“Gnothaich Bhoirionnach”
LE CAIRISTIONA NICAOIDH.
MA dheireadh thall, tha sinn a’ fàgail làimhe sgaoilte aig dorchadas a’ gheamhraidh agus a’ deanamh othail ri soilleireachd an earraich. Ach ma thà, chan eil dà dhòigh air nach e an rud as motha a tha ’tighinn fa-near dhuinne mar mhnathan tighe—glanadh tighe an Earraich! Anns a’ bhaile mhór gu sònraichte, tha toil aig mnathan a bhith an greim cho luath ’s a shaoileas iad gun do leag an ceò dubh grannda a bhrat air son na h-uarach mu dheireadh. Creidibh ged tha, gun cluinn sibh seanachas air an spàirn mhóir so fada mus tòisich i! Cluinnidh sibh air na sràidean iad—mnathan a’ deanamh deasbaireachd air paipear balla ’s air pent; air stuth glanaidh ’s air stuth gleusaidh. Ma dh’éisdeas sibh riutha uile, cha bhi nì ann am buth a’ mharsanta nach bi sibh a’ sireadh ’s a’ ceannach.
Bithidh fear an tighe a’ deanamh dheth nach eil anns an dol air adhart so ach seòrsa de anshocair do’m bheil na mnathan buailteach aig an ám so de’n bhliadhna! Anshocair a tha glé ghabhaltach gu dearbh! Fad seachdaine no corr, tha an tigh bun os cionn. Chan fhaighear nì ’na àite àbhaisteach. Aig ám dìnearach, cha bhi sgeul air dìneir agus feumaidh an duine bochd a bhith riaraichte le cupan tea agus ceapaire càise, ’na shuidhe air stòl anns a’ chidsin. Nuair a bhios dùil aige snàgadh as an rathad gun fhios gun fhàth, thig glaodh air e thighinn a dh’fhàsgadh phlaideachan no a ghluasad dreasair. Chan fhaigh e fiù ’s a’ phìob a lasadh no sùil a thoirt air paipear naidheachd.
ACH anns a’ bhliadhna shònraichte so, tha cuspair eile air bilean nam mnathan—Crùnadh na Banrigh. Chan eil paipear naidheachd, agus chan eil leabhran bhan a dh’fhosglar anns nach leughar mun ullachadh a thàtar a’ deanamh mu choinneamh an latha mhóir. Bithidh gach baile fad’ is farsuinn air feadh Bhreatainn gu léir a’ cur an uidheam ann an iomadh dòigh a chum gàirdeachas an t-sluaigh a nochdadh agus am meas air a’ bhanrigh òig a chur an céill. Tha na bùthan làn le cuimhneachain de dh’iomadh seòrsa—bràistean , is fàinneachan is neapaigean pòcaid cho math ri truinnsearan, cupannan is soithichean eile. Tha móran de fhasain ùra na bliadhna air an stéidheachadh (ann an dòigh air choireigin) air na fasain a bha ann ri linn nan Tudors an uair a bha Ealasaid eile ’na banrigh air Sasunn.
Ach ’s iad a bhios ’nan othail a’ chlann! Gheibh iad trì làithean far na sgoile aig ám a’ chrùnaidh agus nach mór an t-aobhar gàird-
eachais sin fhéin. Chan eil pàisde de aois sgoile air feadh na dùthcha nach fhaigh cuimhneachan beag air choireigin.
Tha fios gum bi feill mhór air an telebhisean an uair a thig an t-ám. Tha mi a’ cluinntinn gum bheil ullachadh ’ga dheanamh mar thà gus cruinneachaidhean beaga a chumail ann an tighean aig am bheil telebhisean, ach feuchadh sibhse an urrainn dhomhsa smaoineachadh air aon de mu luchd-eòlais aig am bheil e. Ach mar a fhaic sinn an crùnadh, tha fios gum faic sinn sealladh beag de’n bhanrigh an uair a thig i nuas do dh’Alba anns an Og Mhìos.
THA mi a’ cluinntinn gum bheil comhairle Aitreabh nan Gàidheal an Glaschu deònach air oidhirp mhóir a dheanamh gus togalach ùr a chur an àite na seann té. Tha e coltach gum bheil an h-uibhir de chomuinn Ghaidhealach an tòir air seòmraichean fhaighinn agus gum bheil an Aitreabh, mar a tha i an dràsda, fada ro bheag. Chan eil móran Ghàidheal ann an Glaschu nach do chuir seachad feasgar mùirneach uair no uaireigin airElmbank Street, agus ged is fheudar, is ann le seòrsa de chianalas a chuireas sinn cùl ris an t-seann togalaich. An uair a chaidh an t-àros so a cheannach an toiseach, chaidh a bhuileachadh mar chuimhneachan air na Gàidheil a chaill am beatha anns a’ cheud chogadh mhór.
Tha móran airgid r’a lorg mun ceannaichear Aitreabh ùr. Tha móran oidhirpean gan deanamh air feadh na dùthcha, agus tha mi a’ cluinntinn gum bheil Féill Mhór gu bhith ann an ath bhliadhna, anns am bi gach comunn Gaidhealach ann an Glaschu a’ co-phàirteachadh. Am bheil cuimhne agaibh air an Fhéill Mhóir a bha aig a’ Chomunn Ghaidhealach bho chionn trì bliadhna? A leithid eile mata! Agus feuch sibh fhéin gun tòisich sibh ’s an deagh ám air fuaigheal ’s air fighe.
MU’M bi Gairm an clò, ’s dòcha gum faic sibh anns na bùthan na còtaichean ùranylonair am bheil sinn an diugh a’ cluinntinn iomraidh. Tha iad coltach ri còtaichean béin, agus gu dearbha, tha iad ag ràdha rium gum bheil e duilich feadhainn aca aithneachadh bho chòtaichean ermin, agus feadhainn eile bho chòtaichean beithir. Tha mi’n dòchas gum fainichear air a’ phrìs iad. Tha aon mhathas orra—gabhaidh iad glanadh le uisge ’s le siabunn!
NACH b’uamhasach fhéin an toiseach earraich a bh’ann le gaoith ’s le gailleann. Chan fhacas anns na paipearan naidheachd fad làithean ach sgeul air creich ’s air dórainn. Rinneadh milleadh cianail air bàtaichean iasgaich air an taobh siar, ach, taing do’n t-Sealbh, cha do chailleadh beatha mar a chailleadh an Sasunn. Am measg an fheadhainn a bha an teas mheadhon an uamhais an ceann a deas Shasuinn, bha seana bhean a Barraidh, aois ceithir fichead ’s a seachd. Fad ùine mhóir dhiùlt i a dachaidh fhàgail, oir cha bu lugha oirre-se an tuil ’s hó-ró taca ris a’ Chuan Sgìth air an robh i eòlach. Ach mu dheireadh thall thug i thairis leis an fhuachd agus thugadh air falbh gu tigh fasgaidh i. Tha sinn duilich nach cuala sinn an t-ainm aice, ach tha sinn an dòchas gum bheil i slàn fallain.
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
reference template | Cairistiona NicAoidh in Gairm 3 %p |
parent text | Gairm 3 |