Mar a chì sibh gu h-àrd an so, tha Gairm atighinn thugaibh an turus so bho sheòladh ùr. Tha sinn duilich gum bheil sinn adeanamh na h-imrich cho tric, ach, ann an Glaschu an diugh, chan eil e furasda cùil a lorg do theaghlach gu ruigeas air leabhar. Ach, mu dheireadh thall, tha sinn air lorg fhaotainn air àite beag snog aig prìs chiallach, agus tha sinn an dòchas gun cuir Gairm seachad corr latha sonana dhachaidh ùir.

Tha 227 Bath Streetan seòladh ùrdìreach timcheall an t-oisean bho Ard Sgoil nam Balach far am bheil clasaichean Gàidhlig Gairm a’ coinneachadh a h-uile Di-Sathuirne. Am bheil cuimhne agaibh an uair a thòisich na clasaichean sin? Cha robh againn, mar a chitheadh sibh anns acheud àireamh, ach dusan leanabh an uair sin; ach chan ann mar sin a thà nise. Tha suas ri ceithir fichead balach agus caileag bheag (an as òige bhliadhna gu leth, agus am fear as sine bhliadhna dheug) acoinneachadh aig aon uair deug a h-uile madainn Di-Sathuirne. Tha trì seòmraichean agus ceathrar luchd teagasg aca dhoibh fhéin agus tha iad uile adeanamh adhartas math. Ro mhath uaireannan. Chuala sinn mu aon chaileig bhig a chaidh gu deuchainn ann an sgoil eile anns abhaile; cha robh dad ach gun dfhuair i a steach don sgoil eile sin, oir fhreagair i a h-uile ceist ann an Gàidhlig!

Tha sinn ag ainmeachadh a’ chlas oir is sin aon de na rudan a tha fa-near do Ghairmteagasg! Anns an ràitheachan fhéin, chì sibh gum bheil duilleagan sonraichte air an cur air leth airson an luchd ionnsachaidh, agus tha sinn an dòchas gun cuirear gu deagh bhuil iad. Is e an dòigh as fheàrr air sin a dheanamh, clasaichean a chur air chois air an stéidheachadh air na leasanan. Thatar adeanamh sin ann an àiteachan. Ann am Manchester, tha corr agus deich duine fichead acoinneachadh a h-uile seachdain agus Gairm fo achlais gach aon aca.

Ach a thuilleadh air teagasg, tha e fa-near dhuinn aighear agus eòlas a chraobh-sgaoileadh. Tha dòchas againn gum bheil sinn adeanamh sin, oir tha litrichean atighinn thugainn a ceithir cheàrnan an t-saoghailgar moladh. Ach gu mun chàineadh? Tha fios gum bheil gearan aig gu leòir oirnn. Cha bhitheamaid nàdurra mur a bitheadh! Am bheil sinn ro Leódhasach no ro Hearach? Ro Ileach no ro Sgitheanach? Leigeabh fhaicinn dhuinn ma thà. Buinnidh Gairm do Ghàidheil an t-saoghail agus mar as motha ris an còrd es ann as fheàrr leinne an gnothaich.

RUARAIDH MACTHOMAIS,
FIONNLAGH DOMHNULLACH,
Fir Deasachaidh.

titleAs a’ chathair
writersFinlay John MacDonald, Derick Smith Thomson
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Gairm 3 %p

notesAdd authors?
parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page