[60]

An Aithne Dhuibh ...?

3.Evelyn Chaimbeul.


[61]

Tha dìreach deich bliadhna an ama so bhon a chualas Evelyn Chaimbeul air an radio an toiseach, cha b’ann le òran Gàidhlige ach a’ gabhail “There’s nae luck aboot the hoose” ann am prógram beag Beurla. Ma thug duine idir an aire dhith an uair sin, tha e làn chinnteach nach ann le dùil sam bith gum bitheadh a’ chaileag bheag Leódhasach so am measg nan seinneadairean mórachan ann a mhàin an Gàidhlig ach am Beurla cuideachdan taobh a stigh de bheagan bhliadhnachan.

Rugadh Evelyn ann an Glaschu an uair a bha a h-athair ’na dhotair ann am baile Denny an Siorramachd Shruighlea. Nan robh an teaghlach air fuireach an sin, theagamh gun robh i air tighinn gu ìre gun fhacal Gàidhlig ’na claigeann mar a rinn móran de a leithid. Ach bha na h-eileanan a’ tarruing a h-athar (Domhnull Caimbeul a Nis) agus a màthar (Màiri NicRath as an Rubha). Mar sin, an uair a bha an bheag trì mìosan a dh’aois thog an teaghlach orra a Leódhas far an deachaidh an Dotair Caimbeul a shuidheachadh ann an sgìreachd nan Lochananns an tigh a tha an diugh ainmeil maran tigh cam’.

Chan eil móran sgeul gun do rinn Evelyn móran ainm dhith fhéin ann an sgoil Steòrnabhaigh! Ach an uair a bha i ceithir bliadhna deugan àite an sgoil fhàgail mar a dheanadh cuidthog i oirre do Dhun Eideann leatha fhéin agus do Sgoil St. Dennis. Fhad’s a bha i an sin, dh’fhàs e soilleir gun robh guth seinn sònraichte aice agus ghabhadh os laimh i le Joyce Fleming agus Rut D’Arcy Thomson, dithis a bha ’nan dlùth chàirdean dhith gus an do chaochail iad le chéile bho chionn ghoirid. Thug iad Evelyn air adhart thar tomhas. Thug iad misneachd agus cuideachadh dhith gus an do chuir iad fo chomhair an t-saoghail i mar phrìomh sheinneadair an uair nach robh i ach beagan is fichead bliadhna.

Chan eil fios aig móran air an t-slighe ghairbh a bha roimh an t-seinneadair òg. An uair a nochdadh i air a’ chlàr seinn ann an dreasaichean rìomhach, cosgail, agus le modhannan a’ bhaile mhóir, theireadh feadhainn nach robh air an shona ach a breith. ’S beag a bha dh’fhios aca sin gun robh a dìol aice ri dheanamh i fhéin a chumail beò ged a bha i a’ deanamh beagan teagasg sgoile agus gu leòir seinn. Oir, an uair nach robh Evelyn fada air a slighe, chaochail a h-athair agus thàinig oirre-se mar an bu shine ’san teaghlach i fhéin a chumail a’ dol agus làmh chuideachaidh a thoirt far an robh feum.

Lìona beag is beag, chaidh a cliù fad’ is farsuinnchan ann a mhàin le seinn Gàidhlige ach le Beurla, Gearmailt agus Frangais cuideachd. Ann an 1948, chaidh i sìos a Lunnain agus mun aon ám chuir Anndra Jeffreyfear a mhuinntir Dhun Eideann a bha ag obair anns na h-Innseachanfàinne beag grinn air treasa corrag na laimhe clì!

An uair a thill Evelyn a Lunnain ann an 1950, ghabh i fhéin agus a màthair tigh ann an Dun Eideann. Bha a h-ainm a nise fad is farsuinn agus bha iarraidh oirre air feadh na dùthcha. Ach, an uair a bha i a’ teannadh ri àirde a cliù, thill Anndra Jeffrey air chuairt dhachaidh agus ann an 1951 phòs iad ann an Dun Eideann. Sia mìosan an déidh sin, dh’fhalbh iad le chéile do Chalcutta, far am bheil a dachaidh a nise.

an seòrsa a tha innte? Innsidh an dealbh a tha mu choinneamh na duilleige so a cuid fhéin de’n sgeul sin, agus ’s docha gun nochd i cuideachd beagan de’n spiorad làidir dhaingeann a tha air cùl nan sùilean éibhinn gorma. Theagaisg an saoghal aon rud dhithseasamh air a chois fhéin gun fhiamh gun eagal an rud a tha air a h-aire a chur an céill. An rud a chuireas i roimpe i; an rud a gheallas i coimhlionaidh i. Gus an do phòs i, cha robh aon rud riamh fa-near dhith ach an t-seinn fhéin, mur a biodh greiseag le slait iasgaich air loch sàmhach ann an Leódhas.

Agus an aois a tha i? Uill, a nise, ’se tha sin ceist eile ... Ma tha an fhreagairt a dhìth air duine sam bith faodaidh e fhéin foighneachd an uair a thilleas i dhachaidh a dh’Alba anns a’ Chéitean so tighinn.

titleAn Aithne Dhuibh ...?
writersFinlay John MacDonald, Derick Smith Thomson
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
notesNB. Cha robh ainm an ùghdair air fhoillseachadh san alt seo. Tha sinn a’ leantainn na sgrìobh Raghnall MacilleDhuibh gur e an co-dheasaiche Fionnlagh I. MacDhòmhnaill a sgrìobh an sreath ‘An Aithne Dhuibh...?’ air fad. (Gairm Index aig DASG)
parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page