R. B. Cunninghame Graham agus Ceann-a- Deas Ameireaga
Le N. MACAOIDH.
IS fhada bho’n chuala sinn mu’n “Talamh Fhuar” ann an seanachasan nam bodach, agus is tearc an teaghlach anns a’ Ghàidhealtachd aig nach eil duineigin a bhuineas dhà an Canada no anns na Stàtan Aonaichte. Ach cha b’ann a mhàin gu Ameireaga mu Thuath a rinn ar luchd-dùthcha eilthireachd anns na làithean a dh’fhalbh. Bha Ameireaga eile ann, fada mu dheas, agus cha robh an Abhainn Dhearg no Bàgh Hudson fhéin càil na b’fhuaire na bha Patagónia agus Caol Mhagallanes dhaibh-san a ràinig iad. Eadhon an diugh fhéin, nuair a bhitear a’ bruidhinn air “Ameireaga” anns an rìoghachd so, ’s ann air na ceàrnaidhean sin de thaobh an iar an t-saoghail anns a bheil a’ Bheurla Shasunnach ’ga labhairt gu coitchionn, a tha an inntinn a’ ruith; ach feumar cuimhneachadh gu bheil uibhir eile de dh’fhearann a’ sgaoileadh, a mach, gu fada, farsuing, eadar an Abhainn Mhór (Rio Grande) air crìch Mhexico agus Rubha nan Amhuinn(Cabo de Hornos: Cape Horn)an Tìr an Teine, agus gu bheil iomadh deagh Ghàidheal, agus gineal Ghàidheal, a’ tuineachadh fo ghréin loisgich nan Innsean Spàinteach no a’ cìobaireachd nan caorach air raointean Phatagónia.
Chan eil cus de eachdraidh air a’ cheud imrich a rinn ar luchd-dùthcha gu Ameireaga mu Dheas, no air na gàbhaidhean is na cruadail troimh ’n deacha iad, ach gheibh sinn cunntas mionaideach anns na leabhraichean aig R. B. Cunninghame Graham air na chunnaic e fhéin agus air na thachair ris nuair a dh’fhàg e Alba anns a’ bhliadhna 1870 agus a thug e sgrìob gu Abhainn an Airgid(Rio de la Plata) ,an ceann a chosnaidh. Is fheudar toirt fainear nach eil an t-ùghdar ainmeil snasail so a’ deanamh tuairisgeul, mar as tric, ach air aon cheàrnaidh—ged a tha i fhéin mór gu leòir—de Ameireaga mu Dheas, ach bheir na tha aige r’a ràdh mu Argentìna is Uruguay, anns na làithean a dh’fhalbh, beachd dhuinn air mar a bha cùisean anns na h-ionadan iomallach far an robh cuid de na Gàidheil a’ stiùireadh an ceum aig a’ cheart ám.
Is fhurasda a thuigsinn nach robh lorg no sgeul, an uair sin, air móran de na bailtean no air na rathadan cloiche agus iarainn no air iomadh sochair a tha an diugh r’am faotainn anns na dùthchannan saidhbhir a tha ’cuairteachadh Abhainn an Airgid. Cha robh am Buenos Aires fhéin, “Bàn-righ na h-àirde deas,” ach baile beag far an robh an sluagh a’ caismeachd agus a’ marcachd gu réidh athaiseach troimh shràidean grianach, agus far am faodadh duine a latha chur seachad gu suaimhneach sona, nan cumadh e air falbh bho ghnothaich na stàta agus bho’n chonnspaid a bha ’g éirigh a ghnàth am measg an luchd-riaghlaidh. A mach as a’ bhaile cha robh r’a fhaicinn ach am pampa, a’ mhachair fharsuing fheurach, air am bheil Cunninghame Graham a’ deanamh luaidh shònraichte ’na sgrìobhaidhean.
“Tha am pampa an diugh,” ars’ esan (anns a’ bhliadhna 1909) “mar chlàr-thàileisg, le achannan is bìdeanan. Ach cha b’ann mar sin a bha e: far am bheil a’ chruithneachd a nis ri fàs, chan fhaicteadh
Nuair thuiteadh an oidhche, bhathas a’ cur teadhar no langaid air an each. Bho nach robh clach no bacan r’ a fhaotainn air a’ phampa, bha snaidhm ’g a cur air ceann na teadhrach, agus bha an t-snaidhm so ann an slag fo chruachainn an fhir-turuis gu latha.
Aig amaibh, thigeadh daoine am fianuis, mar shiùil air iomall a’ chuain. Cha b’e aobhar-ghàirdeachais a bha so: cha robh am pampa cho an-iochdmhor ri cuid de na bha ’g a tadhal. Le làmh air a’ ghunna no air an sgithinn, dhlùthaicheadh na fir air a chéile gu h-athaiseach furachar, le gach sùil gu dian iomaganach ag amharc air coltas agus giùlan nan coigreach. Togar an t-amharus, thig na foireann an còmhdhail, agus iarrar naidheachd no fathann air gnìomhairean nan Innseanach no luchd-reubainn eile. Bha na h-Innseanaich so air iomall a deas a’ phampa, no anns an fhàsach fo sgàile nan Andes agus bha iad ’nan culaidh sheachnaidh agus eagail do gach neach a bha a’ deanamh folach-cuain air a’ bhaile no ag àiteachadh fada bho thigheadas dhaoine. Dh’éireadh sgaoth dhiubh mar fuaradh-froise a mach o’n àirde an iardheas, agus bu iargalt an coltas:
Gum b’fhear-gnìomh bhith ag amharc ’n aodann
Nam maoim teinntidh.
Bha iad a’ marcachd gun diallaid ach le rùsg cloimhe no le suanach, feadhainn gun fiù sin fhéin, gach fear le sleagh de chuilc anns an robh cóig-troighean-deug de dh’fhad agus le rinn deimhis ceangailte ri a barr le iall. Bha na h-eich fo inneal an dearg chaoich agus na ceatharnaich a’ glaodh gu h-oillteil. Eadar an diallaid ’s an giort, ma bha iad ann, no troimh ’n chrios mu’m meadhon, bha sgian gun thruaill air a sparradh. Bha gach fear air a smiùradh le sàill nan struth. Air thoiseach orra bha’n ceann-feadhna, air each dubh le diallaid agus srian air an sgeadaich le airgead. Bha na féidh agus na struith a’ sganradh rompa mar mharcan-sìne air aghaidh nan stuadh.
Ach dh’fhalbh iad uile. Anns a bhliadhna 1913 b’urrainn do Cunninghame Graham a ràdh: “Cha chuir iad eagal tuilleadh air
Ach bha seòid eile ag imeachd air a’ phampa air am feum sinn iomradh a thoirt, oir tha àite sònraichte aca anns na leabhraichean aig Cunninghame Graham. B’iad sin na gauchos, a dh’fhaodar an coimeas, ann an dòigh, ri na cowboys a bha ainmeil ann an Ameireaga mu Thuath. Ann an caochladh àitean de Ameireaga, a’ mheud ’sa bha gineal nan Eòrpach a’ sealbhachadh an fhearainn a bhuineadh do na h-Innseanaich bho thùs, agus a’ suidheachadh spréidh air raointean far nach fhaicte roimhe sin ach fiath-bheathaichean agus sealgairean, bha gné shluaigh ag éirigh anns nach do tharmaich spéis do laghannan a’ bhaile mhóir no meas air foghlum. Gidheadh, cha bhuineadh iad do bheatha allmharach nan Innseanach.
B’ann de’n t-sliochd so a bha na gauchos. Bha iad ’nam marcaichean thar coimeas: leumadh iad air druim an eich fhiadhaich, gun srian gun diallaid, agus bheireadh iad air strìochdadh. Bha am falt fada gu’n guallaibh agus bha’n aodach air a dhealbh airson dhaoine a bha a’ cur seachad a’ chuid bu mhotha de’m beatha anns an diallaid. B’ e seòrsa de dh’osan air a dheanamh de chraiceann eich am beart-coise a bh’aca, leis na h-òrdagan ris, a chum gun greimicheadh iad ri snaidhm air iall a bha iad a’ cleachdadh an àite stiorap.
Bha iad teòma, seòlta, innleachdach ann a sealg nam fiath-bheathaichean air na raointean, agus ann a làimhseachadh crodh is eich air blàr no anns a’ mhainnir. Leis an lazo—b’e sin ròp le dul-ruith—ghlacadh iad bó no each cho aithghearr ’s a bheireadh neach eile air caora le cromag; agus leis na bolas, trì dòrnagan cloiche ceangailte r’a chéile le éill, a bhathas a’ tilgeil an déidh a’ bheathaich, bheireadh iad gu làr am prioba na sùla an tarbh bu làidire air an t-sliabh, an uair a chuireadh na h-éill car m’a chasan.
Tha Cunninghame Graham a’ toirt cunntais dhuinn air modhannan nan gauchos. Chan itheadh iad ach feòil uair sam bith, agus bha iad ro-dhéidheil air seòrsa de thea ris an abrar mate. “Mate is feòil, feòil is mate, agus fìor chorr uair, briosgaid chruinn cho cruaidh ri clach.” “Bha sinn ag itheadh na feòla le ar sginean, a’ gearradh staoig mhór agus a’ greimeachadh ris le ar fiaclan. An uair sin dheidheadh a sgian mhór, anns an robh dà-oirleach-dheug de dh’fhad, tarsuinn mu bharr na sròine, a’ sgathadh deagh làn-beòile as an staoig .... Shuathadh sinn ar meuran air ar cuarain agus ghlanadh sinn na sginean ’g an stobadh anns an tughadh. Am barr a’ bhalla bha bioranan le nandubay, no cròc féidh, air an sparradh, agus crochte riutha bha àirneis an tighe—an srian, an lazo agus na bolas as an robh an gaucho a’ deanamh uaill. B’e claigeann mairt no cnap de fhiodh cruaidh an sorchan, air a bhualadh sìos air làr criadh .... Bha’n deathach a’ cuairsg an àirde bho’n teine a bha am meadhon an làir air dà lic no air cagailt am broinn seann chearcall cuibhle. Bha na sparran, an tughadh agus na h-éill a bh’aca an àite tàirngean, dubh-lainnreach leis an toit a bha a’ lìonadh an fhàrdaich mar cheò na mònadh an tighean nan Innse Gall.”
Cha robh a’ bheag aig na gauchos ri ràdh, a stigh no muigh. Bha iad neo-shubhach ’nan gné: cha chinn an t-aoibhneas anns an uaigneas, fo fhalamhachd nan speur. Bha iad aithghearr ’san nàdur, a’ dol gu sgairt is boile ann an tiotadh, ach dh’fhalbhadh am fearg cho luath is a thigeadh i. Bha beatha an duine—eadhon am beatha fhéin—cho suarach aca ri beatha na meanbh-chuileige a phronnadh iad fo’n làimh.
Ann an aon de a sgeulachdan, tha Cunninghame Graham a’ deanamh inneis air teaghlaichean a b’aithne dha am measg nan gauchos air an robh sloinnean Gàidhealach. A rèir cunntais, dh’fhàg an sinnsear Alba an déidh bliadhna Theàrlaich, agus bha iad so anns na dubh-oghaichean. Cha robh smid Beurla aig duine aca, ach bha corr fhacal Gàidhlig air a gleidheadh air chuimhne, am measg a’ chànain Spàintich. Ged nach robh eadar-dhealachadh sam bith eadar iad fhéin agus na gauchos eile ’nan dòighean is ’nan caitheamh-beatha, bha iad ’gam meas fhéin mar dhaoine air leth, uaibhreach a gliocas agus deagh-bheusan nan daoine o’n tàinig iad, agus a’ leantainn cho dlùth ’s a b’aithne dhaibh ri cliù an sinnsear. An uair a dh’éireadh deasbaireachd ’nam measg, air neo aig ám cur comhairle ri chéile, bha a’ cheist air a dùnadh leis an duine aig an robh cuimhne air criomag ghliocais a thàinig a nuas bho’n athraichean. “B’e so beachd an fheadhainn a bhruidhneadh el Gaélico”: cha deidheadh an dearbhadh na b’fhaide.
Rugadh R. B. Cunninghame Graham anns a’ bhliadhna 1852, agus bhathas a’ deanamh cuimhne air fhéin agus air ’obraichean an uiridh, ceud bliadhna an déidh a bhreith. Gheibhear eachdraidh a bheatha—agus b’i sin an t-eachdraidh annasach—anns an leabhar “Don Roberto,” air a sgrìobhadh le A. F. Tschiffeley. Chan e so an t-àite no an t-ám air son inneas a dheanamh air na rinn agus na sgrìobh e, ach faodar aon nì a’ shònrachadh air nach tugadh móran luaidh air a’ bhliadhna a chaidh seachad. Bha cuimhne neo-chumanta math aig Cunninghame Graham. Cha robh e ach ’na ghille òg nuair a’ chaidh e thar sàil gu Ameireaga mu Dheas, agus cha do dh’fhan e sin ach beagan bhliadhnachan. Bha e mu leth-cheud bliadhna a dh’aois an uair a thòisich e a’ sgrìobhadh leabhraichean. Gidheadh, tha an tuairisgeul a rinn e air na duthchannan anns na thadhail e cho mion agus cho soilleir ’s ged a bhiodh e air dealbh a dheanamh aig a’ cheart ám ’s am fac e iad—nì a ghabhas a dhearbhadh le cuairt a thoirt air luing bho Buenos Aires gu crìochan Paraguay.
title | R. B. Cunninghame Graham |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
reference template | N. MacAoidh in Gairm 3 %p |
parent text | Gairm 3 |