leis aghàireachdaich.

Achs ann a bha ghàireachdaich ann nuair dhfhaighneachd Dùghall de Dhòmhnull (ann an sanas) ciamar a dhfhosgladh e crogan-feòladh. Tha e coltach gun robh feòil-chrogan afeitheamh orra nuair rachadh iad dhachaidh feasgar agus cha robh fios aig Dùghall no aig Anna ciamar a gheibhte as na crogain i. Dhinnis Dòmhnull—mar a bfheàrr a burrainn e—mun iuchair bhig a bhair taobh achrogain.

Dhfhàg Dùghall iad an uair sin an déidh iarraidh orra sgur an ceann uair eile agus tighinn dhachaidh gu biadh. Cha robh e ach air dol á fianuis nuair dhinnis Dòmhnull mar a thuirt e ris, agus bhon uair sin fhéin bhan obair seachad. Bha Alasdair, is sruth as a shùilean, adeanamh dealbh air Dùghall is Anna agabhail don chrogan-fheòladh le tuagh is sgathair!

Ach nuair ràinig iad thall tigh Dhùghaill an ceann na h-uarach bha an gnothach dona buileach. Bha am bòrd air a shuidheachadh le forcan is sgianan agus, air gach truinnsear, gun fhosgladh, bha crogan puinnd feòladh! Bha Dùghall aig ceann abhùird agus fìor dhroch ghreann air.

A chiall, thachair dhuibh?” dhfhaighneachd Alasdair, nuair thug en aire do na cuairein a bhair meòirean Dhùghaill.

O, théid mise lot -eigin aig an òinsich boireannaich sin,” arsa Dùghall, “nach do shad i iuchraichean nan crogan don teine! Tha fios aig a h-uile duine glé mhath nach eil dòigh eile air am fosgladh ach leis an iuchair—ach . . . . math a bhith bruidhinn. Rinn mi oidhirp air an toirt as an teine—is chaidh mo ghualadh.”

Cha robh fios dhèanta nis. Rinn Dùghall bochd oidhirp bheag eile asprùilleich am measg nan éibhleag ach cha dfhuaireadh lorg air na h-iuchraichean. Mu dheireadh be òrd is sgathair a bfheudar a chur an greim agus abair gun robh Alasdair ann an suidheachadh!

Ach, gu mìorbhuilteach, fhuair na fir am biadh mu dheireadh thall agus cho luath is a bha an greim mu dheireadh sìos aca, thog iad orra sìos air chéilidh air Tormod Ruadh. Be tigh Thormoid roghadh nan tighean-céilidh oir bha Tormod fhéin glé aoidheil agus déidheil air bhith deanamh spòrs air Dùghall agus bha aige fiodhall, fheadan agus làn-tighe nigheanan òga.

Tha e cho math am fàgail an sin, matà, oir bha greis mhath mun tug iad sud an dachaidh orra. Cha robh uallach fon ghréin orra is iad ag èaladh dhachaidh mu uairs amhadainn.

Is cinnteach , ged bha móran ri dhèanamh, nach éireadh fear dhiubh roimh aon uair deug . . . . ach, math a bhith bruidhinn—b ’ e sud Balmathàmothogair.

titleLà bha sud
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Pòl MacAonghais in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page