A’ Mharag
Le CEIT NICDHOMHNUILL.
“ ’S fheudar gum bheil Iain Mór gu bhith ri marbhadh” arsa Domhnull ’se tighinn dhachaidh feasgar an t-seachdain so chaidh. “Chunnaic mi e a’ tighinn a nuas am bruthach agus caora aige air ceann ròp.”
“Gu sealladh an t-Àgh orm” arsa mi fhìn “chan iongnadh ged a tha pluicean a’ tighinn air fhéin ’s air Màiri. Chan eil mìos bhon mharbh e molt na bliadhn’ ùire agus bha ceathramh—mur an robh an corr—aige de mhart Uilleim Thormoid.”
“Gu dearbh matà,” arsa Domhnull, “cha chuir i so móran sail orra. ’Se mo bheachd fhìn gur e cho caol ’s a bhà i a thug air a toirt dhachaidh.”
“O, siuthad thusa, Dhomhnuill,” thuirt mi fhìn, “ach tha mise fada ceàrr mur a bheil rudeigin fo’n eun aig Màiri.”
Shaoileadh sibhse leis mar a tha mise a’ bruidhinn gur ann a tha mi fhìn ’s Màiri a mach air a chéile. Ach ’sinn nach eil. Tha meas mór agamsa air a’ chreutair ach tha i eagallach falachaidh ann an cuid de rudan. Ach so aon rud anns nach leigeadh i leas a bhith falachaidh no falachaidh; ma bha i an dùil ri marbhadh na caorach a chleith ormsa bha i fada fada ceàrr. Gabhaidh a leithid cleith air Lloyd George bochd (ged nach e an Lloyd George a b’aithne dhuinne a th’ann) ach cha ghabh e cleith air Ceiteig. Agus, co-dhiùbh, chan eil uair a mharbhas sinne beathach nach eil ise a’ faighinn deagh chaob dheth. Ach tha mi a’ cur stad air mo sheanchas . . . .
Nis tha e mar chleachdadh agam-sa bho chionn mìos an so, a bhith dol a null a thigh Iain a h-uile feasgar Di-Ciadain a dh’éisdeachd ris an t-searmon Ghàidhlig air an radio. Chan eil an te againn fhéin ag obair bhon a chur Domhnull air dòigh i, ach, co-dhiùbh, ’s ann is math leamsa sgrìob a thoirt a mach. ’S ann ainneamh a bhios Domhnull a stigh mu’n ám ud de’n latha, agus chan eil blas air searmon an uair nach eil cuideigin còmhla riut.
Mar sin, cha b’e droch rud sam bith a bha ’nam bheachd an uair a thug mi ceum a null gu tigh Iain Mhóir feasgar Di-Ciadain. “Ach a Cheit” arsa mise rium fhìn” ’s dòcha nach e searmon a bhios air aire dhaoine an diugh!” Agus mar a thubhairt b’fhìor.
Cho luath ’s a nochd mi a steach thàinig am fàileadh mharag a b’uamhasaiche orm, agus an àite a bhith ’na suidhe gu stòlda ’s am Biobull ’na h-uchd ’s ann a bha Màiri ’na fuil ’s na fallus a’ fuaigheal na maodail mhóir. Bha poit a’ plupadaich air an teine, agus air an dreasair mu mo choinneamh bha truinnsear agus trì maragan eile air. Thug i leum gus a chur am falach ach bha i tuilleadh ’s fada. Chunnaic Ceit ’na bha ri fhaicinn! Thug mi’n aire ’s an dol seachad gun robh móran treallaich mun bhòrd nach fhaca mise riamh a’ dol am broinn maraig, ach cha do leig mi dad orm.
“Chan eil fios có tha searmonachadh an diugh?” arsa mi fhìn ’s mi cur dhìom mo chòta.
“O” ars’ ise “chan eil biùc aig an radio an diugh. Theirig e leis na h-òrain Ghàidhlig oidhche Di-Luain ’s tha mi eagallach tàmailteach.” Thuig mi fhìn glé mhath gur e ’bhreug a bh’aice ach
cha do leig mi dad orm, ’s chùm ise oirre. “Am bheil thu tighinn a nall an ath oidhch? Tha oidhche mhór gu bhith againn.”
“O” arsa mise “gu dé so?”
“Tha sinn a’ deanamh suipearach mar chuimhneachan air prìomh bhàrd ar dùthcha.”
“Gu dearbh” arsa mi fhìn “Màiri Mhór nan Oran.”
Nam faiceadh tu am plìon a thainig air a h-aodann. “Obh, obh, chan i—ach Rob Burns!”
Tha mi cinnteach gun robh i an dùil nach cuala mise guth riamh air Rob, ach clan eil Ceit cho gorm! An uair a bha mise òg, bha fear Gallda a’ suirghe orm agus bhiodh e an còmhnaidh a’ seinn òrain a bha ag ràdh gun robh mi coltach ri ròs dhearg, dhearg, agus ’se Burns a rinn e. Cha mhór a b’fheàirrde am fear Gallda sin ma tha, an uair a thàinig Domhnull leis na h-òrain Ghàidhlig.
Ach, co-dhiùbh, cho luath ’s a dh’ainmich Màiri Rob Burns thuig mise nach e marag a bha Mairi a’ deanamh ach haigis! “Gu dearbh mata” arsa mi fhìn “b’fheàrr dhut gu mór cuimhne a chumail air bàird d’eilean fhéin, ’s cha leigeadh tu leas caora no molt a mharbhadh. ’S airson na haigis a tha sin—bhiodh cho math dhut a deanamh ann an té de na stocainnean glùine aig Iain.”
Cha do chòrd sud rithe. Ach bha mise coma co aca. Thilg mi orm mo chòta ’sa dh’fhalbh mi. An uair a dh’innis mi do Dhomhnull mar a bha, rinn e mothal gàire. “Maragan no haigis dha bheil agad oirre, cha robh de gheir anns a’ bhrùid ud na lìonadh caolan. Feumaidh gur e té de na mulachagan làrd a thainig air an tràigh a tha i a’ cur gu buil.”
Thainig oidhche Di-ardaoin ’s thog mise orm. Cha b’e cho deidheil ’s a bha mi air a’ haigis, no idir idir cho deidheil ’s a bha mi air bàrdachd Burns a chuir a mach as an tigh mi, ach dìreach gum bu mhath leam fhaicinn gu dé bha dol air adhart ’san tigh thruagh ud.
Mar a bha mi an dùil ’s e uaislean na sgìreachd a bha’n làthair. Bhà’n dotair ann leis an fhéileadh, ’s gu dearbha ’s olc a thig e air iosgaidean caola. Bha am maighstir sgoile ann agus a’ bhean, agus am bàillidh ’s a bhean cuideachd. Bha slaoid mhór eile ann nach do dh’aithnich mise gus an do dh’innis e fhéin dhomh gur ann ag obair aig an‘hydro’a bha e. ( ’S e mar a gheibh Màiri a stigh air a h-uile duine!) Bha feadhainn eile ann nach robh cho uasal—mar a bha mi fhìn is Curstaidh Neill ’s am polasman, ’s tha mi cinnteach nach e na bha de dh’iarraidh oirnn a dh’fhàg ann sinn.
’S ann shìos anns an rùm a bha’m bòrd air a shuidheachadh. ’D eile ach an rùm! Cha robh teine ann riamh o’n latha bha iad a’ glanadh simileir a’ chidsin an uiridh agus gu dearbha cha robh e ach gu math aognaidh. Bha na boirionnaich eile air chrith ’nam muilcheanan goirid ’s bha mi fhìn glé thoilichte gun do do chuir mi orm an cardagan cloimhe.
Ach ’s ann an sud a bha ’m bòrd! Cha robh aon chàil air a rinn Màiri fhéin ach aon fhoileag thruagh. Bha eallach a croite de bhrioscaidean a Cho-op aice agus bonnach milis eile a bha an uinneag bùtha Choinnich bho chionn corr is mìos. Bha mise de’n bheachd, a réir ’s mar a bhithinn a’ leughadh anns na paipearan naidheachd, nach bu chorr rudan grinn mar sud a bhith aig suipear Burns—chan e gun robh
iad cho uamhasach grinn, ach bha iad, mar gun canadh sibh, as an rathad.
Cha robh sgeul air bean tighe! Ach bha Iain truagh a’ praoisgeil beurla cho math ’s a b’urrainn dha ri fear an“hydro, ”ach bha mi fhìn a’ crac anns a’ Ghàidhlig ri Curstaidh Neill. (Tha e uamhasach duilich Beurla a bhruidhinn ri feadhainn as aithne dhut!)
Sùil dhan tug mi fhìn air Curstaidh, nach ann a chunnaic mi i a’ cuimseachadh a beòil gu toiseachadh air Beurla ri fear an“hydro, ”ach an àite sin nach ann a rinn i an tapag a b’uamhasaiche an uair a chualas ràn na pìoba móire anns a’ chidsin. ’S e cheud rud a thainig a steach orm fhìn gur i Màiri a bha ’dol a nochdadh le na duis air a gualainn (duis na pioba tha mi a’ ciallachadh) ach cha b’ì! Nochd Aonghas Chaluim a steach le seann deiseHome Guardair agus fuaim aige air “Bùth Dhomhnuill ’Ic Leòid.” Có a bh’air a chùlaibh ach Màiri le dreasa mhór dhubh oirre a cheannaich i an uair a chaochail a màthair agus aiseid mhór liath aice os cionn a cinn. A leithid de shealladh chan fhaca mise riamh. Bha mo shùil fhìn air a’ mharaig mhóir uamhasaich a bha a’ rolladh air ais ’s air adhart air an aiseid, agus bha e cho math gun robh. Tha e coltach gun robh an cù ’na laighe fo’n bhòrd agus an uair a chuala e an t-sraoilich leig e glamhadh as agus rinn e mach mu chasan Màiri. Sud a mach a’ mharag agus bha e cho math gun robh mise ann gus a glacadh ’nam achlais. Cha bu mhisde a’ mharag dad a turus ach a mhàin gun robh i rud beag mollach an déidh a’ chardagan agamsa. Co-dhiùbh no co-dheth, chàirich sinn air a’ bhòrd i ’s shuidh sinn a steach. “Siuthad Iain” arsa Màiri “dean an t-altachadh.” Dh’éirich an duine bochd agus thug mi fhìn an aire gun robh rudhadh air a ghruaidh nach robh uile gu léir nàdurra, agus thuirt mi rium fhìn gur ann a’ dol a dh’fheuchainn air an altachadh anns a’ Bheurla a bha e. Ach feuch an ann. Cha b’e Beurla no Gàidhlig a bh’aige ach rann beag goirid nach tuigeadh duine sam bith. “Obh, obh,” arsa mise rium fhìn, “mar a tig breitheanas air an tigh so, chan eil guth ri ràdh.”
Thug mu sùil air Bean Alasdair Ruaidh ann an dùil gum biodh ise cuideachd a’ gabhail uamhais, ach nach ann a thionndaidh mo laochag ri Alasdair agus ars’ ise“ ’Se altachadh Bhurns fhéin a tha sgiobalta ’s chan e na rannghalan a bhios tusa a’ deanamh.” Nach beag a dh’fhios aig duine có th’aige!
Thòisich roinn na maraige agus dh’aithnich mi fhéin ’s a spot nach robh an dòigh cheart aig Màiri air roinn no air riarachadh. Ciamar a bhitheadh—te nach robh aig a cosnadh riamh mur do rinn i latha sgùraidh anns a’ mhansa. Bha i a cheart cho Gaidhealach mun ghnothaich ’s ged nach biodh ann ach i fhéin ’s Iain, ’s bha sin Gaidhealach gu leòir.
Cho luath ’s a bhlais mi air a’ mharaig thuig mi gur e’n fhìrinn a bh’aig Domhnull mu chor na caorach. Cha ghann nach robh i bog plannach ach dh’aithnicheadh duine sam bith nach b’e geir cheart a bha innte. Ach bha a h-uile duine cho trang ’ga sticeadh sìos ’s nach robh guth ’ga ràdha, agus thuig mi fhìn glé mhath nach robh i a’ còrdadh ri duine ach Màiri fhéin agus fear an“hydro. ”Bha ’n seabhaltach ud a’ dol rithe mar nach fhaca e greim bidhe riamh agus thuirt mi rium fhìn gur e Sasunnach a bh’ann.
[Sanasan]
An uair a bha a’ chuirm seachad thòisich an òinseallachd cheart. Dh’éirich am maighstir sgoile agus rinn e òraid mhór mu dheidhinn a’ bhàird. Tha mi cinnteach gun robh na bha an duine ag ràdha ciallach gu leòir, ach ’se bha eagallach a bhith faicinn Màiri a’ gnogadh a cinn mar gum biodh i aig coinneamh cheist. Cha robh ceòl sgur aig a’ mhaighstir sgoile ’s bha mi fhìn glé thoilichte an uair a bhuail an aileag e agus a b’fheudar dha suidhe. Thuirt an dotair beagan an uair sin agus ’s ann a theab cuairt tighinn orm an uair a ghairm e air bean an tighe gus rann a thoirt dhuinn. Ach, feuch thusa, dh’éirich Màiri aig ceann a’ bhùird agus an déidh casad beag no dhà a dheanamh—a bheireadh a chreidsinn ort gun robh i eòlach air bruidhinn—thòisich i air“Tam o’ Shanter. ”
Thug mise uinnleag do Churstaidh Neill, agus ma thug, thòisich a’ phraoisgeil. Bheirinn rud sam bith air a bhith air taobh eile an doruis. Ach chùm Màiri roimpe agus ghabh i dà cheathramh de’n rud a bh’ann agus dh’aithnich mi fhìn gun robh e failleachadh oirre. Dh’aithnich agus an dotair, agus thòisich esan air bualadh nam bas feuch an saoileadh daoine gun robh i ullamh.
Gann a chreidinn mo chluasan an uair a chuala mi an dotair a’ faighnich dhiom fhìn an gabhainn rann. Nise, cha do choisinn mise bonn òir riamh ach ’s math as aithne dhomh puilleachdan beag òrain a ghabhail, agus leis mar a bha mi air mo thàmailteachadh nach ann a thuirt mi gun gabhainn “Ged tha mo cheann air liathadh.”
Thainig plìon air aodann Màiri, agus thainig e fodham té de bhrioscaidean a Cho-op a thoirt dhith eadar an dà shùil, ach chum mi orm agus an uair a ràinig mi an rann mu dheireadh—
“ ’S na Sasunnaich air am fuadach
A Eilean uain a’ cheò.”
thug mi sùil mhì-cheutach air fear an“hydro”ach bha ’n trusdar ’na chadal.
Chan eil fios dé cho math ’s a chòrd mi ris an dotair ’s ris a’ mhaighstir sgoile— ’s aithne dhoibhsan rud math an uair a chluinneas iad e—ach bha mi air mo thàmailteachadh an uair a dh’iarr an dotair air a’ Ghall dùsgadh agus fear de dh’òrain Burns a thoirt dhuinn.
Dh’éirich esan. Rinn e meuran mór agus shéid e ’shròn agus thug e sùil ormsa. Cha do thuig mi fhìn carson an toiseach, ach nach ann a rinn an trusdar òraid bheag ag innse gun robh e anns an Eilean an uair a bha e ’na bhalach agus gun gabhadh e òran a bhiodh e a’ gabhail an uair sin. Cha do shaoil mi fhìn dad de’n rud a bh’ann, ach nach ann a thòisich e agus e a’ sìor choimhead orm. Agus am bheil fios agaibh dé a ghabh e? Ghabh an t-òran ud a dh’ainmich mi, mun ‘ròs dheirg, dheirg’ agus ’s ann an uair sin a dh’aithnich mi có a bh’agam!
Cha do rinn mi dad ach leum gu mo chasan agus a ràdha ri Màiri nach robh mi gu math. Rinn mi air an dorus agus dhachaidh gu Domhnull cha luath ’s a b’urrainn dhomh. Ars’ esan an uair a nochd mi, “An cuala tu có a tha ’s a’ bhaile, a Cheit? An Gall grannda ud a bhiodh a’ gabhail òrain Bhurns dhut mun tàinig mi fhìn an rathad!” Rinn Domhnull snodha gàire, ach cha do leig mise smid orm.
title | A’ Mharag |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
reference template | Ceit NicDhomhnuill in Gairm 3 %p |
parent text | Gairm 3 |