Sùil Mun Cuairt Le T. M. MACCALMAIN.

IS tric a chuala mi muOidhche an Làin Mhóir.” An oidhche ud dhéirich amhuir cho àrd agus gum bfheudar do mo sheanair is da theaghlach teicheadh a mach as an tigh, agus an t-uisge ag éirigh, òirleach is òirleach, air an ùrlar. Tha cuimhne aig mathair, agus ena leanabh aig an ám, air a bhithga thogail a mach as an leabaidh agusga ghiùlan gu fasgadh an tigh eile na bfhaide bhon chladach. An oidhche ud chailleadh a h-uile bàta anns abhaile, ach aon a mhàin.

Bi sud an oidhche a thuit Drochaid Thàtha ann an 1879, agus, ged is iomadh stoirm is tuil a dhfhiosraicheadhnar dùthaich bhon uair ud, cha do thachair dad a thug bàrr airOidhche an Làin Mhóir.” Cha do thachair—suas gu so fhéin. Nach uamhasach an call a rinneadh anns na seachdainean deireannach so, gu sònraichte air taobh sear Shasainn agus anns an Olaind! Na ceudan air am bàthadh; na mìltean gun dachaidh; mìltean de thighean air am milleadh; ceudan de mhìltean de acraichean fearainn fon t-sàl!

Tha an fhairge olc gu leòir an uair a théid i air bhoile air raontan farsaing achuain mhóir, ach tha i ceud uair nas sgriosaile an uair a leumas i thar a crìochan agus a bhuaileas i a stigh air tìr. Tha fios aig amharaiche nach eil ach slige thana de fhiodh no de iarann eadar e is cunnart na doimhne, ach is beag dùil a tha aig muinntir air tìr gun téid am bàthadhnan leapannan. Ach sin dìreach mar a dhéirich do mhóran air abhliadhna so.

Chan e so an t-àite gus sìneadh ri searmonachadh, ach is glic dhuinn an cothrom a ghabhail air a bhith atoirt fa-near gur lag an creutair an duine, a dhaindeoin gach innleachd is iongantas a dhealbh a eanchainn is a làmh. Is e irioslachd, is chan e uabhar, as fheàrr a thig dha.

Bu duilich, mar an ceudna, mar a chailleadh amPrincess Victoriaair an turus ghoirid eadar Alba is Ceann-a- tuath na h-Eireann. Chailleadh mar an ceudna bàtaichean eile mu na cladaichean againn, agus chailleadh chan e a mhàin na bha annta, ach mar an ceudna cuid dhiùbhsan a chaidh a machgan sàbhaladh—dithis dhaoine òga á Ile ann an sgioba abhàta-theasraiginn, agus sianar ann am bata-teasraiginn eile air an taobh an ear.

A bheil sinn cho cuimhneachail is a bu chòir air na daoine a tha ri faire anns na tighean-soluis, agus air na fir chalma nach diùlt dol gu muir, a dhaindeoin uamhas na doininn, cho luath is a chluinnear gu bheil feum air cobhair?

Tha mi an dòchas gun toir gach neach a leughas na duilleagan so tabhartas airgid seachad a chuideachadh leò-san air an tàinig call anns na tuiltean agus anns na stoirmean, agus a chumail air aghaidh obair nam bàtaichean-sàbhalaidh. Is e sin, mur an drinn sibh sin cheana.

* * * * *



[58]

Cha mhath an sgeul a thàinig thugainn á Muile. Is coltach gu bheil teaghlaicheangam fògradh bhon fhearann. Air aon oighreachd bheag an sin fhuair trì no ceithir teaghlaichean cead an rathaid o chionn bheagan bhliadhnachan, a réir is mar a chuala sinn. Ach feuchaibh nach tog sibh ceàrr mi! Chan eil dad sam bith atachairt gu -laghail. Ach tha feum air an lagh a neartachadh no atharrachadh, air neo théid fàsachadh na dùthcha gu mór am miosad, agus sin gu luath. Tha còirichean aig achroitear a tha acur tomhais de dhìon air-san, ach an tuathanach aig a bheil a aonta air ruith a mach—cha ruig esan a leas a bhith an dùil ri móran coibhneis no tròcair bho chuid de na h-uachdarain ùra a tha anns na bliadhnachan so mu dheireadh aceannach fearainn anns aGhàidhealtachd. Tha e apàidheadh cho math dhaibh am fearann a chumail aca fhéin. Ma tha prothaid ri dhèanamh, theid sinnam pòcaid fhéin—agus leis gach cuideachadh-airgid a thann, agus prìsean matha a bharrachd air sin, is neònach mur eil buannachd aca as aghnothach. Agus ma thig call orra bliadhna sam bith, pàidhear an call sin a mach as na cìsean a bu chòir dhaibh a phàidheadh. Sin ri ràdh, pàidhidh an Riaghaltas an call dhaibh! Chan iongnadh ged tha féill air oighreachdan Gàidhealach an ceartuair!

Ach tha eun beag ag innseadh dhomh gu bheil na Muilich adùsgadh! Agus an uair a théid Muileach air mhire-chatha, mo thruaighe a eascaraid! Mo bheannachd aig na Muilich nach eil deònach an t-eilean aca a leigeil a dholaidh fo chasan nan coigreach.

* * * * *

Bha callaid timcheall air abhaile againn ris an abradh iadFeansa an Fhéidh.” Chaidh a chur suas gus na féidh a chumail a mach as na croitean, ach cha mhór feum a rinn e. A nulls t-fhoghar dhfheumadh fir abhaile oidhche mu seach a chur seachad, ’nam pàidhrichean, acaithris nam fiadh, air neo cha bhiodh aon bhuntàta air fhàgail am pollaig no aon sguab coirce anns an iodhlann. BeAonghas Bànfhéin am balach! Bu dàna am fiadh a chuireadh sròn an taobh a stigh crìochan na croite aige-san. Sin agad fiadh nach cluinnteadh tuilleadh abùirich anns an Dàmhar!

Is e a dhùisg na smuaintean so gun do leugh mi o chionn ghoirid gu bheil an t-Ollamh F. Friseil Darling dol a chur seachad an ath dhà bhliadhna acunntas nam fiadh. Sibhse a bhios air bhur cur thuige acunntas nan uan anns an fhaing, ciamar a bu toigh leibh làmh a thoirt air cunntas nam fiadh? Ach is e duine fòghluimte agus innleachdach a tha anns an Ollamh chòir, agus is mór na am fòghlum (eadhon an ceann an t-Sasannaich).

Cia meud fiadh a tha anns aGhàidhealtachd, an saoil sibh? Chì mi aon fhear ag ràdh gu bheil 222,000 fiadh an Albainn. Ciamar a tha fios aige-san? Chan aithne dhomh. Tha fear eile ag ràdh nach eil ann ach mu leth sin. Is bochd nach eil Donnchadh Bàn air chomas làmh-chuideachaidh a thoirt anns an obair chudthromaich so! Is e mo bharail fhéin, ciod air bith an àireamh fhiadh a dhàirmheas an t-Ollamh Darling, bhiodh leth sin cus.

* * * * *



[59]

An cuala sibh muDhìomhaireachd Mhóir na Coise Maide?” Fear á Tobar-Mhoire a chaochail thall an Astràilia, agus daoine am barail gu robh £1 ,600 aige am falach anns achois mhaide aige. Sin agad banca, is chan e mogan piuthar do sheanamhar!

Ged nach eil ceangal eadar an , tha an sgeul so atoirtnam chuimhne naidheachd a chuala mi mu fhear a mhuinntir Chanaidh a chaidh do Thobar-Mhoire a dhfhaicinn an lighiche, agus cas ghoirt aige. Bfheudar achas a ghearradh dheth, agus gu a rinn mo laochan ach gun tug e leis achas a thugadh dheth air ais a Chanaidh, ’ga tobhadh an geòla bheag as déidh an eathair anns an robh e fhéin.

Tha mi,” arsa esan, “air son gum bi mo bhuill uile còmhla anns an aon àite fa chomhair an Mhóir!”

* * * * *

Tha Fearchar Ruadh, mo nàbaidh, ag ràdh rium nach eil e idir idir atuigsinn car son a rinneadh a leithid de othail mun iasg aosda a fhuaradh thall an Africa a Deas aig deireadh na bliadhna so a chaidh. Agus gu seachd sònraichte car son a chuir am B.B. C. dheth an leth-uair Ghàidhlig seachdain na Bliadhna-ùire gus cothrom a thoirt do bheul-mór air chor-eigin cur dheth mun choelacanth.

Tha mise coma,” arsa Fearchar, “ged tha an t-iasg Africanach muillean bliadhna a dhaois (a charaid, nach e bhiodh righinn! ). Tha cuimhne agamsa mo sheanair a bhith ris na lìn-mhóra, agus, a dhuine, nach ann a fhuair iad càrnag bha so, agus gaoisid ruadh oirre, agus shìn i air comhartaich a cheart cho luath is a bhuail i a stigh anns abhàta! —agus sud a mach i air an taobh eile!”

* * * * *

Tha iomadh ginealach air éirigh suas is air falbh bho thòisich na Gàidheil ri tuineachadh an Glaschu an toiseach. Gu dearbh, is coltach gur e sluagh Ceilteach a bha an sin bho fhìor thùs eachdraidh—fada fada mus tug Calum-Cille cuairt gu taobh Sruth aMhuilinn (amMolendinar) a chòmhradh ri a charaid, Mungan Naomh. Ach cha robh riamh uibhir Ghàidheal an Glaschu is na h-àitean mun cuairt is a tha an sin an ceartuair. A réir achunntais mu dheireadh, tha faisg air 13,000 de luchd-labhairt na Gàidhlig an Glaschu is mun cuairt air sin—uibhir is a tha an Earraghàidheal uile gu léir agus ceithir uairean àireamh luchd na Gàidhlig an Cataibh.

Tha fhios—le a leithid de shluagh Gàidhlig an Glaschu—nach fada a ghabhas Calum easgaidh MacGill-Fhaolain agus a luchd-cuideachaidh ann a bhith atrusadh an leth-cheud mìle punnd Sasannach a tha a dhìth orra a chum aitreabh mhór ùr a thogail do na Gàidheil ann an Glaschu.

titleSùil Mun Cuairt
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

T. M. MacCalmain in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page