Tiodhlac-Speis do Eachann MacDhughaill
Is ion-mholta an obair a rinn Mgr. Eachann MacDhùghaill ann an aobhar na Gàidhlige fad mhóran bhliadhnachan. Chuir e gu mór ri litreachas na Gàidhlige le a chuid sgrìobhaidhean (dealbh-chluichean, sgeulachdan, seanachasan, òraidean, bàrdachd, is eile). Bha e greis mhór air cheann Clann an Fhraoich agus Comunn na h-Oigridh, ’na Cheann-suidhe air Comunn Gàidhlig Ghlaschu, Céilidh nan Gàidheal an Glaschu, agus an Comunn Collach, agus ’na fhear-iùil anns a’ Chomunn Ghàidhealach. Bha ceangal aige ri iomadh comunn eile a chum togail suas cliù is leas ar daoine is na bhuineas daibh.
Tha sinn cinnteach gum bu mhath le móran cuideachadh leinn ann a bhith a’ dearbhadh do Mhgr. MacDhùghaill, ann an dòigh shònraichte, go bheil meas air na rinn e. A chum is gun cuirear an céill ar meas agus ar deagh-dhùrachd dha ann an dòigh iomchuidh, shuidhicheadh comhairle bheag a tha deònach gach ullachadh a dheanamh, agus tha sinn a’ cuireadh nan uile leis am miann sin tabhartas airgid a thoirt seachad a chum an aobhair so.
Cuiribh bhur tabhartasan, roimh an 15mh de’n Ghiblein, gu Mgr. Iain M. Moffat-Pender, Kiloran , 23 Hatfield Drive, Glasgow, W.2. ,no gu Tómas M. MacCalmain, 14 Kinross Avenue, Glasgow, S.W. 2. (Is feàrr na seòlaidhean a bhith am Beurla air eagal nach tuig muinntir na postachd a’ Ghàidhlig. ).
IAIN M. MACGILLE-NA-BRATAICH, Ceann-suidhe.
IAIN M. MOFFAT-PENDER, Ionmhasair.
T. M. MACCALMAIN, Rùnaire.
title | Tiodhlac-speis |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
reference template | Gairm 3 %p |
parent text | Gairm 3 |